Ann an co-theacsaichean mhòr-chànan, is tric a bhithear a’ smaoineachadh air coimhearsnachdan “Ceilteach” mar àiteachan gu h-iomlan fantasach, làn bhàrd is dhraoidh is chleachdaidhean pàganach is shluagh sìmplidh a tha beò fhathast sna linntean a dh’fhalbh. Tha ùghdaran fantasachd air a bhith a’ tarraing air litreachasan is cultaran “Ceilteach” bho chionn linntean a-nis — gu deimhinne, bho chionn nam Meadhan-aoisean, nuair a sgaoileadh sgeulachdan Artaireach air feadh na Roinn-Eòrpa.
Nuair a thòisich sgeulachdan fantasach a’ nochdadh ann an irisean “pulp” aig deireadh an 19mh linn is toiseach an 20mh linn, nochd sgeulachdan, creutairean, is caractaran “Ceilteach” — no le freumhan “Ceilteach” — sa bhad. Chithear mar eisimpleir bràthair is piuthar Èireannach san nobhail The Citadel of Fear, leis an ùghdar Amaireaganach Francis Stevens, a chaidh fhoillseachadh ann an 1918. Tha an Èireannachas — buaidh an sinnsirean “Ceilteach” — a’ leigeil leotha mothachadh do thachartasan os-nàdarra ann an dòigh nach eil comasach airson nan caractar neo-“Cheilteach,” agus aig a’ cheann thall is iadsan a chuireas stad air droch-dhia Aztecach a tha a’ bagairt air an t-saoghal, le taic o dhiathan eile a tha gan coltachadh ri seann “diathan” nan litreachas Meadhan-aoiseach Gàidhealach is Cuimreach. Tharraing sgrìobhadairean Beurla eile air cultaran Ceilteach, cuideachd, o H.P. Lovecraft a’ toirt abairt Ghàidhlig an iomlaid o Fhiona MacLeod (.i., William Sharp) gu Robert E. Howard a’ cruthachadh a’ “bharbaraich” aimeil aige “Conan,” a cho-cheangail e ri sinnsirean àrsaidh (ro-eachdraidheil) nan Gàidheal, na “Cimmerians,” sluagh a thionnsgail Howard fhèin.[1] Agus mar a bhios deagh fhios aig leughadairean na fantasachd, thug a’ Chuimris, gu h-àraid, buaidh mhòr air na cànanan cruthaichte aig J.R.R. Tolkien.[2]
Nuair a thàinig a’ ghnè litreachais fon ainm “fantasachd” ri chèile aig deireadh nan 1960an, ghiùlaineadh air adhart an Ceilteachas seo, is a-nis tha stuth “Ceilteach” aig cridhe na gnè, chan ann a-mhàin anns an fhantasachd Bheurla ach cuideachd air feadh an t-saoghail.[3] Mar a dhearbhas Angela R. Cox, ann an coimhearsnachdan fantasachd “Celticity holds an ever-present position in fantasy media, but in doing so it becomes effectively invisible because it becomes associated with the fantasy genre rather than any particular source culture.”[4] Mìnichidh Cox àite a’ Cheilteachais ann an spàsan fantasachd mar “double exposure”:
By forgetting the already Celtic milieu of modern fantasy’s origins, as traced through Arthurian legends, popularly translated texts such as the Mabinogion, and Tolkien himself, modern fantasy continues to look to Irish and Welsh cultures for mysticism, exoticism and otherness, overlaying on top of that tradition another layer of perceptions of Celticity. And, because the fantasy genre’s values encourage research but little criticism of that research beyond seeking ’originals,’ medieval, early modern and romantic interpretations of Irish, Welsh and other Celtic cultures become folded into the mix and further entrenched in popular imagination.[5]
’S e sin ri ràdh gu bheil diofar seòrsaichean Ceilteachas air am filleadh tron a chèile, ach tha rudeigin cumanta annta uile: an dì-cheangal o chultaran Ceilteach a tha no a bha beò — air neo, ged a bheirear sùil air stuth anns na cànanan Ceilteach, thèid an stuth seo a thuigsinn, mar as àbhaist, a rèir ro-bheachdan is seann eadar-mhìneachaidhean a dhiùltadh bho chionn leth-cheud bliadhna co-dhiù. Agus tha an dà chuid a’ neartachadh a’ cheangail chumanta eadar “Ceiltich” is fantasachd.
Mar thoradh air a’ cho-cheangal seo, dh’fhaodte creidsinn nach biodh àite ann airson Ceilteachas anns an fhicsean-shaidheans, ach mar a thionndaidheas a-mach chan eil sin buileach fìor, ged nach eil Ceiltich a cheart cho follaiseach. Chithear, ge-tà, buaidh a’ Cheilteachais anns a’ ghnè sin, is gu sònraichte anns an fho-ghnè ris an canar “romansa planaideach” no “claidheamh-is-planaid,” a leithid saothair Leigh Brackett, far am faighear caractaran le ainmean mar “Rhiannon,” “Fianna,” “Lugh,” is “Ban Cruach,” air neo an sreath Dragonriders of Pern, le Anne McCaffrey, a bha a’ fuireach ann an Èirinn is a’ cleachdadh ainmean Gàidhealach gu math tric.[6] Ged a tha e fìor, ma-thà, gu bheil buaidh a’ Cheilteachais nas làidire anns an fhantasachd, ann an dòigh chudromach tha Ceilteachas fillte tron dà ghnè seo, fantasachd is ficsean-saidheans.
