Heart’s Blood (Pit Dragon Chronicles, #2), Jane Yolen

Beurla / Stàitean Aonaichte / 1984

ma bha Dragon’s Blood, a’ chiad leabhar sna Pit Dragon Chronicles, le Jane Yolen, a’ faireachdainn coileanta ann fhèin, ged a tha e car teagmhach aig amannan a thaobh an id-eòlais, tha Heart’s Blood, an dàrna leabhar, car na bhùrach.

tòisichidh mi leis na rudan matha. tha stoidhle Yolen glacmhor fhathast — a dh’aindeoin neònachas a’ phlota (air am bruidhinn mi) cha robh mi riamh a’ faireachdainn na h-ùine fada fhad ’s a bha mi a’ leughadh. tha an dòigh sa bheil i a’ làimhseachadh na gnè beagan nas fheàrr an seo, san t-seagh ’s nach eil Jakkin ag ràdh ri Akki (an nighean air a bheil gaol aige) gu bheil feum aice air “maighstir” leis gur e nighean a th’ innte.

ach cha mhòr nach eil gach rud eile na bu mhiosa. an toiseach tha co-structar a’ phlota uabhasach neònach. tha an leabhar a’ faireachdainn mar nach b’ urrainn do Yolen cur roimhpe dè an sgeulachd a bha i airson innse: sgeulachd teachd-an-inbhe Jakkin, sgeulachd phoileataigeach a’ ceasnachadh nòrmaichean Austar IV, air neo gaoir-sgeul mu Jakkin is Akki. ann a bhith a’ feuchainn ris na trì sgeulachdan seo fhilleadh tron a chèile tha iad uile a’ dol ceàrr, is aig a’ cheann thall tha an dà chaibideil mu dheireadh a’ toirt a-steach eileamaid shaoghal-chruthachaidh gu tur ùr, air nach eil iomradh sam bith roimhe, agus an uair sin dìreach...a’ crìochnachadh, ann an dòigh a thug orm smaoineachadh nach robh fhios aig Yolen aig an àm gum biodh treas leabhar ann is mar sin gun robh i a’ feuchainn ri crìoch a chur air an sgeulachd air fad. tha a h-uile rud ro aithghearr.

tha an leabhar a’ tòiseachadh le teachd-an-inbhe Jakkin — agus, mar an ceudna, teachd-an-inbhe a dhràgain, Heart’s Blood, a tha an ìmpis gur airson a’ chiad turais. seo a’ mhòmaid a bu mhotha a chuir iongnadh orm is mi a’ leughadh: chan eil sìon san leabhar mu mar a dh’fhàs Heart’s Blood trom — a dh’aindeoin buaidh Phern, chan eil itealaich cho-ghinidh air a sealltainn an seo, ged a tha fhios agam o Dragon’s Blood gu bheil iad ann. ach: ged nach eil sinn a’ faicinn ciamar a dh’fhidir Jakkin an co-ghineadh, ’s ann a tha sinn a’ faicinn ciamar a dh’fhidreas e an gur, is e ga fhaireachdainn tron a’ cheangal chian-fhaireachail eadar e fhèin is Heart’s Blood. mar sin, tha a’ chian-fhaireachdainn a’ gabhail a-steach gur/breith ach chan eil feis. abair roghainn!

an ceann caibideil no dhà, ge-tà, tha sgeulachd eile a’ tighinn a-steach: poileataigs Austar IV, ged a dh’fheuchas Jakkin rin seachnadh. tha reubaltaich a’ feuchainn ri cur às dhan t-siostam de thràilleachd — maighstirean is bonders — is ris a’ phlanaid a shaoradh chan ann a-mhàin on neo-ionannachd ach cuideachd o smachd a’ Chaidreachais eadar-reultaich, a tha a’ meòrachadh air a’ phlanaid ion-chorpachadh. tha Jakkin dhen a’ bheachd gu bheil an dà chuid seo dona, rud a tha ga fhàgail a’ dìon na tràilleachd: faodaidh tràill ghlic a shaorsa a phàigheadh, their esan ris fhèin, ach fo smachd a’ chalpachais eadar-reultaich bhiodh uaislean neo-fhoirmeil ann (na beartaich, is iad a’ cur air adhart an cuid bheartais dhan cloinn) ach gun chothrom laghail teicheadh o inbhe ìosal. a-rithist, tha an leabhar a’ gabhail ris a’ bheachd-smuain gu bheil an seòrsa tràilleachd seo cothromach ann an dòigh air choreigin. nas miosa fiù ’s: cheannaich Jakkin ceàrd-chùmhnant a’ charaid a dh’iarr sin air sa chiad leabhar, Errikkin, ach tha Errikkin ag iarraidh fuireach na thràill — is toil leis maighstir a bhith aige, agus maighstir chruaidh ma ghabhar sin (“Jakkin had a sneaking suspicion that Erikkin wouldn't mind a smack now and then.” — rud a dh’fhàsas nas soilleire nas fhadalaiche san nobhail).

agus tha na reubaltaich ann, agus iad nan gnàth-ìomhaigh de dh’ainriaghailtich olca a tha measail air fòirneart air sgàth an fhòrneirt. tha iad airson cur às dhan tràilleachd, ach cuideachd thathar ag ràdh gu bheil iad airson cur às dha na dràganan. ged a tha Jakkin ag aontachadh ann am prionnsabal gum biodh e ceart gu leòr gun cheàrd-chùmhnantan is maighstirean a bhith ann tuilleadh, tha an leabhar a’ diùltadh aramach mar ro-innleachd phoileataigeach. an toiseach tha coltach gur fheàrr le Yolen “rèabhlaid” shìtheil — muinntir Austar IV a’ bhòtadh na tràilleachd a-mach — ach aig a’ cheann thall tha fiù ’s sin ga dhiùltadh. agus ged a bha mi toilichte gun do dh’ainmich Yolen amasan stuthach — is e sin, eaconomach — gach taoibh dhen a’ chòmhstri, aig a’ cheann thall tha am fuasgladh a tha (a rèir coltais) an nobhail a’ dol a thairgsinn gu tur dì-cheangailte on t-saoghal stuthach (agus dlùth-cheangailte ris a’ cholonachd, leis an neach-tuineachaidh a’ dol na T/thùsanach às dèidh bàs an T/tùsanaich). chan urrainn dhomh gun a bhith a’ smaoineachadh: carson a sgrìobhadh tu leabhar mun tràilleachd mar seo mura robh thu airson dèiligeadh an da-rìribh rithe, mar dhùbhlan poileataigeach?

cumaidh mi orm, co-dhiù, leis gu bheil an dà leabhar eile agam on leabharlainn mu thràth is feuch dè nì Yolen leis a’ choincheap ùr a chuireas i ris an sgeulachd aig an fhìor-dheireadh. ach bitheamaid an dòchas gu bheil an ath-leabhar nas fheàrr na am fear seo.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o na Stàitean Aonaichte)