ficsean Gàidhlig airson inbheach

air an duilleig seo tha mi a’ cruthachadh liosta dhen a h-uile leabhar ficsein airson inbheach anns a’ Ghàidhlig as urrainn dhomh a lorg, a’ tòiseachadh le leabhraichean ùra is a’ gluasad air ais. bidh an liosta seo a’ gabhail a-steach co-chruinneachaidhean anns a bheil diofar ghnèithean litreachais — m.e., a’ chiad tionndadh de Bùrn is Aran le Iain Mac a’ Ghobhainn, anns an robh an dà chuid sgeulachdan is dàin.

bidh mi cuideachd a’ gabhail ri leabhraichean a chaidh a sgrìobhadh airson luchd-ionnsachaidh (bidh nòta anns an liosta a thaobh seo), ach cha bhi mi a’ cunntas eadar-theangachaidhean, dìreach leabhraichean air an sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig gu bunasach. tha mi fada an comain An Introduction to Gaelic Fiction le Moray Watson airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh ro 2000.

bliadhna ùghdar tiotal foillsichear gnè (ma tha fhios agam) faid nòtaichean
2025 Paul, Alistair Iomall Luath sgeulachdan goirid / ficsean-saidheans ri teachd.
2025 Stevens, Hannah is Will Buckingham Tâigael: Stories from Taiwanese and Gaelic Wind & Bones sgeulachdan goirid ri teachd. ceithir sgeulachdan goirid, dà dhiubh air an sgrìobhadh an Hokkien Taiwanach is dà anns a’ Ghàidhlig, le eadar-theangachaidhean am Beurla is an Sìnis.
2024 Chaimbeul, Shelagh Far na Slighe CLÀR eucoir / gaoir-sgeul 256 td.
2023 Bond, Jason An Caisteal fon Mhuir Arcos fantasachd 82 td. airson luchd-ionnsachaidh
2023 MacIlleathain, Ruairidh Tàcharan Mhealbhaigh CLÀR eachdraidheil 343 td.
2023 Paul, Alistair Fir an Diùraidh Luath eachdraidheil 126 td.
2022 Arascain is Mhàirr, Ruaraidh (deas.) An Ròsarnach An Clò Glas iomadh gnè 588 td. ath-fhoillseachadh mac-shamhla dhe na ceithir co-chruinneachaidhean de bhàrdachd is rosg a dheasaich Ruaraidh Arascain is Mhàirr eadar 1917 is 1930.
2022 MacGillÌosa, Donnchadh Crann-fìge / Fig Tree Acair sgeulachdan goirid 157 td. leabhar dà-chànanach (Gàidhlig-Beurla)
2022 Mac a’ Ghobhainn, Iain Na Sgeulachdan Gàidhlig Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba / Scottish Gaelic Texts Society sgeulachdan goirid 678 td. co-chruinneachadh dhen a h-uile sgeulachd Ghàidhlig aig Iain Mac a’ Ghobhainn, air a dheasachadh le Iain MacDhòmhnaill is Moray Watson.
2021 Caimbeul, Aonghas Pàdraig Murdo ann am Marseille Luath eucoir / gaoir-sgeul 165 td. dàrna leabhar ann an sreath, a’ leantainn Constabal Murdo
2021 Caimbeul, Maoilios Dòrlach Sìl Luath sgeulachdan goirid 158 td.
2021 Cooper, Graham An Ròs a Leigheas Luath eachdraidheil 199 td.
2021 Law, Mòrag A’ Fàgail an Eilein Luath 176 td.
2021 MacLeòid, Iain F. Hiort CLÀR eucoir / gaoir-sgeul 244 td.
2021 Paul, Alistair Linne Dhomhain Luath sgeulachdan goirid 160 td.
2020 Bond, Jason Deirdre agus an Rìgh Arcos fantasachd 85 td. airson luchd-ionnsachaidh
2020 Law, Mòrag Cuibhle an Fhortain Luath sgeulachdan goirid 192 td.
2020 MacLeòid, Calum L. Fon Choill CLÀR eachdraidheil / eucoir / gaoir-sgeul 368 td.
2020 Urchardan, Iain Air an Oir Acair (Aiteal) sgeulachdan goirid 116 td.
2019 Cooper, Graham Dà Shamhradh ann an Raineach Luath eachdraidheil 182 td.
2019 MacIlleathain, Ruairidh Còig Duilleagan na Seamraig CLÀR eachdraidheil / eucoir / gaoir-sgeul 391 td.
2019 NicNèill, Mòrag Anna An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile Acair (Aiteal) sgeulachdan goirid 113 td.