Rinneadh am ficsean tuairmeasach — a’ gabhail a-steach fantasachd, ficsean-saidheans, agus uaireannan ficsean uabhais, no seòrsaichean sònraichte dheth — anns na cruthan a th’ againn an-diugh ann an co-theacsa a tha a’ tuigsinn nan cultar Ceilteach chan ann mar — ann am faclan Iain Mhic a’ Ghobhainn — “real people in a real place,” le eachdraidhean agus le cultaran, traidiseanan, is cànanan a tha na stàitean Albannach, Breatainneach, is Frangach iar a bhith a’ feuchainn ri sgriosadh bho chionn linntean, ach mar shealbhachas eastataigeach cumanta, stuth litreachais a tha a’ buntainn do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an saoghal nan draoidh is nam bàrd is nan sìthichean — ’s e sin ri ràdh, rudeigin a tha a’ buntainn dhan a h-uile duine is chan ann do choimhearsnachdan is do dhaoine is do shluaghan sònraichte.[7] A dh’aindeoin seo, ge-tà, tha sgrìobhadairean anns na cànanan Ceilteach air a bhith a’ togail innealan na fantasachd is an fhicsein-shaidheans bho dheireadh an 19mh linn chun an latha an-diugh. A-nis, gheibhear eisimpleirean de dh’iomadh fo-ghnè anns na cànanan Ceilteach, bho ùtopaidh is diostopaidh gu àrd-fhantasachd gu opara-fànais gu fantasachd bhailteil no cho-aimsireil.
’S dòcha air sgàth buaidh a’ Cheilteachais is gnàth-ìomhaighean nan Ceilteach air an fhantasachd, tha ficsean-saidheans air a bhith nas cumanta anns na cànanan Ceilteach na fantasachd, ach tha sin ag atharrachadh a-nis, beag air bheag. Tha iomallan nan gnè seo eadar-dhealaichte anns na cànanan Ceilteach na tha anns a’ Bheurla, san Fhraingis, no ann am mòr-chànanan eile — chun na h-ìre ’s gu bheil e iomchaidh a ràdh gu bheil fantasachd is ficsean-saidheans nan gnèithean anns na cànanan Ceilteach sa chiad dol a-mach.
Dè th’ ann an gnè, aig a’ cheann thall? Tha a’ cheist seo doirbh a fhreagairt: mar a thuirt an neach-fheallsanachd Ludwig Wittgenstein mu thuairisgeulan, “Nan robh cuideigin airson geur-sgaradh a dhèanamh, cha b’ urrainn dhomh aithneachadh mar am fear a bha mise an-còmhnaidh airson dèanamh cuideachd, no a bha mi air dèanamh nam inntinn. Oir cha robh mi airson sgaradh a dhèanamh idir.”[8] Tuigear am facal “gnè” ann an co-theacsa litreachais ann an seaghan gu math eadar-dhealaichte:
Nuair a bhruidhneas mi air “fantasachd” is “ficsean-saidheans” anns na cànanan Ceilteach, bidh mi a’ tarraing air a h-uile fear dhe na seaghan seo aig diofar amannan, ach ’s dòcha a’ ghnè mar choimhearsnachd-chleachdaidh — cho fad ’s a tha fhios agam, chan eil rud sam bith a leithid an t-seòrsa choimhearsnachdan-spèise a gheibhear mun cuairt air fantasachd is ficsean-saidheans sa Bheurla no ann am mòr-chànanan eile ri fhaighinn ann an gin dhe na cànanan Ceilteach.[15]
’S ann a tha còmhraidhean leantainneach ann, ge-tà, co-dhiù gu ìre, a chithear ann an iomraidhean is freagairtean — Máiréad Ní Ghráda ag ainmeachadh an eadar-theangachaidh de The War of the Worlds, le H.G. Wells, a rinn Leon Ó Broin anns an nobhail aice Manannán (1940), m.e., no William Owen Roberts (Cymru Fydd, 2022) is Bryn Jones (“Hunllef yng Nghymru Fydd,” 2025) a’ toirt iomradh follaiseach air an nobhail fhicsein-shaidheans ainmeil le Islwyn Ffowc Elis, Wythnos yng Nghymru Fydd (1957).[16] Agus, gu deimhinne, bidh iomadh sgrìobhadair anns na gnèithean seo anns na cànanan Ceilteach a’ faighinn brosnachadh o shaothraichean ann an cànanan eile — tha Peredur Glyn anns a’ Chuimrigh, mar eisimpleir, a’ togail an traidisein de dh’uabhas cosmach a stèidhich H.P. Lovecraft anns a’ Bheurla, ged a tha cruth eadar-dhealaichte air anns na sgeulachdan is nobhailean aig Glyn. Bhon t-sealladh seo, dh’fhaodte gum biodh e ceart a ràdh — co-dhiù gu ìre — gu bheil an fhantasachd is am ficsean-saidheans anns na cànanan Ceilteach nam frith-sheòrsa de dh’fhantasachd is de dh’fhicsean-saidheans anns a’ Bheurla is anns an Fhraingis (airson na Breatainnis), ach cuideachd gu bheil an suidheachadh seo ag atharrachadh, beag air bheag, fhad ’s a dh’fhàsas na gnèithean seo anns na cànanan Ceilteach fhèin.
