Cerddi: Rhigymau a sonedau, T.H. Parry-Williams

Cuimris / a’ Chuimrigh, an Rìoghachd Aonaichte / 1931

chan eil mi air mòran bàrdachd a leughadh sa Chuimris (fhathast), ach tha lethbhreac dhen leabhar seo — a dh’fhoillsicheadh an toiseach ann an 1931 — air a bhith agam bho chionn 2018 no mar sin, nuair a mhol caraid dhomh e. ’s e Cerddi: Rhigymau a sonedau (Dàin: Duain is sonaidean) a’ chiad cho-chruinneachadh leis a’ bhàrd T.H. Parry-Williams, agus dh’ath-fhoillsicheadh e mar phàirt dhen t-sreath de “chlasaigean Cuimris” aig Gwasg Gomer ann an 2011 (sin an tionndadh a th’ agamsa).

tha obair Pharry-Williams, mar a thuigeas mi a’ chùis, a’ co-cheangal bàrdachd an 19mh linn is “nua”-bhàrdachd an 20mh linn. ged nach eil saor-rannaigheachd sa cho-chruinneachadh seo, chan ann ann am meadrachdan teanna na Cuimnris a tha na dàin seo, nas motha: tha na “rhigymau” (duain) ann am meadrachdan eadar-dhealaichte, is tha na sonaidean iambach is còig-chasach. tha uaim/sruth-fhacal ann fhathast, ach chan e mesur caith a tha seo.

chòrd na sonaidean rium, ach cha robh mi cho sàsaichte leis na duain. tha na duain a’ luasgadh eadar dàin a sgrìobhadh deugair fo chuideam teen angst (“‘Gwae nad oes gwir! Ni bu rhyngom ein dau / Ond cusanau celwyddog a geiriau gau.” [Ochòin ’s nach eil fìrinn ann! Cha robh eadar an dithis againn / Ach pògan brèige is faclan fallsa.]) is dàin aotrom nach robh a’ faireachdainn susbainteach dhomh — agus dàn anns an t-sreath dhàn a sgrìobh e nuair a bha e air thuras gu Amaireaga a Deas, “Carchar”, a tha a’ nochdadh gràin-chinnidh làidir, ghrànnda.[*] tha cuid dhe na duain ceart gu leòr, ach cha do chòrd gin dhiubh rium na b’ fheàrr na “ceart gu leòr”. cuideachd — agus ’s e seo dùbhlan pearsanta — tha e doirbh dhomh gabhail an da-rìribh ri rud sam bith ann am meadrachd a tha idir coltach ri meadrachd-bhalanta. ge b’ e dè tha san dàn, bidh mi a’ cluinntinn mac-talla “The Cremation of Sam McGee” air a chùlaibh.

tha na sonaidean air ìre eadar-dhealaichte: far a bheil meadrachd nan duan a’ faireachdainn car pro forma, tha na sonaidean a’ cosnadh na meadrachd aca, is i a’ faireachdainn nàdarra is siùbhlach. tha cuid dhe na sonaidean fhathast a’ beachdachadh air cuspairean deugair — bàs, gaol marbh, falmhachd an t-saoghail — ach dh’obraich iad nas fheàrr sa chruth seo. ’s dòcha gur e dìreach gu bheil sonaidean a’ faireachdainn nas “trom-chùisiche” dhomh (leugh mi Gerard Manley Hopkins gu leòr aig an oilthigh, is gu h-àraid na “terrible sonnets” aige), ach co-dhiù bha e na b’ fhasa gabhail riutha seo. agus bha cuspairean eile, cuideachd — chòrd an t-sonaid “Ailafael” (“Ath-ghabhail”) rium gu mòr:

Wrth fy niddanu gan gwmpeini’r lleng
   Llyfrau cysurlon sydd o’m cwmpas i
Yn gwarchod dros fy myw, yn rheng ar reng,
   Gan hawlio serch fy mron, ni chlywaf gri
Mynydd fy maboed na rheiolti’r gwynt
   O giliau’r henfro lle bu sang fy nhraed,
Oherwydd cwsg yw’r cariad a fu gynt
   Yn gyffro gwyllt cynddeiriog yn fy ngwaed.
Ond cyn bo hir af eto ar ryw sgawt
   Tuag Eryri’n hy, ac fel pob tro
Mi wn na wêl fy llygaid unrhyw ffawt
   Yng ngwedd yr hen fynyddoedd. Af o’m co’
Gan hagrwch serchog y llechweddau syth,
Gan gariad na ddiffoddir mono byth.

[Is companachd lèigiun nan leabhar cofhurtail
   A tha mun cuairt orm gam bhrosnachadh
A’ faire air mo bheatha, rang air rang,
   Ag iarraidh gaol mo chridhe, cha chluinn mi èigheachd
Beanntaichean m’ òige na rìoghalachd na gaoithe
   O cheàrnan na seann tìre a choisich mo chas,
Oir is e cadal an caraid a thug an toiseach
   Boile fhiadhain gealachain air m’ fhuil.
Ach an ùine nach fhada thèid mi a-rithist air chuairt
   Gu Eryri gu dàna, is mar gach turas
Tha fhios ’am nach fhaic mo shùilean fabht sam bith
   Air aghaidh nan seana-bheann. Thèid às mo chiall
Le grànndachd ghaolach nan sliabh cas,
Le gràdh nach teirig gu sìorraidh bràth.]

(rinn mi mo dhìcheall leis an eadar-theangachadh ach cha do dh’fheuch mi an da-rìribh ri cumail ris a’ mheadrachd.)

bha briathrachas Pharry-Williams doirbh dhomh, feumaidh mi aideachadh — bha mi toilichte a chluinntinn gu bheil luchd-labhairt bhon a’ ghlùin a’ faireachdainn an aon rud. ach b’ fhiach feuchainn, is ged a bha mi car teagmhach aig an toiseach chòrd na sonaidean rium, co-dhiù (is bha iad na b’ fhasa a thuigsinn airson adhbhar air choreigin, dìreach athaobh a’ bhriathrachais).


[*] ’s dòcha gu bheil seo co-cheangailte ris an angst, san t-seagh gu bheil cuid mhòr dhe na duain a’ nochdadh eagal ron a’ chruinne-chè — bha e inntinneach an leabhar seo a leughadh cho luath às dèidh Pumed Gainc y Mabinogi le Peredur Glyn, oir tha sensibility an uabhais chosmaich annta, ann an dòigh. ach far an do theich Glyn on a’ ghràin-chinnidh tro bhith ag ath-shuidheachadh na gnè anns an traidisean-litreachais Chuimris, tha Parry-Williams dìreach a’ fuireach leis an eagal ro fhalmhachd na cruinne-cè.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)