2018 Bond, Jason Ròna agus MacCodruim Arcos fantasachd 22 td. (1mh leagan)
63 td. (2mh leagan)
airson luchd-ionnsachaidh
2mh leagan foillsichte an 2020
2018 Caimbeul, Aonghas Pàdraig Constabal Murdo Luath eucoir / gaoir-sgeul 167 td.
2018 Lang, Alison Am Balach Beag a dh’Èisteadh aig Dorsan Luath 190 td.
2018 MacGillÌosa, Donnchadh An Còta Dathach agus Deich Sgeulachdan Eile CLÀR sgeulachdan goirid 118 td.
2018 Mac an t-Saoir, Màrtainn Samhradh ’78 Luath 262 td.
2017 Eyre, Daibhidh Cailèideascop Luath ficsean-saidheans 192 td.
2017 Lindsay, Coinneach A’ Choille Fhiadhaich Sandstone (Lasag) fantasachd 80 td. airson luchd-ionnsachaidh
2017 MacLeòid, Calum L. A’ Togail an t-Srùbain CLÀR eucoir / gaoir-sgeul 204 td.
2017 MacLeòid, Iain F. Dìoghaltas Acair (Aiteal) eucoir / gaoir-sgeul 158 td.
2017 MacLeòid, Iain F. An Taistealach Sandstone (Lasag) ficsean-saidheans 67 td.
2017 NicLeòid, Màiri E. Saoghal Eile Sandstone (Lasag) eachdraidheil / fantasachd 74 td.
2017 Urchardan, Iain Breab, Breab, Breab Acair (Aiteal) sgeulachdan goirid 179 td.
2016 Charity, Seonaidh An Làmh a Bheir Sandstone (Lasag) eucoir / gaoir-sgeul 71 td. airson luchd-ionnsachaidh
2016 Kidd, Sheila (deas.) Còmhraidhean nan Cnoc Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba / Scottish Gaelic Texts Society còmhradh 432 td. co-chruinneachadh de chòmhraidhean a dh’fhoillsicheadh am pàipearan is irisean o mheadhan an 19mh linn air adhart.
2016 Klevenhaus, Mìcheal An Uinneag don Iar Sandstone (Lasag) eachdraidheil 90 td. airson luchd-ionnsachaidh
2016 NicLeòid, Maureen Banais na Bliadhna Sandstone (Lasag) romansa 74 td. airson luchd-ionnsachaidh
2016 Stone, Cairistìona Sa Bhùth ’s an Tac an Teine CLÀR sgeulachdan goirid 173 td.
2016 iomadh ùghdar Litir chun an t-Saighdeir gun Ainm CLÀR eachdraidheil 134 td.
2015 Caimbeul, Tormod Sgeulachdan sa Chiaradh Acair (Aiteal) sgeulachdan goirid 138 td.
2015 Lang, Alison An Aisling Acair (Aiteal) 357 td.
2015 Lang, Alison Cho Snog ’s a Tha Thu Sandstone (Lasag) 87 td. airson luchd-ionnsachaidh
2015 MacIlleathain, Ruairidh An Creanaiche Sandstone (Lasag) eachdraidheil / eucoir / gaoir-sgeul 84 td. airson luchd-ionnsachaidh
2015 Mac an t-Saoir, Màrtainn Tuath air a’ Bhealach Sandstone (Lasag) eucoir / gaoir-sgeul 88 td. airson luchd-ionnsachaidh
2014 Armstrong, Tim Feur Buidhe an t-Samhraidh Sandstone (Lasag) eucoir / gaoir-sgeul 73 td. airson luchd-ionnsachaidh
2014 Eyre, Daibhidh Glainne Sandstone (Lasag) eucoir / gaoir-sgeul 74 td. airson luchd-ionnsachaidh
2014 Mac na Ceàrdaich, Dòmhnall D.M.N.C.: Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich CLÀR iomadh gnè 480 td. co-chruinneachadh iomlan dhe na sgrìobhaidhean aig Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (1885-1932), a’ gabhail a-steach cuid de sgeulachdan goirid.
