Dragon’s Blood (Pit Dragon Chronicles, #1), Jane Yolen

Beurla / Stàitean Aonaichte / 1982

bha mi glè mheasail air cuid dhe na leabhraichean aig Jane Yolen nuair a bha mi òg — gu sònraichte Wizard’s Hall is na sreathan aice Commander Toad is Young Merlin — agus nas fhaide air adhart chòrd an trì-leabhar Great Alta rium nuair a bha mi a’ dèanamh mo chiad cheuma. nuair a chuala mi an naidheachd duilich gun do shiubhail i anns an Ògmhios, shaoil mi gum b’ fhiach tilleadh dhan t-saothair aice, agus chuir mi romham tòiseachadh le sreath eile a leugh mi, na Pit Dragon Chronicles, air nach robh ach glè bheag de chuimhne agam. ged a bha mi a’ smaoineachadh air mar thrì-leabhar, mar a thionndaidheas a-mach sgrìobh Yolen ceithreamh leabhar ann an 2009, fada às dèidh dhomh an leughadh.

bha na leabhraichean seo air sgeilpichean na leabharlainne aig an sgoil phrìobhaidich far an robh mo mhàthair ag obair is far an deach mise fad deich bliadhna, gus toiseach na h-àrd-sgoile, is iad ri taobh leabhraichean eile a bha cudromach dhomh is mi a’ fàs (leabhraichean Bhruce Coville, Tamora Pierce, T.A. Barron, Diana Wynne Jones, is eile). nam chuimhne bha na leabhraichean aig Yolen airson leughadairean nas òige — nas fhaisge air Coville na air Pierce — ach theirinnsa gu bheil Dragon’s Blood, a’ chiad leabhar san t-sreath, air a shuidheachadh ann an àiteigin car coltach ri leabhraichean Tamora Pierce: nan robh iad air am foillseachadh anns na 2010an seach na 1980an, ’s e YA/ficsean do dh’inbhich òga bhiodh annta, ach leis gun deach am foillseachadh mus do sgaoil an roinn-sheòrsa sin tha iad an àiteigin eadar ficsean-cloinne is ficsean do dheugairean. ged nach eil Dragon’s Blood a cheart cho follaiseach mu fheis ’s a tha In the Hands of the Goddess (mar eisimpleir), tha siùrsachd cudromach airson an t-saoghal-chruthachaidh ann an dòigh nach eil a’ co-fhreagairt ri ficsean-cloinne an-diugh.

tha Dragon’s Blood a’ leantainn deugair, Jakkin, deugair air planaid chèin, Austar IV, far a bheil tràilleachd (ann an cruth cheàrd-chùmhnant, seach tràilleachd chinnidheach) aig cridhe an òrduigh shòisealta. rugadh Jakkin gu saor, ach chaidh e na “bond-boy” is e òg, às dèidh bàs athar. tha e ag obair air seòrsa rainse airson nan dràgan, beathaichean ionadail a bhithear a’ togail airson feòla, mar pheataichean, agus airson trèanadh gus sabaid an aghaidh a chèile, oir ’s e cearrachas prìomh-ghnìomhachas eaconomachd Austar IV. tha Jakkin ga chumail fhèin air leth o na tràillean eile, oir tha plana aige: tha e a’ dol a ghoid ugh-dràgain — rud a tha leth-cheadaichte — is an dràgan a thogail gu dìomhair airson sabaid, gus an coisinn e a shaorsa mar sin.

’s e an togail seo cuspair a’ chiad leabhair san t-sreath: mar a thèid aig Jakkin air an dràgan aige fhaighinn sa chiad dol a-mach, mar a dh’fhàsas an dràgan, mar a dh’fhàsas esan is an dràgan nas dlùithe, is aig a’ cheann thall mar a ghabhas iad dhan a’ chiad shabaid aca, le taic tron a’ phròiseas uile o Akki, tè a tha ag obair mar bhanaltram aig an rainse, is iad a’ feuchainn ri sùilean nan tràill eile a sheachnadh.