Tha a’ mhargaideachd airson leabhraichean anns na cànanan Ceilteach gu math diofraichte seach mar a tha ann am mòr-chànanan, leis gu bheil na margaidean fhèin cho beag. Ach gheibhear “Fantasachd & Ficsean Saidheansail” mar roinn-sheòrsa ann am bùth air-loidhne Chomhairle nan Leabhraichean, is roinntean-seòrsa dhe leithid aig Ffolio, bùth Chyngor Llyfrau Cymru: “Ffuglen wyddonol” [Ficsean-saidheans], “Ffuglen arswyd, straeon ysbryd a goruwchnaturiol” [Ficsean uabhais, stòraidhean taibhse is os-nàdarra], is an còrr. Cha ghabh leabhraichean seòrsachadh a rèir ghnè air làrach-lìn an tSiopa Leabhar, gu mì-fhortanach — fhathast? — ach tha e coltach gu bheil foillsichearan anns na cànanan Ceilteach a’ mothachadh gu bheil luchd-leughaidh ag iarraidh leabhraichean anns na gnèithean seo, co-dhiù.
Tha e fìor, cuideachd, ge-tà, gu bheil leabhraichean anns na cànanan Ceilteach a dh’fhaodte aithneachadh mar “fantasachd” is “ficsean-saidheans” ach a tha gan riochdachadh mar leabhraichean “litreachasail” — smaoinich air Tilleadh Dhachaigh (2008), le Aonghas Pàdraig Caimbeul, anns a bheil prìomh-ealamaid fhantasach (taibhse) ach air a cur an cèill ann an dòigh “litreachasail.” Dh’fhaodamaid cuideachd smaoineachadh air Melog (1997), leis an ùghdar Chuimris Mihangel Morgan, anns a bheil dà dhùthaich fhicseanail a’ nochdadh — dùthchannan a dh’fhaodadh a bhith ficseanail fiù ’s taobh a-staigh na nobhaile fhèin — ged a tha an còrr dhen nobhail fìorach. Dh’aithnicheadh cuid de luchd-leughaidh nobhailean dhen leithid seo mar fhantasachd no ficsean-saidheans airson adhbharan eile. Ann an aiste tràth aige, “About 5,750 Words,” mar eisimpleir, mìnichidh an sgrìobhadair is neach-teòiridh Samuel R. Delany beachd-smuain ris an canadh e fo-leantachd (.i., subjunctivity), càileachd chànanach a’ tha a’ toirt tuairisgeil air an dàimh eadar saoghail an teacsa is an saoghal “fìor”:
Subjunctivity is the tension in the thread of meaning that runs between [...] sound-image and sound-image. Suppose a series of words is presented to us as a piece of reportage. A blanket indicative tension (or mood) [tuigtear “mood” san t-seagh ghràmarach an seo] informs the whole series: this happened. That is the particular level of subjunctivity at which journalism takes place. Any word, even the metaphorical ones, must go straight back to a real object, or a real thought on the part of the reporter.[17]
Tha fo-leantachdan fa-leth aig diofar ghnèithean is fho-ghnèithean litreachais, their Delany: “could have happened” airson ficsean fìorach, “could not have happened” airson fantasachd, “have not happened” airson ficsean-saidheans, is mar sin air adhart.[18] Faodaidh sinn — gu ìre, co-dhiù, gnè teacsa a thuigsinn tro bhith ag aithneachadh na fo-leantachd ann.