2014 MacÌomhair, Dòmhnall Iain Caogad san Fhàsach Acair (Aiteal) sgeulachdan goirid 348 td. tha mi a’ creidsinn gun deach cuid dhe na sgeulachdan seo fhoillseachadh roimhe.
2014 MacLeòid, Iain F. An Sgoil Dhubh Acair (Aiteal) fantasachd 190 td.
2014 Mac an t-Saoir, Màrtainn Cala Bendita ’s a Beannachdan Acair (Aiteal) sgeulachdan goirid eadar-cheangailte 203 td.
2013 Armstrong, Tim Air Cuan Dubh Drilseach CLÀR ficsean-saidheans 223 td.
2013 Brownlie, Niall M. Càth anns a’ Ghaoith CLÀR sgeulachdan goirid 164 td.
2013 Caimbeul, Aonghas Pàdraig An Nighean air an Aiseag Luath 203 td.
2013 Chaimbeul, Catrìona Lexy Cluicheadairean Acair (Aiteal) 281 td.
2013 Dunn, Anndra Còisir nan Gunna Acair (Aiteal) eachdraidheil 224 td. a’ chiad nobhail a dh’fhoillsicheadh san t-sreath Aiteal.
2013 MacGillÌosa, Donnchadh Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile CLÀR (Ùr-sgeul) sgeulachdan goirid 246 td.
2012 Caimbeul, Aonghas Pàdraig Fuaran Ceann an t-Saoghail CLÀR 108 td.
2011 Caimbeul, Alasdair Cuid a’ Chorra-Ghrithich CLÀR (Ùr-sgeul) 114 td.
2011 Caimbeul, Tormod An Druim bho Thuath CLÀR (Ùr-sgeul) 184 td.
2011 Lang, Alison San Dùthaich Ùir Sandstone (Meanmnach) eachdraidheil 96 td. airson luchd-ionnsachaidh.
2011 Mac an t-Saoir, Màrtainn Air a Thòir CLÀR (Ùr-sgeul) 360 td.
2011 NicDhòmhnaill, Joan is John Storey (deas.) Saorsa CLÀR (Ùr-sgeul) sgeulachdan goirid 151 td.
2011 NicLeòid, Norma Suthainn Sìor CLÀR (Ùr-sgeul) 174 td. leabhar mu dheireadh ann an trì-leabhar, a’ leantainn Dìleas Donn is Taingeil Toilichte
2010 Caimbeul, Maoilios Teas CLÀR (Ùr-sgeul) eucoir 124 td.
2010 MacLeòid, Fionnlagh Gormshuil an Rìgh CLÀR (Ùr-sgeul) fantasachd 153 td. sgrìobh mise beagan air an nobhail seo sa Bheurla an seo.
2010 MacLeòid, Iain F. Ìmpireachd CLÀR (Ùr-sgeul) 172 td.
2010 NicLeòid, Màiri E. A’ Ghlainne agus Sgeulachdan Eile CLÀR (Ùr-sgeul) sgeulachdan goirid 71 td.
2010 iomadh ùghdar Eadar Dà Sgeul: Sgeulachdan goirid aig ìre àrd-sgoile Stòrlann sgeulachdan goirid 166 td. co-chruinneachadh de sgeulachdan goirid air an taghadh airson sgoilearan am FTMG.
2009 Caimbeul, Aonghas Pàdraig Tilleadh Dhachaigh CLÀR (Ùr-sgeul) fantasachd 119 td.
2009 Campbell, Catriona Lexy
aka Catrìona Lexy Chaimbeul
Cleasan a’ Bhaile Mhòir Sandstone (Meanmnach) 90 td. airson luchd-ionnsachaidh
2009 Chaimbeul, Catrìona Lexy Samhraidhean Dìomhair CLÀR (Ùr-sgeul) eucoir / gaoir-sgeul 172 td.
2009 Lang, Alison Cainnt na Caileige Caillte CLÀR (Ùr-sgeul) sgeulachdan goirid 203 td.
2009 MacLean, Iain Cogadh Ruairidh Sandstone (Meanmnach) eachdraidheil 90 td. airson luchd-ionnsachaidh
2009 iomadh ùghdar An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile CLÀR (Ùr-sgeul) sgeulachdan goirid 254 td. ri fhaighinn cuideachd ann an trì leabhrain fa-leth agus ann an tionndadh dà-chànanach Gàidhlig-Gearmailtis, fon tiotal Der Schädel von Damien Hirst
