Dirgelwch yr Wylan Ddu, Idwal Jones

Cuimris / a’ Chuimrigh, an Rìoghachd Aonaichte / 1978

tha Dirgelwch yr Wylan Ddu (Rùn-dìomhair na Faoileige Duibhe), le Idwal Jones, na nobhail dàna-thurais is beachdaireachd. chaidh fhoillseachadh ann an 1978 ann an sreath — do dheugairean, tha mi a’ smaoineachadh — mun neach-bhrathaidh “Gari Tryfan”. chan eil e buileach soilleir dè an dàimh a th’ aige ri, fhios ’ad, stàit (no a leithid) sam bith, ach gu bheil ag obrachadh leis an MI5 uaireannan, oir tha e eòlach air a’ cheannard agus gu sònraichte air nighean a’ cheannaird, a tha a’ nochdadh anns an leabhar. co-dhiù, a rèir coltais chan e seo an seòrsa sreatha far a bheil leantainneachd cudromach — tha Gari Tryfan na Réics Carló Cuimreach.

tha a’ mhòr-chuid dhen nobhail suidhichte ann an Conwy is Gwynedd: tha Gari Tryfan; a phreantas/neach-cuideachaidh, Alec; is rùn-chlèireach Ghari, Elen, a’ tadhal air piuthar Elen agus a’ toirt sùil air pròiseact an duine aice-se, a tha na innleadair ag obair le dràibhear-rèisidh ainmeil. mar a thionndaidheas a-mach, ge-tà, tha rùn-dìomhair a’ togail a chinn sa bhad: cuideigin a’ losgadh gunna air deuchainn an einnsein ùir air a bheil Jeri (innleadair) is Nici (dràibhear) ag obair, le taic-airgid on a’ mhilleanair John Garmon, uncail Nici.

tha am plota fhèin caran toinnte, is Gari, Alec, agus Elen a’ dràibheadh air ais is air adhart eadar Llandudno, Liverpool, is Caernarfon air lorg (1) nan daoine a ghoid an t-einnsean ùr agus a thug Jeri fhèin fo bhruid, (2) fianais a dhearbhadh gu bheil am mafia (mar gur e rud singilte a bh’ ann) agus/no na Sobhietaich an sàs anns a’ chùis, agus (3) rud sam bith a shoilleiricheadh cò th’ anns an Fhaoileig Dhuibh, creutair neònach a tha air a bhith a’ nochdadh san adhar os cionn ceann a tuath na Cuimrigh is a’ toirt rabhaidhean do Ghari tro phàipear-naidheachd ann an Liverpool. feumaidh mi aideachadh gun do chaill mi snàth a’ phlota fhad ’s a chum an nobhail a’ dol.

a dh’aindeoin na toinnteachd, ge-tà, bha an sgeulachd tarraingeach gu leòr. chòrd an stoidhle aig Jones rium, gu sònraichte an dòigh san deach na còmhraidhean a sgrìobhadh ach cuideachd gu bheil an leabhar air a sgrìobhadh sa Chuimris litreachail — tha fiù ’s cuid de sheann chruthan teachdail singilte gun deiridhean (“Os bydd y cŵn yn cyfarth fe ddeffry Jeri!” seach deffrith / deffriff) ach gun a bhith a’ leigeil seachad na Cuimris labhairtiche uile gu lèir. chithear, mar eisimpleir, gu bheil diofar dhualchainntean aig na prìomh-charactaran: ’s ann às a’ cheann a tuath a tha Alec, ach tha blas deasach air cainnt Ghari. mar sin, tha dòigh-innse an leabhair na cho-rèiteachadh eadar a’ Chuimris buileach litreachail (car sean-fhasanta mu thràth ann an 1978, mar a tha mise a’ tuigsinn na cùise) is a’ Chuimris buileach labhairteach (a tha ceannasach san latha an-diugh).

’s e sin ri ràdh nach robh an leabhar riamh dòrainneach ged a bha am plota aig a’ cheart àm ro thoinnte is gu tur ro-innseach. an aon àite far an robh an sgeulachd fhèin lag, b’ ann aig fìor-dheireadh an leabhair, far an robh e coltach gun do chuimhnich Jones gu h-obann air rudan a bha e air leigeil seachad, is e a’ feuchainn ris a h-uile rud fhuasgladh ann am fichead duilleag. bha tiotal an leabhair gu sònraichte neònach, oir ged a tha an Fhaoileag Dhubh ann tron nobhail air fad, chan eil ròl cudromach aice sa phlota, an da-rìribh. tha a’ chaibideil mu dheireadh na dubh-leagail, ma-thà, ach chòrd an còrr dhen leabhar rium ceart gu leòr. agus, aig a’ cheann thall, chan eil e ach 109 duilleagan a dh’fhaid.

leughainn leabhraichean eile mu Ghari Tryfan nam faighinn greim orra; is mura faigh, tha sin ceart gu leòr, cuideachd. tha Réics Carló agam ri leughadh, co-dhiù.

ach ma tha fhios aig duine sam bith dè an englyn do Ghari Tryfan a bhuannaich a’ cho-fharpais a tha ga sanasachadh aig deireadh an leabhair bhithinn fada na chomain!

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)