sgrìobhadh acadaimigeach
chaidh pìosan a th’ air an comharrachadh le rionnag (*) tro lèirmheas sheisean.
sa Ghàidhlig
- *‘Mae llyfr yn ddelwedd o fywyd’: Fìorachd is ficsean ann an An Dosan Norma NicLeòid is Melog Mihangel Morgan
Proceedings of the Association of Celtic Students, vols. VIII and IX, deas. Julieta Abella is Freya Smith (n.p.: Association of Celtic Students, 2023), 93-105
- Anns an aiste seo bheirear sùil air dà nobhail, An Dosan (2015), le Norma NicLeòid, agus Melog (1997), le Mihangel Morgan, a’ sgrùdadh mar a tha iad a’ riochdachadh agus a’ ceasnachadh na dàimhe eadar ‘fìorachd’ is ‘ficsean’. Le bhith a’ sgrùdadh an dà theacsa seo ri taobh a chèile, feuchar ri sealltainn gur urrainn do theacsaichean litreachasail a bhith feumail mar thùsan ‘teòiridheil’, agus le bhith a’ cur nobhail Ghàidhlig an còmhradh ri nobhail Chuimris, thathar a’ feuchainn ri ‘litreachas coimeasach Ceilteach’ a thaisbeanadh. Tha na nobhailean seo a’ togail cheistean cudromach mun sgaradh fharsaing a nithear eadar ‘fìorachd’ is ‘ficsean’, ceistean a tha co-cheangailte ri dùbhlain phoileataigeach cho-aimsireil: buaidh na colonachd-tuineachaidh ann an Amaireaga a Tuath, an dàimh eadar sòisealtas is ‘tinneas-inntinn’, agus cunnartan is cumhachdan an nàiseantais san latha an-diugh.
- Meek Lines: “Màiri Mhòr @ 200”
An Naidheachd Againne 37.2 (2021): 18-19
- meòrachadh air an dàn “Màiri Mhòr @ 200” le Dòmhnall E. Meek.
- *A’dhionnsaigh Mion-Litreachais: Deleuze is Guattari agus Litreachas na Gàidhlig
COMHARTaighde 7 (2021)
- Beachdaichidh an t‑alt seo air cleachdadh teòiridh litreachasail iar-structarail an luchd-teoìridh Fhrangaich Gilles Deleuze is Félix Guattari, gu sònraichte an aiste ainmeil aca ‘Qu’est-ce qu’une littérature mineure?’ [‘Dé th’ ann am mion-litreachas?’]. Tòisichear le mìneachadh goirid air a’ choincheap de ‘mhion-litreachas’ agus an uair sin, a’ toirt iomradh an dà chuid air dùbhlanan a nochdas san aiste fhèin agus air breithneachaidhean o sgoilearan eile (Glissant agus Gauvin 2010, Jamison 2018, agus eile), feuchaidh an t‑alt ri ceist shònraichte a fhreagairt: ciamar a dh’fhaodadh an aiste seo — agus an teòiridh litreachasail nuadh-aimsireil is iar-nuadh-aimsireil san fharsaingeachd — a bhith cuideachail dhuinn ann a bhith a’ sgrùdadh litreachas na Gàidhlig? Bithear ag argamaid gu bheil feum aig teòiridhean a thogar ann an cànanan ceannasach air seallaidhean mhion-chànanan, a dh’fhaodas, air an dàrna làimh, cuid dhe na dùbhlanan aithnichte aca fhuasgladh agus, air an làimh eile, dùbhlanan agus dearmadan ùra a nochdadh air nach bi luchd-teòiridh chànanan ceannasach a’ smaoineachadh idir. Aig a’ cheart àm, ge-tà, bithear a’ dearbhadh gu bheil an t‑atharrachadh co-theacsa o Fhraingis gu Gàidhlig ag atharrachadh na teòiridh, cuideachd. Nithear sgrùdadh goirid air cuid de theacsaichean litreachasail Gàidhlig (dàin le Mona NicLeòid Wagner agus Lodaidh MacFhionghain agus nobhail le Aonghas Pàdraig Caimbeul), feuch ciamar a tha litreachas na Gàidhlig fhèin a’ dèiligeadh ri a staid mar ‘mhion-chànan’ agus ‘mhion-litreachas’, ann an teirmichean Deleuze is Guattari. Aig a’ cheann thall, dearbhaichear gur ann a dh’fhaodas teòiridhean litreachasail nuadh-aimsireil a bhith feumail ann a bhith a’ sgrùdadh litreachas na Gàidhlig ach gum feumar am freagarrachadh air neo an ath-chumadh ann an co-theacsa mion-chànain, agus togar ceistean nas fharsainge mu chiamar a dh’fhaodadh na teòiridhean seo a bhith feumail taobh a‑muigh an nua-litreachais a‑mhàin.
- (air a mheasadh le seisean)
- Cruthan am pailteas
An Naidheachd Againne 37.1 (2021): 1-2
- mìneachadh goirid air a’ cho-chruinneachadh agam cruthan a chaidh ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte sna Duaisean Litreachais 2020.