tha stoidhle Yolen dìreach an seo, ach chan eil i sìmplidh, oir tha Yolen a’ tilgeil an neach-leughaidh a-steach dhan t-saoghal fhicsein-shaidheans aice sa bhad. bha mi air mo dhrùdhadh leis a seo — ged a tha mìneachaidhean ann uaireannan, anns an fharsaingeachd tha Yolen a’ cur earbsa anns an leughadair, a’ gabhail ris gun lean iad an stòiridh is gun tuig iad an saoghal. tha iomadh sgrìobhadair do dh’inbhich nach eil a’ cur a leithid a dh’earbsa na leughadairean; is mòr am beud gu bheil sinn air Yolen a chall.

a thaobh an t-saoghail a tha i air cruthachadh, tha cuid de rudan a b’ fhiach a ràdh. an toiseach, tha ceist na colonachd: chaidh Austar IV a thuineachadh mar cholonachd pheanasach, is tha e follaiseach gur ann air ìomhaighean Astràilia a tha Yolen a’ tarraing — fàsach mòr gun uisge, beathaichean cunnartach is puinnseanta. ’s i a’ cheist a tha seo a’ togail ach: càit’ a bheil na Tùsanaich?

b’ urrainn dhuinn dà fhreagairt a thoirt dhan a’ cheist seo. ma their sinn nach eil Tùsanaich ann idir, ’s e a bhiodh ann ach sìneadh na beachd-smuaine de terra nullius chun nan rionnag. air an làimh eile, cha chreid mi nach fhaodte a ràdh gur iad na dràganan Tùsanaich Austar IV. tha trioblaidean eile na lùib sin, ge-tà: ged a tha buaidh Phern air an leabhar seo làidir, tha sgaradh ann a thaobh nan dràgan — tha dràganan Yolen tuigseach gu ìre, ach chan eil iad cho tuigseach ris a’ chinne-dhaonna, is chan eil iad comasach air faclan a chleachdadh anns a’ cheangal chian-fhaireachail (.i., telepathic) eadar dràgan is neach-trèanaidh. ’s e ainmhidhean a th’ annta, aig a’ cheann thall, seach phearsachan. nas miosa fiù ’s: tha an leabhar ag innse dhuinn gun robh na dràganan a’ sìor-chrìonadh — aig iomall na dìtheachd — nuair a ràinig a’ chinne-dhaonna a’ phlanaid, is iad a’ marbhadh a chèile fad na h-ùine gus an do challaich an luchd-tuineachaidh iad. ann an co-theacas Astràiliach tha seo na mhac-talla air laghan colonach a bha a’ measadh Tùsanaich Astràilia mar phàirt de dh’fhauna na mòr-thìre seach mar dhaoine.

agus tha ceist na tràilleachd. air an dàrna làimh, tha e fìor gu bheil ceàrd-cùmhnant eadar-dhealaichte o thràilleachd chinnidheach dhen t-seòrsa a bha ann ann an Amaireaga, mar eisimpleir. tha Jakkin is an fheadhainn eile aig an rainse a’ faighinn pàigheadh uaireannan, agus, ann an teòiridh, faodaidh “bonders” an saorsa a phàigheadh, ma lìonas iad am poca a tha iad a’ giùlan mar chomharra a’ cheàrd-chùmhnaint. air an làimh eile, gu teòiridheil bha sin fìor fiù ’s ann an Ceann a Deas nan Stàitean Aonaichte ron a’ Chogadh Shìobhalta — bha e tòrr na bu dorra airson tràillean airgead a chruinneachadh, ach gu h-oifigeil dh’fhaodadh tràill Dhubh saorsa a chosnadh le airgead, nan robh am maighstir deònach gabhail ris a’ phàigheadh. tha e coltach gu bheil e nas fhasa an seo — gu bheil prìsean nan cùmhnant air an suidheachadh ann an dòigh air choreigin, m.e., gus am bi fios aig bonders gum feum iad am pocannan a lìonadh gu ìre shònraichte (“I fill my bag myself” an dearbhadh a bhios aig caractaran na nobhaile gu tric) — ach, leis nach eil teirm air na cùmhnant, ’s è tràilleachd a th’ ann, aig a’ cheann thall.

