Claimed by the Orc Prince, Lionel Hart

Beurla / na Stàitean Aonaichte / 2021

’s i a’ phrìomh-thrioblaid le Claimed by the Orc Prince, le Lionel Hart, gu bheil an nobhail a’ feuchainn ri rudeigin a ràdh mu ghràin-chinnidh ach gun a bhith a’ leigeil seachad am beachd-smuain de chinneadh sa chruth a thog e anns an àrd-fhantasachd.

tha an nobhail air a h-aithris tro shùilean Taegan, prionnsa òg nan ailbhear, a tha aig toiseach na nobhaile a’ pòsadh Zorvut, mac “tighearna-cogaidh” nan orc, airson cùmhnant-sìthe eadar ailbhearan is orcaichean a bharantachadh. mar a their an tuairisgeul-còmhdaich, beag air bheag — no mòr air mhòr, an da-rìribh — tha Taegan is Zorvut, air an co-cheangal le draoidheachd-ailbheir nuair a phòsadh iad, a’ tuiteam ann an gaol. tha feis gu leòr ann, le eileamaidean air an toirt o fhicsean-spèise “omegaverse” (faodaidh a h-uile ailbhear, fireann no boireann, fàs trom nuair a bhios iad air dàir, is tha tònan nan ailbhear fireann gam fèin-ùilleachadh); tha na seallaidhean feise ceart gu leòr. tha mi air feadhainn nas fheàrr a leughadh.

’s e seo prìomh-phlota na nobhaile: Taegan is Zorvut a’ feuchainn rin socrachadh fhèin san dàimh ùir aca, dàimh nach do thagh fear seach fear dhiubh. ach feumaidh mi a ràdh nach b’ i seo a’ phàirt a bu tarraingiche — tha an sgeulachd-romansa gu math àbhaisteach, a dh’aindeoin ùrachas an stutha “omegaverse”. feumaidh iad ionnsachadh ciamar a bhios iad a’ conaltradh ri chèile, tha bod Zorvut ana-mhòr, is mar sin air adhart. seann sgeul. aidichidh mi gun do thachair aon rud inntinneach a thaobh a’ phlota-romansa faisg air deireadh na nobhaile, nuair a bhriseadh am bann draoidheil eadar Taegan is Zorvut — bha dòchas agam, fad greis, gum feumamaid feitheamh airson seo fhuasgladh, oir ’s e seo a’ chiad leabhar ann an trì-leabhar. ach cha do dh’fheith Hart idir; thig an nobhail gu crìoch le ath-phòsadh. nar leigeadh dia gum biodh fìor-thrioblaid air beulaibh ar gaisgeach!

tha poileataigs ann, cuideachd, agus seo far a bheil na duilgheadasan as motha. an toiseach, mar a thuirt mi, tha an dòigh sa bheil an nobhail a’ làimhseachadh na gràine-cinnidh. tha cogadh air a bhith ann fad ghinealachdan eadar ailbhearan is orcaichean. chaidh dàrna athair Thaegan a mharbhadh anns a’ chogadh mu dheireadh, fiù ’s. tha seo a’ ciallachadh gu bheil gràin is gnàth-ìomhaighean air an dà thaobh (nochdaidh am facal “stereotype” tric gu leòr san nobhail). tha an nobhail ag iarraidh oirnn an ceasnachadh seo, tro bhith a’ sealltainn dhuinn gu bheil Zorvut mothachail is coibhneil: tha e sgileil leis a’ chlaidheamh-mhòr (gu follaiseach), ach ’s toil leis cuideachd a bhith ag èisteachd ri Taegan a’ leughadh leabhraichean-eachdraidh anns an leabharlainn. agus air an làimh eile tha sinn a’ faicinn gum faod na h-ailbhearan a bhith an-iochdmhor is gràineil, gu sònraichte seann bhràmar Thaegan a tha airson pòsadh Thaegan is Zorvut a bhriseadh. ceart gu leòr — tha an cur an gnìomh gu math libearalach, ach tuigear na bha Hart a’ feuchainn ri dhèanamh, co-dhiù.

ach, a-rithist is a-rithist, seallaidh an nobhail dhuinn gu bheil na h-orcaichean eile dìreach mar a tha na h-ailbhearan a’ creidsinn. tha Zorvut mothachail is coibhneil is math le cloinn, ach tha na h-orcaichean eile ainneartach is borb, le sòisealtas a th’ air a structarachadh mu thimcheall a’ chogaidh (cuimhnich gu bheil rìgh is prionnsa aig na h-ailbhearan ach “tighearna-cogaidh” aig na h-orcaichean). tha seo gu sònraichte soilleir aig deireadh na nobhaile: gheibh an tighearna-cogaidh a-mach rudeigin mu dheidhinn Zorvut is nì e ionnsaigh air rìoghachd nan ailbhear a-rithist, gun chùis-fheirge fhìor. chan e mise a-mhàin a tha ag ràdh seo, ach Zorvut, a dhearbhas nach fheum adhbharan “matha” a bhith aig athair airson cogadh. mar sin, air an dàrna làimh tha ailbhearan sìtheil (ach airson beag-chuid leis am b’ fheàrr cogadh seach sìth leis na h-orcaichean) le draoidheachd àrsaidh is beatha eireachdail; air an làimh eile, tha na h-orcaichean, buirb nach eil a’ tuigsinn ach fòirneart, le sòisealtas a tha a’ tarraing air gnàth-ìomhaighean shluaghan “treubhach” (ach le claidheamhan-mòra Gàidhealach).

tha seann bheachdan air cinneadh aig cridhe na h-àrd-fhantasachd. tha Hart a’ feuchainn ri dèiligeadh riutha, ach, gu mì-fhortanach, cha shoirbhich leis an seo. ’s dòcha gun leasaicheadh seo anns na h-ath-leabhraichean, ach ged a bha am fear seo, fhios ’ad, ceart gu leòr, cha do bhrosnaich e mi gus an còrr a leughadh.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o na Stàitean Aonaichte)