2008 MacGill-Eain, Tormod Slaightearan CLÀR (Ùr-sgeul) eucoir / gaoir-sgeul 125 td.
2008 MacLeòid, Fionnlagh Dìomhanas CLÀR (Ùr-sgeul) sgeulachdan goirid 200 td.
2008 MacLeòid, Iain F. Am Bounty CLÀR (Ùr-sgeul) eachdraidheil 204 td.
2008 Mac an t-Saoir, Màrtainn An Latha as Fhaide CLÀR (Ùr-sgeul) 316 td.
2008 NicDhòmhnaill, Màiri Anna Cleas Sgàthain CLÀR (Ùr-sgeul) 174 td.
2008 NicLeòid, Norma Taingeil Toilichte CLÀR (Ùr-sgeul) 182 td. dàrna leabhar ann an trì-leabhar, a’ leantainn Dìleas Donn.
2007 Caimbeul, Aonghas Pàdraig An Taigh-Samhraidh CLÀR (Ùr-sgeul) 238 td.
2007 Newton, Michael Sgeulachdan an Dà Shaoghail ann an Ceithir Litrichean Sandstone (Meanmnach) eachdraidheil 76 td. airson luchd-ionnsachaidh
2007 NicDhòmhnaill, Flòraidh Litir à Ameireagaidh Sandstone (Meanmnach) eucoir / gaoir-segul 128 td. airson luchd-ionnsachaidh
2006 Caimbeul, Tormod Shrapnel CLÀR (Ùr-sgeul) eucoir / gaoir-sgeul 175 td.
2006 Mac a’ Ghobhainn, Iain Am Miseanaraidh CLÀR (Ùr-sgeul) eucoir / gaoir-sgeul 68 td.
2006 Mac an t-Saoir, Màrtainn Gymnippers Diciadain CLÀR (Ùr-sgeul) 350 td.
2006 NicLeòid, Norma Dìleas Donn CLÀR (Ùr-sgeul) 157 td.
2005 MacGill-Eain, Tormod Dacha Mo Ghaoil CLÀR (Ùr-sgeul) 124 td.
2005 MacLeòid, Iain F. Na Klondykers CLÀR (Ùr-sgeul) eachdraidheil 285 td.
2004 Caimbeul, Aonghas Pàdraig Là a’ Dèanamh Sgèil do Là CLÀR (Ùr-sgeul) ficsean-saidheans 238 td.
2004 MacGillÌosa, Donnchadh Tocasaid ’Ain Tuirc CLÀR (Ùr-sgeul) sgeulachdan goirid 144 td.
2003 Caimbeul, Aonghas Pàdraig An Oidhche mus do Sheòl Sinn CLÀR (Ùr-sgeul) eachdraidheil / ficsean-saidheans 384 td. a’ chiad nobhail a dh’fhoillsicheadh san t-sreath Ùr-sgeul
2003 Mac an t-Saoir, Màrtainn Ath-Aithne CLÀR (Ùr-sgeul) 234 td. a’ chiad leabhar a dh’fhoillsicheadh san t-sreath Ùr-sgeul
2002 MacRath, Torcuil An Cearcall Acair sgeulachdan goirid 64 td. chan eil iomradh air an leabhar seo aig Moray Watson ann an An Introduction to Gaelic Fiction.
2002 Shaw, Jeffrey Ann an Dùthaich Ùr CLÀR eachdraidheil 169 td. chan eil iomradh air an leabhar seo aig Moray Watson ann an An Introduction to Gaelic Fiction.
2001 Dòmhnallach, Dòmhnall Alasdair Sgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair Acair sgeulachdan goirid 126 td. chan eil iomradh air an leabhar seo aig Moray Watson ann an An Introduction to Gaelic Fiction.
1998 MacGill-Eain, Tormod Keino Clò Loch Abair 126 td.
1996 MacGill-Eain, Tormod Cùmhnantan Clò Loch Abair eucoir / gaoir-sgeul 127 td.
1993 Dòmhnallach, Tormod Calum An Sgàineadh Acair 115 td.
1993 MacAonghais, Pòl An Guth Aoibhneach Hyperion Books / Saltire Society sgeulachdan goirid 131 td.
1993 MacÌomhair, Dòmhnall Iain Cò Rinn E? Gairm eucoir / gaoir-sgeul 92 td. tha Moray Watson a’ dearbhadh gu bheil e a’ toirt “the impression it was either written for teenagers or perhaps the advanced adult learner”.