chan e gu bheil Yolen ag àicheadh seo, gu mionaideach, ach tha i a’ làimhseachadh nam bonders ann an dòigh car dùbhlanach. tha Jakkin ga chumail fhèin air leth, mar a thuirt mi, agus le sin tha mi a’ ciallachadh nach bi e a’ cosnadh airgid air suiteis na air tursan chun nam “baggeries” (.i., taighean-siùrsachd) na fiù ’s air na sabaidean — chan fhaca e riamh sabaid gus a’ chiad shabaid aige aig deireadh an leabhair. ’s ann mar seo a thèid aige air a shaorsa a chosnadh aig a’ cheann thall. an taca ris-san, tha na bonders eile leisg, no sanntach, no a’ cromadh air drogaichean — ’s iad fhèin as coireach dhan staid. aidichidh an nobhail gu bheil neo-ionannachd shiostamach ann — tha cuid mhòr dhe na bonders a’ buntainn do shliochd na feadhna a chaidh a chur gu Austar IV mar eucoirich, linntean air ais. ach nuair a their “maighstir” Jakkin gur ann air sgàth a laigse fhèin a tha bonder eile, Likkarn — neach-trèanaidh dhràgan — na bhonder fhathast/a-rithist (oir a rèir coltais bha e saor uaireigin), tha an nobhail dìreach a’ gabhail ris a seo. tha Jakkin airidh, mar phrìomh-charactar, oir tha e deiseil is deònach a bhith ag obrachadh. chan eil an fheadhainn eile, is mar sin bidh iad nan tràillean gu bràth. tha caraid aig Jakkin, Errikkin, ag aithneachadh seo os àrd, is e ag iarraidh air Jakkin a chùmhnant a cheannach nuair a bhios Jakkin saor, oir “I can’t seem to save anything. I mean, I love the stews. And the pits.” ’s iad na tràillean fhèin as coireach dhan tràilleachd an seo.

a’ leigeil seachad nan dùbhlan id-eòlach seo, bha e inntinneach an leabhar seo ath-leughadh às dèidh dhomh cuid dhe na leabhraichean Valdemar, le Mercedes Lackey, a leughadh airson a’ chiad turais. tha an dà shreath gu mòr fo bhuaidh Phern, ach tha iad a’ togail tùs-smuain McCaffrey ann an dòighean coltach ri chèile ach a’ dol a thaobhan gu tur eadar-dhealaichte. aig bun-ìre, ’s e sgeulachd airson clann-nighinn eich a th’ ann am Pern: saoghal far a bheil creutair mòr (is cunnartach) sònraichte a tha nas measaile ortsa na air duine sam bith eile is a dhìonas o dhaoine eile thu is a bhios a’ toirt gràdh buan dhut, msaa. sin Pony Pals. an diofar, ann an obair McCaffrey, is e gu bheil na dràganan tuigseach is comasach air conaltradh mar dhaoine. tha Lackey a’ togail na fìrinne gur ionann dràgan is each agus ag ràdh, “okay, ma-thà: Pern ach le eich chian-fhaireachail a-nis.” tha Yolen a’ dol an taobh eile: Pern ach le dràganan mar ainmhidhean, àiteigin eadar eich is coilich-shabaid, seach mar dhaoine. tha dràgan Jakkin cian-fhaireachail fhathast, ach chan eil e a’ conaltradh ach ann an dathan, is chan eil e cho tuigseach ri duine. ged a tha e soilleir gur ann air Pern a tha Yolen a’ tarraing, ma-thà, tha an sgeulachd fhathast a’ faireachdainn ùr ann an dòigh. tha sgàil Phern fada, ach gabhaidh rudan ùra dèanamh foidhpe fhathast.

a dh’aindeoin nan teagamh id-eòlach — nach beag — agam, chòrd an leabhar rium. bidh ùidh agam ann a bhith a’ faicinn ciamar a làimhsicheas Yolen an tràilleachd is a’ cholonachd sna leabhraichean ri teachd, oir tha rudan beaga an siud ’s an seo a tha a’ toirt orm smaoineachadh gum bi na leabhraichean eile gan sgrùdadh seo nas dlùithe; ’s dòcha gun atharraich mi m’ inntinn mu dheidhinn, ma-thà.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o na Stàitean Aonaichte)