Air làimh eile, bruidhnidh an neach-teòiridh Darko Suvin, a’ tarraing air an fhoirmeileach (.i., formalist) Ruiseach Viktor Shklovsky, air èifeachd ris an canadh Suvin eileachadh cognatach (.i., cognitive estrangement) anns an fhicsean-shaidheans:
Where the myth claims to explain once and for all the essence of phenomena, SF first posits them as problems and then explores where they lead; it sees the mythical static identity as an illusion, usually as fraud, at best only as a temporary realization of potentially limitless contingencies. It does not ask about The Man or The World, but which man?: in which kind of world?: and why such a man in such a kind of world?[19]
Tha diofar ùghdaran a’ bruidhinn air a’ chàileachd seo ann an dòighean eadar-dhealaichte, ach ged a dhiùlt Suvin fantasachd uile gu lèir (“fantasy is inimical to the empirical world and its laws”)[20] tha ceangal soilleir eadar seo agus na beachd-smuaintean a bh’ aig Tolkien anns an aiste aige “On Fairy-Stories,” far am mìnich e èifeachd ris an canadh e ath-bhuannachd (.i., recovery):
Recovery (which includes return and renewal of health) is a re-gaining – regaining of a clear view. I do not say ‘seeing things as they are’ and involve myself with the philosophers, though I might venture to say ‘seeing things as we are (or were) meant to see them’ – as things apart from ourselves. We need, in any case, to clean our windows; so that the things seen clearly may be freed from the drab blur of triteness or familiarity – from possessiveness.[21]
Bruidhnidh Tolkien o shealladh Caitligeach, ach tha am bun-bheachd coltach ri beachdan Shuvin: tha fantasachd is ficsean-saidheans a’ nochdadh tuiteamas (.i., contingency) an t-saoghail, gum faodadh (agus is dòcha gum bu chòir) rudan a bhith eadar-dhealaichte, agus a’ sealltainn dhuinn ciamar a tha an saoghal againne air a structarachadh.[22] Ge b’ e ciamar a thuigeas sinn an èifeachd seo, no ge b’ e dè an t-ainm a bheir sinn air, tha e soilleir gu leòr, ar leamsa, gu bheil an luchd-teòiridh seo ag aithneachadh an aon rud, no rudan a tha gu math coltach ri chèile. Faodaidh sinn teacsaichean aithneachadh mar fhicsean-saidheans no fantasachd a rèir na h-èifeachd seo, ma-thà — a’ sealltainn dhuinn shaoghalan is chothroman eile gus am faic sinn gu soilleir an saoghal a tha mun cuairt oirnn — fiù ’s ma tha iad gan cur an cèill ann an dòigh “litreachasail.”
Gu dlùth co-cheangailte ri seo, mar a chomharraich mi roimhe, tha ceist na susbainte: dh’fhaodte a ràdh gu bheil teacsaichean a leithid Tilleadh Dhachaigh no Melog a’ buntainn dhan fhantasachd no dhan fhicsean-shaidheans leis gu bheil rudan fantasach no ficsean-saidheansail a’ nochdadh is a’ tachairt annta — taibhsichean, dùthchannan ficseanail, is mar sin. Mar a their Sami Schalk:
I use the term speculative fiction to reference any creative writing in which the rules of reality do not fully apply, including magical realism, utopian and dystopian literature, fantasy, science fiction, voodoo, ghost stories, and hybrid genres. By “rules of reality,” I mean culturally and historically specific social narratives about the possibilities and meanings of bodyminds, time, space, and technology, as well as our constructed notions of what constitutes a “real” disability, gender, race, and so on.[23]
Tha cuid mhòr de nobhail eile le Aonghas Pàdraig Caimbeul, Là a’ Dèanamh Sgèil do Là, suidhichte san t-saoghal againn fhìn, ach tha sgeulachd-fhrèama an leabhair suidhichte uaireigin ann an àm diostopach ri teachd: tha an neach-innse a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig air a’ choimpiutair aige oir cha ghabh a’ Ghàidhlig tuigsinn leis an t-siostam innealta a tha a’ sgrùdadh is a’ seòrsachadh gach rud.[24] Ged a bhithear ag ràdh gur e Air Cuan Dubh Drilseach (2013), le Tim Armstrong, a’ chiad nobhail fhicsein-shaidheans do dh’inbhich anns a’ Ghàidhlig, feumaidh sinn aideachadh gu bheil Là a’ Dèanamh Sgeul do Là co-dhiù a’ tarraing air innealan na gnè seo, ged a tha an leabhar ga thaisbeanadh mar fhicsean “litreachasail.”
Gu tric ’s e a leithid seo de sgeulachd — sgeulachd le, dh’fhaodamaid a ràdh, eileamaidean tuairmeasach innte — a bhithear a’ comharrachadh nuair a dhearbhas cuideigin gur e ficsean-saidheans no fantasachd a th’ ann an leabhar sònraichte, ge b’ e dè their ùghdar no sgioba margaideachd mun a’ chùis (faic, m.e., The Handmaid’s Tale (1985), le Margaret Atwood, a tha a’ diùltadh na leubail “ficsean-saidheans” airson a cuid obrach a dh’aindeoin a susbainte).[25] Air an làimh eile, ge-tà, tha cuid de luchd-leughaidh a dhiùltadh leabhraichean a leithid Là a’ Dèanamh Sgèil do Là no The Handmaid’s Tale air sgàth an càileachd “litreachasail” — leughadairean a theireadh nach eil plota gu leòr ann, mar eisimpleir, no gu bheil iad a’ feuchainn ro àrd, ag amas air Litreachas an àite a bhith a’ co-fhreagairt ri miannan an neach-leughaidh fhicsein-shaidheans/fhantasachd.
