tha A Sending of Dragons, an treas leabhar san t-sreath Pit Dragon Chronicles, nas coileanta na Heart’s Blood, an dàrna leabhar, co-dhiù, ach gu mì-fhortanach tha e nas miosa (fiù ’s), cuideachd.
às dèidh Heart’s Blood, tha Jakkin agus Akki, an nighean/am boireannach air a bheil (a rèir coltais) gaol aige, a’ teicheadh on lagh. tha A Sending of Dragons a’ tòiseachadh cuid de mhìosan às dèidh dhaibh àite gu reusanta sàbhailte a lorg anns na beanntaichean, còmhla ris na còig dràganan òg a rug dràgan Jakkin, Heart’s Blood. tha Jakkin is Akki air an atharrachadh le cumhachd fuil Heart’s Blood: tha cian-fhaireachdainn nas làidire aca a-nis, is iad comasach air inntinnean a chèile a leughadh agus air conaltradh ceart a dhèanamh ris na dràganan. nuair a nochdas heileacoptair air an fhàire aon latha, cuiridh iad romhpa (no cuiridh Jakkin roimhe) dol nas doimhne a-steach dha na beanntaichean.
seo far an nochd trioblaid mhòr na nobhaile seo. ann an uamhan anns na beanntaichean, tachraidh Jakkin is Akki air coimhearsnachd de “no-men”. thàinig sinnsirean nan “neo-dhaoine” seo dha na beanntaichean is stèidhich iad meanbh-shòisealtas suidhichte air obair-mheatailt agus — abair iongnadh — cian-fhaireachdainn, a gheibh iadsan le bhith a’ casgairt dràganan gu deas-ghnàthach.
cha mhòr nach eil a h-uile rud mun t-sòisealtas seo a’ cur uabhas air Jakkin is Akki. tha Yolen a’ tarraing an seo — ann an dòigh fhollaiseach — air beachdan mu “èis-chinnealachadh”. tha na neo-dhaoine a’ seachnadh na labhairte (seach a’ chian-fhaireachdainn); tha e coltach nach eil iad a’ tuigsinn a’ chànain labhairte idir, is tha Yolan a’ cur a’ chonaltraidh chian-fhaireachail aca an cèill le gràmar “mì-cheart”/“sìmplidh”. tha Jakkin cuideachd ag ràdh gu bheil buaidh an dàimh-shìolachaidh air rudeigin daonna a thoirt asta — a’ chiad rud a smaoinicheas e nuair a chì e na neo-dhaoine an toiseach, ’s e:
These creatures had a man’s form, muscular and stockier than anyone Jakkin had ever known. But there was something really wrong with the shape. They were much too broad in the shoulder, much too short in the leg. Men and not-men.
tha saoghal nan neo-dhaoine gu litireil agus gu meatoforach gun dathan: far a bheil cian-fhaireachdainn Jakkin, Akki, is na dràganan taobh a-muigh nan uamh ioma-dhathach is beòthail, chan eil conaltradh nan neo-dhaoine (is nan dràgan aca) ach a’ gluasad eadar dubh is liath. tha am beatha “primideach” is an saoghal cumhang, agus tha am plota seo air fad stèidhichte air eugenics (glanadh-cinnidh, ’s dòcha?).
tha dùbhlan nas fharsainge ann an seo, ge-tà, agus ’s e sin gu bheil Yolen fhathast a’ seachnadh na poileataigs. ged a tha an nobhail a’ tilleadh gu ceistean poileataigeach bho àm gu àm (“We’ve beaten [dràganan] and eaten them, we’ve maimed and trained them as if they were simple animals. Even with all the evidence that they’re more than that”), aig a’ cheann thall nuair a thig fuasgladh air (cuid dhe) na ceistean seo, ’s ann a thig e gun chom-pàirteachadh nam prìomh-charactar, taobh a-muigh na duilleige, ann an sruth fiosrachaidh aig fìor-dheireadh an leabhar — anns a’ chaibideil mu dheireadh. tha Jakkin is Akki airson an saoghal atharrachadh, ach tha e coltach nach robh Yolen an da-rìribh airson an obair sin a shealltainn (co-dhiù gus an do thill i dhan t-sreath anns na 2000an).
tha rudan anns na leabhraichean seo a dh’fhaodadh a bhith inntinneach, ach, a rèir coltais, chan eil ùidh aig Yolen annta. tha seo a’ fàgail sgeulachd Jakkin dì-cheangailte on t-saoghal timcheall air, saoghal a tha a’ faireachdainn farsaing is anns a bheil rudan inntinneach a’ tacahirt, ach, gu sìmplidh, chan eil na nobhailean a’ mothachadh dè tha inntinneach. abair sreath annasach.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o na Stàitean Aonaichte)