1993 MacMhaoilein, Calum Seonaidh Mòr Gairm eachdraidheil 57 td. tha Moray Watson a’ dearbhadh gu bheil e “possibly aimed at a younger audience”.
1993 NicGumaraid Clann Iseabail Acair 94 td.
1992 Caimbeul, Alasdair Am Fear Meadhanach Drum Fraoich 109 td.
1991 Mac a’ Ghobhainn, Iain Na Guthan Gairm sgeulachdan goirid 88 td.
1991 iomadh ùghdar Baragab: Bàrdachd agus Rosg an Gàidhlig agus Beurla An Comunn Gàidhealach iomadh gnè 111 td. measgachadh de rosg is bàrdachd air fhoillseachadh airson Bliadhna na Gàidhlig a chomharrachadh.
1990 MacMhaoilein, Calum A’ Sireadh an Sgadain Gairm eachdraidheil 90 td.
1989 Mac a’ Ghobhainn, Iain Na Speuclairean Dubha Gairm eucoir / gaoir-sgeul 59 td.
1988 MacLeòid, Iain Spuirean na h-Iolaire Gairm eucoir / gaoir-sgeul 76 td. tha coltas ficsein airson inbheach ùra air an leabhar seo.
1987 Watt, Eilidh Gun Fhois: Sgeulachdan mun Dà Shealladh MacDonald Publishers sgeulachdan goirid 112 td.
1985 MacÌomhair, Dòmhnall Iain (deas.) Eadar Peann is Pàipear Gairm sgeulachdan goirid 250 td. co-chruinneachadh de sgeulachdan goirid le diofar ùghdaran, a’ mhòr-chuid dhiubh air am foillseachadh an Gairm.
1981 Dick, Cairistìona Raonaid Clò Chailleann 57 td. chan eil iomradh air an leabhar seo aig Moray Watson ann an An Introduction to Gaelic Fiction; tha e coltach gu bheil e suidhichte an àiteigin eadar ficsean airson deugairean is ficsean airson “inbheach ùra” (.i., new adult).
1979 Caimbeul, Tormod Deireadh an Fhoghair W. and R. Chambers 116 td.
1979 iomadh ùghdar Amannan W. and R. Chambers sgeulachdan goirid 105 td. a rèir Moray Watson ann an An Introduction to Gaelic Fiction, “the result of a competition run by the Gaelic Books Council”; bhuannaich an sgeulachd le Pòl MacAonghais, “Droch Àm dhe’n Bhliadhna”.
1977 MacLeòid, Calum Iain M. Sgial is Eachdraidh Gairm iomadh gnè 141 td. co-chruinneachadh de rosg leis an sgoilear is sgrìobhadair Calum Iain M. MacLeòid, a’ gabhail a-steach aistidhean is sgeulachdan.
1976 Mac a’ Ghobhainn, Iain An t-Aonaran Gairm 80 td. 2mh leagan foillsichte le Roinn na Ceiltis Oilthigh Ghlaschu an 1991. tha leagan Beurla ann cuideachd, “The Hermit”, a dh’fhoillsicheadh ann an The Hermit and other stories an 1977.
1973 Dòmhnallach, Tormod Calum Creach Mhór nam Fiadh Gasaet Steòrnabhaigh eachdraidheil 80 td. chan eil iomradh air an leabhar seo aig Moray Watson ann an An Introduction to Gaelic Prose.
1973 MacCoinnich, Cailein T. Nach Neònach Sin Oilthigh Ghlaschu sgeulachdan goirid 56 td.
1973 Mac a’ Ghobhainn, Iain An t-Adhar Ameireaganach Club Leabhar sgeulachdan goirid 68 td.
1973 Moireach, Iain An Aghaidh Choimheach Gairm sgeulachdan goirid 122 td.
1972 MacGuaire, Donnchadh (deas.) Mu’n Cuairt an Cagailte Club Leabhar sgeulachdan goirid ?? td.
1972 Watt, Eilidh A’ Bhratach Dheàlrach Club Leabhar sgeulachdan goirid 127 td.
1971 Grannd, Domhnall Tir an Aigh Gairm iomadh gnè 243 td. co-chruinneachadh de sgrìobhaidhean le Dòmhnall Grannd, a’ gabhail a-steach sgeulachdan goirid, dealbhan-cluiche, is bàrdachd.