Aig toiseach nan 1990an, is e a’ feuchainn ri slighe a lorg tron iomadh tuairisgeul air “gnè,” mhol an neach-breithneachaidh Brian Attebery gun tuigte a’ ghnè mar — sna faclan aige — “fuzzy set,” coincheap a thàinig às an eòlas chognatach, a mhìnicheas e mar seo:
fuzzy set theory proposes that a category such as “bird” consists of central, prototypical examples like “robin,” surrounded at greater or lesser distance by more problematic instances such as “ostrich,” “chicken,” “penguin,” and even “bat” [...]. These latter members of the set are described in ordinary language by various hedging terms: they are “technically birds,” “birds, loosely speaking,” or even “birdlike.” A chicken can be a bird to some degree, in some contexts, for some purposes, and be something entirely different, like “farmyard animal,” for other purposes. Conversely, an insect may be birdlike enough to warrant a name like “hummingbird moth” or “ladybird”; the name expresses a perceived grouping.
Just so, a book may be a classic murder mystery, like Dorothy Sayers’s Strong Poison, or more or less a mystery, like her Gaudy Night, or somewhat of a mystery, like Mark Twain’s Pudd’nhead Wilson, or similar to a mystery in some respects, like Crime and Punishment. The category has a clear center but boundaries that shade off imperceptibly, so that a book on the fringes may be considered as belongong or not, depending on one’s interests. Is Oedipus a mystery?[26]
Bhon t-sealladh seo, chan eil gnèithean nan cearcallan dùinte ach nan lìonraidhean, far a bheil teacsaichean sònraichte anns a’ mheadhan — meadhan a ghluaiseas le ùine, agus meadhan a bhios rud beag eadar-dhealaichte airson gach neach-leughaidh — is teacsaichean eile co-cheangailte riutha sin, is teacsaichean eile co-cheangailte ris an fheadhainn ud air astar, gus an ruig sinn teacsaichean aig a bheil ceangal neo-dhìreach ris a’ mheadhan. Cha mhòr nach canadh a h-uile duine gur e leabhar fantasachd a th’ ann an The Lord of the Rings (1955), le Tolkien, mar eisimpleir,[27] ach chan aontaicheadh a h-uile duine gur e leabhar fantasachd a th’ ann am Melog, leis nach eil rudan gu follaiseach os-nàdarra a’ tachairt ann, no a th’ anns an nobhail aoireil seach-labhairteach Adventures of Eovaai, Princess of Ijaveo (1736), le Eliza Haywood, leis gun deach a sgrìobhadh fada, fada mus do shuidhicheadh an fhantasachd mar ghnè litreachais fa-leth, ann an co-theacsa cultarail is eachdraidheil gu tur eadar-dhealaichte.
Ach tha daoine a chanadh gum faod sinn Adventures of Eovaai no Melog a leughadh mar gur e fantasachd a th’ annta, agus tha seo gar toirt dhan tuairisgeul mu dheireadh: gnè litreachais mar chleachdadh-leughaidh — “reading protocols,” mar a th’ aig Samuel R. Delany air a’ chùis.1 Mar a mhìnicheas Delany a’ cheist, chan eil gnè na fheart “nàdarra” de theacsa sam bith: ’s e a th’ ann an gnè ach dòigh-leughaidh — a’ smaoineachadh air fuaimean is co-chàradh nam facal seach ciall mhionaideach nam facal anns a’ bhàrdachd, mar eisimpleir, no air mar a tha an saoghal air a thogail anns an fhicsean tuairmeasach. Chan eil seo ri ràdh nach eil susbaint an teacsa a’ buntainn ris a’ ghnè idir, ge-tà: faodaidh sinn teacsa sam bith a leughadh mar gum b’ e bàrdachd a bh’ ann, a’ toirt sùil gheur air comhardadh is uaim is mar sin air adhart, ach bidh seo nas fhasa — agus, math dh’fhaodte, nas soirbheachaile — le sonaid na le nobhail. Tha iomadh rud a’ stiùireadh nan cleachdadh-leughaidh a thaghas sinn airson teacsa: susbaint an teacsa fhèin, còmhdach an leabhair anns a bheil e a’ nochdadh, am moladh a fhuair sinn on a’ charaid a thug dhuinn e, an t-àite far an d’ fhuair sinn air an sgeilp e, is bàrrachd. Bidh mi a’ tarraing air a h-uile rud seo ann a bhith a’ sgrùdadh na fantasachd is an fhicsein-shaidheans anns na cànanan Ceilteach — no, nas fheàrr, ann a bhith a’ sgrùdadh theacsaichean anns na cànanan Ceilteach mar gur e fantasachd is ficsean-saidheans a th’ annta.
