ann an 2009, còrr is fichead bliadhna às dèidh dhi A Sending of Dragons fhoillseachadh, thill Jane Yolen dha na Pit Dragon Chronicles le Dragon’s Heart. bu toil leam a ràdh gu bheil an leabhar seo a’ fuasgladh a h-uile teagaimh a bh’ agam mun a’ chiad trì-leabhar, ach gu mì-fhortanach ’s e a theirinn ach nach eil mi a’ tuigsinn carson a bha i airson tilleadh dhan t-saoghal seo.
air an dàrna làimh, dhomhsa dheth tha Dragon’s Heart nas fheàrr na A Sending of Dragons, co-dhiù. chan eil ach dà sgeulachd ann an seo, air an aithris tro shùilean Jakkin agus Akki. tha an nobhail a’ tòiseachadh leis an dithis aca a’ tilleadh dhan rainse — agus do dh’Austar a th’ air atharrachadh gu mòr, is na tràillean uile saor on ceard-chùmhnantan. tha rùintean-dìomhair aig Jakkin is Akki, ge-tà: rùn-dìomhair na feadhna a tha a’ fuireach anns na beanntaichean, is rùn-dìomhair nan comas ùr cian-fhaireachail aca fhèin. tha Jakkin airson fuireach air an rainse, feuch an cum e an rùn-dìomhair; tha Akki airson dol dhan a’ phrìomh-bhaile, feuch am faigh ise a-mach cò às a thàinig na cumhachdan aca is ciamar a sgaoileas iad iad gu sàbhailte, gun a bhith a’ cur nan dràgan uile ann an cunnart.
air an làimh eile, dìreach nuair a tha e coltach gu bheil poileataigs an t-saoghail seo gu bhith cudromach dhan sgeulachd (mu dheireadh thall), tha Yolen gan seachnadh a-rithist. thèid Jakkin a thoirt fo bhruid le buidheann bheag o na beanntaichean — thathar a’ cantainn “trogs” riutha a-nis, is tha Yolen a’ leigeil oirre gun robh am facal seo àbhaisteach roimhe, ach cha do nochd e idir ann en A Sending of Dragons. tha iad ga ghiùlan thar an fhàsaich airson adhbhar nach eil soilleir dha sa bhad. thèid Akki a thoirt fo bhruid le seann reubaltach a tha airson an dithis aca, ise is Jakkin, a mharbhadh gus nach aithnich duine sam bith e. tha poileataigs ann mar chùl-taic dhan a seo — tha an Caidreachas eadar-reultach air earghair a chur air Austar air sgàth nan reubaltach — ach aig a’ cheann thall chan eil an nobhail an da-rìribh a’ dèiligeadh ris na ceistean poileataigeach a thogar innte.
agus, uair eile, thig an sgeulachd gu crìoch gu h-obann le cunntas-mìneachaidh ach gun a bhith a’ sealltainn nan rud cudromach a thachras. ’s e sin, aig a’ cheann thall, prìomh-thrioblaid na nobhaile seo agus an t-sreatha air fad: gu teòiridheil tha Jakkin is Akki airson an saoghal atharrachadh. ach ged a dh’atharraicheas Akki, co-dhiù, e, chan eil pròiseas an atharrachaidh a’ nochdadh air na duilleagan idir. na àite tha sreath de dhàna-thursan (nach eil ro dhàna, uaireannan) car dì-cheangailte, is tha a’ mhòr-chuid dhen atharrachadh air a cur air dòigh le daoine eile. tha seo a’ fàgail nan leabhar dìreach caran dòrainneach.
ach ràinig mi a’ chrìoch, co-dhiù. onwards and upwards, mar a their iad.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o na Stàitean Aonaichte)