1971 MacCoinnich, Cailein T. A’ Leth Eile Oilthigh Ghlaschu 115 td.
1971 MacLeòid, Iain Sràidean is Sléibhtean Gairm sgeulachdan goirid 70 td.
1971 MacCoinnich, Cailein T. Mar Sgeul a dh’Innseas Neach Roinn nan Cànan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu sgeulachdan goirid 100 td.
1971 NicGill-Eathain, Màiri M. Gainmheach an Fhàsaich Club Leabhar 104 td. a’ chiad nobhail Ghàidhlig le boireannach.
1970 MacDhòmhnaill, Coinneach D. (deas.) Briseadh na Cloiche, agus sgeulachdan eile Roinn nan Cànan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu sgeulachdan goirid 84 td.
1970 Mac a’ Ghobhainn, Iain Maighstirean is Ministearan Club Leabhar sgeulachdan goirid 92 td.
1970 MacLeòid, Dòmhnall Iain (deas.) Dorcha tro Ghlainne Gairm sgeulachdan goirid 150 td. co-chruinneachadh de sgeulachdan goirid a chaidh fhoillseachadh an Gairm.
1970 NicGill-Eathain, Màiri M. Lus-chrùn à Griomasaigh Club Leabhar sgeulachdan goirid 134 td. an dàrna co-chruinneachadh de rosg le boireannach air a bheil mi eòlach.
1969 MacCoinnich, Cailein T. Oirthir Tìm Gairm sgeulachdan goirid 176 td.
1963 Mac a’ Ghobhainn, Iain An Dubh is an Gorm Oilthigh Ghlaschu sgeulachdan goirid 106 td. 2mh leagan foillsichte an 1985 le Clò Chailleann.
1960 Lamont, Donald Prose Writings of Donald Lamont, 1874-1958 Scottish Gaelic Texts Society sgeulachdan goirid 170 td. co-chruinneachadh de dh’aistidhean is de sgeulachdan goirid, gu sònraichte “sketches of the fictitious parish of ‘Cille-Sgumain’”. 2mh leagan foillsichte an 1988, a rèir coltais, ged nach eil an leagan o 1988 (a tha agam) a’ mìneachadh gur e dàrna leagan a th’ ann.
1960 Mac a’ Ghobhainn, Iain Bùrn is Aran Gairm sgeulachdan goirid 71 td. (1mh leagan)
60 td. (2mh leagan)
tha a’ chiad leagan a’ gabhail a-steach cuid de bhàrdachd. chan eil anns an 2mh leagan (a dh’fhoillsicheadh an 1974 le Gairm) ach na sgeulachdan. 3mh leagan (cuideachd le Gairm) an 1987.
1944 iomadh ùghdar Am Feachd Gaidhealach An Comunn Gàidhealach iomadh gnè 320 td. co-chruinneachadh a’ gabhail a-steach bàrdachd, ficsean, is neo-fhicsean.
1932 MacLeòid, Iain N. Litrichean Alasdair Mhoir Oifis Cuairtear Steornabhaigh sgeulachdan goirid(?) 392 td. co-chruinneachadh de litrichean leth-fhicseanail a sgrìobh MacLeòid fon ainm chleithte “Alasdair Mor” mu thachartasan fìor is ficseanail ann am Bearnaraigh.
1925 Iain Bàn Òg Para Piobaire agus Sgeulachdan Eile Alasdair Mac Labhruinn ’s a Mhic sgeulachdan goirid 39 td. tha tiotal Beurla air, cuideachd, a mhìnicheas an t-susbaint mar “humorous Gaelic readings”.
1923 MacLeòid, Seumas Cailin Sgiathanach, no Faodalach na h-Abaid Alasdair Mac Labhruinn ’s a Mhic eachdraidheil / romansa 227 td. (2mh leagan) 2mh leagan foillsichte leis a’ Chlò Ghlas an 2022 (leagan GOC).
1915 Watson, William J. (deas.) Rosg Gaidhlig: Specimens of Gaelic Prose An Comunn Gàidhealach iomadh gnè 192 td. co-chruinneachadh de rosg ficseanail is neo-fhicseanail, le nòtaichean sgoileireil.