Uaireannan bidh seo gam thoirt gu teacsaichean nach molainn do leughadair Beurla a tha measail air, mar eisimpleir, obair Ursula K. Le Guin, no Isaac Asimov, no Nnedi Okorafor, no fiù ’s sgrìobhadair nas “litreachasaile” a leithid Jeff VanderMeer. Tha raon an fhicsean tuairmeasaich anns na cànanan Ceilteach — chun na h-ìre ’s gu bheil raon dheth ann idir — air fàs ann an dòigh eadar-dhealaichte is ann an co-theacsaichean eachdraidheil eadar-dhealaichte. Ma tha sinn airson fantasachd is ficsean-saidheans anns na cànanan Ceilteach a thuigsinn, tha e fìor gum feum sinn tuigsinn nach e rud sui generis a th’ ann — ged a tha sgrìobhadairean a’ faighinn brosnachadh cuideachd o litreachasan Meadhan-aoiseach is o bheul-aithris, tha buaidh mhòr aig saothraichean ann an cànanan eile air fàs na fantasachd is an fhicsein-shaidheans anns na cànanan Ceilteach.[29] Ach chan eil seo ri ràdh nach eil anns na gnèithean seo sna cànanan Ceilteach ach frith-bhuaidhean na fantasachd is an fhicsein-shaidheans ann am mòr-chànanan, nas motha. Mar a thuirt Pàdraig MacAoidh is Niall O’Gallagher mu litreachas na Gàidhlig:
Cha robh litreachas na Gàidhlig a-riamh na eilean, na aonar, gun cheanglaichean ri litreachasan eile. Gu deimhinn, cha robh agus chan eil e na eilean ann am muir mòr na Beurla. Bha e a-riamh na shruth, a’ co-mheasgachadh ri sruthan agus aibhnichean eile agus litreachasan, cànanan, faclan agus ìomhaighean an-còmhnaidh ann am flugs: ’s ann a-mach às a’ cho-mheasgachadh seo de chànanan agus de chultaran a bhios ‘litreachas’ a’ nochdadh.[30]
’S ann mar seo a tha gnèithean sònraichte a’ nochdadh, cuideachd. ’S e a tha inntinneach mu deidhinn na fantasachd is an fhicsein-shaidheans anns na cànanan Ceilteach — am measg rudan eile, gu deimhinne — ach na dòighean sa bheil sgrìobhadairean a’ togail, ag ath-chruthachadh, is a’ freagarrachadh nan gnè ann an co-theacsaichean “Ceilteach” a tha air a bhith gan riochdachadh, a’ mhòr-chuid dhen ùine, on taobh a-muigh — agus, aig a’ cheart àm, na dòighean sa bheil na sgrìobhadairean seo a’ cleachdadh chànanan a tha fhathast ro thric gan coimhead mar “ionadail” is “iomallach” airson sùil a thoirt air saoghalan farsaing, coigreach, ùra.[31]
Anns na h-aistidhean a leanas seo bheir mi sùil air ficsean-saidheans is fantasachd ann an trì dhe na cànanan Ceilteach: Cuimris, Gàidhlig na h-Alba, is Gàidhlig na h-Èireann. Ged a bu toil leam coimhead air a h-uile cànan Ceilteach, tha cnapan-starra ann a thaobh seo. An toiseach, ged a tha mi air a bhith gan lorg bho chionn cuid de bhliadhnaichean, cha deach agam fhathast air greim fhaighinn air na leabhraichean ficsein-tuairmeasaich a tha rim faighinn ann an Gàidhlig Mhanainn (agus dh’fheumainn mo chomasan-leughaidh a leasachadh gu mòr ged a gheibhinn). Agus, gu mì-fhortanach, chan eil Còrnais no Breatainnis gu leòr agam airson ficsean a leughadh annta. Nuair a bhios fios agam air teacsaichean anns na cànanan seo a ghabhadh co-cheangal ris na leabhraichean eile air am bruidhinn mi, nì mi iomradh orra, ach cha tèid agam ach air iomraidhean a dhèanamh.
Fiù ’s anns an raon lùghdaichte seo — trì cànanan an àite sia — tha pròiseact a leithid seo ag ìmpleachadh roghainnean: tha ficsean tuairmeasach gu leòr ri fhaighinn sna cànanan seo, is gu sònraichte sa Chuimris, far a bheil ficsean-saidheans is fantasachd — am measg ghnèithean poballach eile — air a bhith a’ sìor-fhàs bho chionn 2010. Tha iomadh dòigh sam faodainn taghadh a dhèanamh am measg nan teacsa uile seo: dh’fhaodainn cuspairean eadar-dhealaichte a thaghadh, mar a thachras gu tric is daoine a’ feuchainn ri fantasachd is ficsean-saidheans a chur an aithne do dhaoine ùra: teicneòlas, draoidheachd, riochdachadh is cleachdadh na h-eachdraidh, colonachd, is mar sin air adhart. Bhiodh cothroman sònraichte ann a seo, a’ làimhseachadh na fantasachd is an fhicsein-shaidheans anns na cànanan Ceilteach dìreach mar a làimhsichinn ficsean tuairmeasach sa Bheurla, seach a bhith a’ dèiligeadh riutha mar gun robh càileachd shònraichte “Cheilteach” aca.[32] Air an làimh eile, faodaidh an seòrsa eagrachaidh sin a bhith car meacanaigeach — agus, co-dhiù is nas cudromaiche, chan eil mi airson teacs-leabhar a sgrìobhadh. Chan e, gu mionaideach, Ficsean Tuairmeasach do Luchd-tòiseachaidh a tha seo, ged a tha mi an dùil — agus an dòchas — gun obraich e mar sin gu ìre. Leis gur mise aon neach-breithneachaidh, tha mi an dùil gun nochd tèamaichean àraid anns na leughaidhean agam an seo: cor (is còir) a’ chànain, eachdraidhean na colonachd, ciall “traidisein,” agus an còrr, ach chan e seo ri ràdh gur iad seo na h-aon tèamaichean a tha cudromach anns na teacsaichean air am bidh mi a’ bruidhinn. Bidh mi a’ sgrìobhadh aistidhean mar a thogras mi, a’ gluasad eadar cànanan is amannan, gus sealladh farsaing a thoirt air an fhicsean tuairmeasach (sgrìobhte) anns na cànanan Ceilteach, anns na cruthan uile a tha e a’ gabhail.
[1] Airson sgrùdadh nas mionaidiche air dàimh Lovecraft ris na “Ceiltich,” faic Sneddon, “‘The Celt’s far vision of weird and hidden things’?”; airson sùil air MacLeod/Sharp, faic an sreath alt a sgrìobh Josie Giles mu(n) d(h)eidhinn (a’ tòiseachadh le Giles, “On Wilfion and the search for trans stories”). Airson sgrùdadh air dàimh Howard ris a’ chultar Ghàidhealach, faic Dowd, “The Irish-American Identities of Robert E. Howard and Conan the Barbarian.”
[2] Airson mìneachadh dhen dàimh eadar Tolkien is a’ Chuimris, faic an òraid aige fhèin, “English and Welsh” (The Monsters and the Critics 162–97).
[3] Faic mar eisimpleir an nobhail 메르시아의 별 (2016, eadar-theangaichte gu Beurla le Anton Hur fon tiotal Blood of the Old Kings) leis an sgrìobhadair Choirèanach Kim Sung-il, anns am faighear “barbarach” on a’ cheann a tuath air a bheil an t-ainm Gàidhlig “Griogal” (268). Airson eachdraidh na fantasachd mar ghnè litreachais fa-leth, faic Williamson, The Evolution of Modern Fantasy, am measg thùsan eile.
[4] “Celtic appropriation in twenty-first-century fantasy fan perception” 207.
[5] “Celtic appropriation” 207, clò Eadailteach bunasach.
[6] Faic Brackett, The Sword of Rhiannon (1949), The Secret of Sinharat (1949/1964), is The People of the Talisman (1951/1964). Tha a’ chiad leabhar dhe na Dragonriders of Pern a’ tòiseachadh aig “Ruatha Hold,” ainm a tha a’ tighinn à Gàidhlig na h-Èireann: “Rua Átha [sic],” .i., àth ruadh (Chronicles of Pern 136). A bharrachd air an ainm-àite chudromach seo, tha caractaran a leithid “Sean O’Connell,” “Sorka Hanrahan,” is “Mairi” a’ nochdadh ann an Dragonsdawn (1988), mar eisimpleir.
[7] Faic Smith, “Real People in a Real Place”; faic cuideachd Anwyl, “Consuming Welshness”; Harrington, “The Celts Meet Celtic Fantasy”; agus ní Dhúill, “An gCeapann Údair Fantaisíocht Nach Bhfuil sa Ghaeilge ach ‘Elvish” Lascainithe.”
[8] “Wenn Einer eine scharfe Grenze zöge, so könnte ich sie nicht als die anerkennen, die ich auch schon immer ziehen wollte, oder im Geist gezogen habe. Denn ich wollte gar keine ziehen” / “If someone were to draw a sharp boundary, I couldn’t acknowlege it as the one that I too always wanted to draw, or had drawn in my mind. For I didn’t want to draw one at all” (Philosophische Untersuchungen §76). Eadar-theangachadh gu Gàidhlig leamsa.
[9] Faic Rieder, Science Fiction and the Mass Cultural Genre System is Radway, Reading the Romance.
[10] Faic Williamson, Evolution is Wolfe, Evaporating Genres 54–67.
[11] Faic, m.e., Chu, Do Metaphors Dream of Literal Sleep?; Delany, “About 5,750 Words”; is Suvin, Metamorophoses of Science Fiction.
[12] Faic Csicsery-Ronay, The Seven Beauties of Science Fiction; Mendlesohn, Rhetorics of Fantasy; is Todorov, “Typologie du roman policier.”
[13] Faic Attebery, Strategies of Fantasy.
[14] Faic Delany, Starboard Wine 153–202.
[15] A rèir coltais, ge-tà, bha coimhearsnachd-spèise airson cloinne/dheugairean anns a’ Chuimrigh anns na 1970an, co-cheangailte ris an t-sreath leabhraichean Gari Tryfan, le Idwal Jones, nobhailean beachdaireachd is dàna-thurais le eileamaidean ficsein-shaidheans. Cho fad ’s a tha fhios agam, ge-tà, cha do sgaoil seo nas fhaide na an “Clwb S.O.S.” airson leughadairean Gari Tryfan — cha robh, mar eisimpleir, còmhdhailean-spèise ann mar a tha ann an saoghal na Beurla, cho fad ’s a tha fhios agam.