1913 Mac Dhonnachaidh, Aonghas An t-Ogha Mór, no Am Fear-sgeòil air Uilinn MacDhonnachaidh, Ueir & co. eachdraidheil 226 td. bhathar ga mheasadh aig an àm mar a’ chiad nobhail Ghàidhlig.
1912 MacCormaic, Iain Dùn-àluinn, no An t-Oighre na Dhìobarach Alasdair Mac Labhruinn ’s a Mhic eachdraidheil / romansa 267 td. bithear ga mheasadh a-nis mar a’ chiad nobhail Ghàidhlig. leagain ùra foillsichte le Llanerch Press (mac-samhail, 2003) is Akerbeltz (leagan GOC, 2022).
1912 Mac Phàrlain, Calum (deas.) Uirsgeulan Gaidhealach Aonghas Mac Aoidh sgeulachdan goirid 64 td. co-chruinneachadh de sgeulachdan a choisinn duaisean aig a’ Mhòd.
1911 Grant, Katherine Whyte Aig Tigh na Beinne Hugh MacDonald / Alex MacLaren and Son sgeulachdan goirid 282 td. co-chruinneachadh de bhàrdachd is de sgeulachdan goirid. a’ chiad co-chruinneachadh de rosg le boireannach air a bheil mi eòlach.
1911 MacCormaic, Iain Seanchaidh na h-Airigh Aonghas Mac Aoidh sgeulachdan goirid 61 td.
1911 MacCormaic, Iain Seanchaidh na Tràghad Aonghas Mac Aoidh sgeulachdan goirid 64 td.
1910 MacLeod, Norman Caraid nan Gaidheal / The Friend of the Gael John Grant iomadh gnè 792 td. co-chruinneachadh de sgrìobhaidhean Charaid nan Gàidheal, .i., Tormod MacLeòid, air a dheasachadh le A. Clerk, a’ gabhail a-steach bàrdachd, còmhraidhean, sgeulachdan goirid, is eile.
1908 MacCormaic, Iain Gu ’n d’ Thug I Spéis do ’n Àrmunn Aonghas Mac Aoidh eachdraidheil 117 td. dh’fhaodte a’ chiad nobhail (ge goirid) sa Ghàidhlig.
1908 MacCormaic, Iain Oiteagan o ’n Iar Alexander Gardner sgeulachdan goirid 149 td.
1907 Ùna, inghean Fhir na Pairce Na Daoine Sidhe is Uirsgeulan eile Archibald Sinclair / Celtic Press sgeulachdan goirid 48 td. chaidh tè dhe na trì sgeulachdan seo ath-fhoillseachadh o cho-chruinneachadh de bheul-aithris, Craignish Tales (deas. Gilleasbuig Caimbeul is Daibhidh Nutt), ach chan eil tùs na dà sgeulachd eile idir soilleir; leis gur e “uirsgeulan” a thug inghean Fhir na Pàirce orra, tha mi a’ gabhail ris gur e sgeulachdan-sìthe litreachasail (.i., literary fairy-tales, mar gum b’ eadh) a th’ annta.
1902 MacFadyen, John Sgeulaiche nan Caol Archibald Sinclair / Celtic Press iomadh gnè 296 td. co-chruinneachadh measgaichte de rosg is bàrdachd.
1890 MacFadyen, John An t-Eileanach Archibald Sinclair iomadh gnè 303 td. co-chruinneachadh measgaichte de rosg is bàrdachd.
1881 Fionn The Celtic Garland Archibald Sinclair sgeulachdan goirid 221 td. (1mh leagan)
264 td. (2mh leagan)
co-chruinneachadh de bhàrdachd (le eadar-theangachaidhean Beurla) is sgeulachdan goirid le Fionn (.i., Henry Whyte). 2mh leagan foillsichte an 1885 le susbaint rud beag eadar-dhealaichte is 3mh leagan foillsichte an 1920.
n.d. (ca. 1920an) Mac Gillfhaolain, Aonghas Raonull Ban Mac Eoghain Oig Casket Press 26 td. cho fad ’s a tha fhios agam, b’ e seo a’ chiad leabhar ficsein a chaidh fhoillseachadh an Albainn Nuaidh, air a sgrìobhadh leis a’ bhàrd ainmeil a rinn an t-òran fèillmhor “An Innis Àigh”.

(air ais)