[16] Airson luchd-leughaidh aig nach eil Cuimris, chaidh an leabhar seo eadar-theangachadh gu Beurla le Stephen Morris fon tiotal A Week in Future Wales (2021).
[17] “About 5,750 Words” 10, clò Eadailteach bunasach.
[18] 10–11, clò Eadailteach bunasach.
[19] Metamorphoses 7. Faic cuideachd Shklovsky, “Art, as Device” agus Freedman, Critical Theory and Science Fiction.
[20] Metamorphoses 8; faic, ge-tà, Suvin, “Considering the Sense of ‘Fantasy’ or ‘Fantastic Fiction.’”
[21] The Monsters and the Critics 146.
[22] Air a’ phuing seo faic, m.e., Schalk, Bodyminds Reimagined.
[23] Bodyminds Reimagined 17, clò Eadailteach bunasach. Tha an tuairisgeul seo gu sònraichte feumail leis gu bheil Schalk ag aithneachadh gu bheil “the rules of reality” nan co-structar sòisealta, ag atharrachadh ann an co-theacsaichean eachdraidheil eadar-dhealaichte: “in terms of technology, air travel would have defied the rules of reality for people in the Middle Ages and yet it is an accepted possibility today even for those who have never experienced this type of travel themselves” (17). Tha ceistean ann, fhathast, ge-tà, mu cheist na “fìorachd” — faic Wolfe, td. 68–82.
[24] Tha e inntinneach aithneachadh gu bheil an aon rud a’ tachairt ann an nobhail Chuimreach — Y Dydd Olaf, le Owain Owain (1976) — agus tha co-dhiù dà leabhar diostopach eile air a bheil mi eòlach a tha a’ tarraing air beachd-smuaintean coltach ri seo: Wythnos yng Nghymru Fydd, le Islwyn Ffowc Elis (1957), anns a bheil am prìomh-charactar a’ tadhal air Cuimrigh dhiostopach a tha gu tur fo smachd na Beurla, agus Makaronik, le Dave Duggan (2018), anns a bheil an “Ìmpireachd” a’ feuchainn ris an t-suidheachadh seo a sheachnadh le bhith a’ docamaideachadh is an uair sin a’ marbhadh a h-uile cànan ach cànan na h-Ìmpireachd fhèin. Chuala mi gu bheil seo ann mar eileamaid-phlota ann an The Marrow Thieves (2017), nobhail dhiostopach do dh’òigridh leis an sgrìobhadair Mhétis Cherie Dimaline — tha e soilleir gu bheil am beachd seo cumanta gu leòr ann an coimhearsnachdan mhion-chànan is iad a’ sealltainn air na h-atharrachaidhean mòra teicneòlach air feadh an t-saoghail às dèidh an Dàrna Cogaidh.
[25] Air saoghail-thogail (.i., world-building), faic Ekman is Taylor, “Notes Toward a Critical Approach to Worlds and World-Building” is Taylor, Patricia A. McKillip and the Art of Fantasy World-Building. ’S ann o Ekman is Taylor a tha mi a’ toirt an fhacail “eileamaid” sa cho-theacsa seo.
[26] Strategies of Fantasy 12.
[27] Bu chòir aithneachadh, ge-tà, nach robh “fantasachd” ann mar roinn-mhargaideachd aig an àm sin agus gun do dh’ainmich Tolkien fhèin a chuid obrach leis an fhacal “fairy-story” (faic Tolkien 109–62 is Williamson 20–22 is 24).
[28] Faic Delany, Starboard Wine 153–83.
[29] Gu sònraichte saothraichean sa Bheurla, ach chan ann a-mhàin sa Bheurla: chaidh cuid de leabhraichean leis an sgrìobhadair ainmeil Fhrangach Jules Verne eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Èireann tràth san 20mh linn, mar eisimpleir, is dh’ainmich Aonghas Pàdraig Caimbeul sgrìobhadairean bho air feadh na Roinn-Eòrpa am measg nan sgrìobhadair a thug buaidh air (“Hai-hò-hairum”).
[30] “Ro-ràdh” v.
[31] Tha ceangal cudromach an seo eadar litreachasan “Ceilteach” is litreachasan eile: faic, m.e., Marzagora air litreachasan ann an cànanan Afragach.
[32] Air a’ phuing seo, ge-tà, faic an aiste aig Rhodri ap Dyfrig, “Cymroddyfodoliaeth,” air eadar-theangachadh gu Beurla mar “Cambrofuturism,” air lorg “ffasiwn beth â celtofuturism” [a leithid de rud is celtofuturism] agus a’ faighneachd “[p]wy, os unrhywun o gwbl, sy’n dychmygu dyfodolau newydd gyda slant Gymraeg? Neu slant Lydaweg? Neu slant Wyddeleg?” [“cò, ma tha neach sam bith, a tha a’ saoilsinn amannan ùra ri teachd o shealladh Cuimris? No sealladh Breatainnis? No sealladh Gàidhlig na h-Èireann?].
(air ais: prìomh-dhuilleag · aistidhean)