- ‘rudan cudromach a ràdh / ann an cànan neo-chudromach’: sgrìobhadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh
Cànan is Cultar/Language & Culture: Rannsachadh na Gàidhlig 9, deas. Meg Bateman is Richard A.V. Cox (Slèite: Clò Ostaig, 2019), 153-164
- Aig deireadh an dàin aice ‘ain-cianalas’, their a’ bhana-bhàrd Ghàidhlig Mona NicLeòid Wagner, ‘uaireannan cha dèan e ciall / rudan cudromach a ràdh / ann an cànan neo-chudromach’ (2015, 46). ’S e seo prìomh cheist an sgrùdaidh seo: dè as ciall dha a bhith a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig – no ann am mion-chànan sam bith – san latha an-diugh? Ciamar a dhèiligear ri litreachas a bhios à àite anns ‘an t-saoghal litreachasail’ a bhios an-còmhnaidh ‘iomallach’, agus ri teagsaichean agus ùghdaran a dhiùltas an dùil ri bhith gan ‘aithneachadh’ le ‘meadhan’ litreachasail? A’ toirt iomradh air obraichean teòiridheil mu dheidhinn ‘litreachas an t-saoghail’ (Apter 2013; Casanova 2009; Melas 2007), agus gu h-àraid air ro-ràdh Phàdraig MhicAoidh agus Niall O’Gallagher ann an Sùil air an t-Saoghal (2013), molaidh mi ìomhaigh MhicAoidh agus O’Gallagher de litreachas na Gàidhlig mar ‘shruth, a’ co-mheasgachadh ri sruthan agus aibhnichean eile’ (2013, v) mar bhun-stèidh airson sgrùdaidh litreachasail air teagsaichean Gàidhlig. A’ tòiseachadh leis a’ bheachd seo, bheir mi sùil air dà dhàn, ‘ain-cianalas’ le Mona NicLeòid Wagner (2015) agus ‘Aistriúcháin’ le Gearóid Mac Lochlainn (1999), bàrd à Èirinn a Tuath, feuch an tèid na ceistean a thig a-mach às a’ cho-theagsa seo a fhreagairt. Bidh Wagner agus Mac Lochlainn a’ cur cuideam air aonaranachd a’ bhàird am broinn mion-chànain, ach fhathast sgrìobhaidh an dithis aca an cuid bàrdachd ann an Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann. Ciamar a dhiùltar an sraon a dh’ionnsaigh an uile-choitcheannais, agus dè tha an diùltadh seo a’ ciallachadh? Mar sin, ciamar a bheir sinn cunntas air suidheachadh litreachas na Gàidhlig an-diugh, na ioma-fhillteachd agus na chontrarrachdan uile-gu-lèir?
sa Bheurla
- *“Weyrbred is best for greens”: Containment and world-building in Anne McCaffrey’s Dragonriders of Pern
Fantastika Journal 7.2 (2023): 69-83.
- Tha an t-alt seo a’ toirt sùil air làimhseachadh queerness agus gu sònraichte co-sheòrsachd fhear anns an t-sreath Dragonriders of Pern (1967-2012) le Anne McCaffrey gus meòrachadh air na beàrnan eadar na their e gu sgaoilte agus na sheallas e an da-rìribh a thaobh queerness is charactaran queer. Tha na cothroman mac-meanmnach a dh’fhosglar leis an Fhicsean-shaidheans a’ leigeil le Pern spàsan a shealltainn far nach ann a-mhàin gun gabhar ri feisealachdan queer ach cuideachd gu bheil dùil riutha, agus tha na spàsan seo — agus, mar leudachadh, queerness — gu cunbhalach am meadhan sgeulachd an t-sreatha. Aig a’ cheart àm, ge-tà, tha an sreath a’ tolladh nan eileamaid ùtopach dhe shaoghal-chruthachadh gun sgur le gràin co-sheòrsachd neo-shuarach taobh a-muigh is taobh a-staigh an teacsa. ’S e an toradh teanntachd eadar gràin co-sheòrsachd fhollaiseach an t-sreatha agus mar a chuireas e gu cunbhalach co-sheòrsachd fhear, gu sònraichte, san ro-ionad.
Tro sgrùdadh mionaideach nan dòigh sa bheir gràin co-sheòrsachd structar gu saoghal-chruthachadh Phern, a’ cur fòcas air Dragonquest (1971) is Red Star Rising/Dragonseye (1996/1997), tha an t-alt seo ag argamaid: an toiseach, gu bheil cuid de phrìomh-eileamaidean saoghal-chruthachaidh Phern ag obrachadh mar ro-innleachdan srianaidh airson queerness; agus, an sin, gu bheil na ro-innleachdan srianaidh seo a’ fàilligeadh aig a’ cheann thall, is iad na àite a’ tarraing aire gu prìomhachd queerness ann an saoghal Phern. Tha mi ag argamaid gu bheil am fàilligeadh seo a’ dealbhadh nan dòigh sa bheil saoghal-chruthachadh aig an dearbh àm ga chumadh is ga chuingealachadh leis na co-theacsaichean sòisealta anns a bheil ùghdaran a’ sgrìobhadh agus cuideachd gu bheil e comasach air dol thairis air a’ cho-theacsa sin ann an dòighean ris nach eil dùil, a’ gabhail a-steach dhòighean a dh’fhaodte gun diùltadh ùghdaran aig ìre fhèin-fhiosrachail, agus gum faod dlùth-aire do dh’fhàilligeadh dhen t-seòrsa seo eileamaidean de chothroman radaigeach, ge cuingealaichte is iomallaichte, a nochdadh fiù ’s ann an teacsaichean glèidhteach no ais-cheumnach.
- Meek Lines: “Màiri Mhòr @ 200”
An Naidheachd Againne 37.2 (2021): 18-19
- eadar-theangachadh Beurla de “Meek Lines: Màiri Mhòr @ 200”.
- lèirmheas air Patricia A. McKillip and the Art of Fantasy World-Building, Audrey Isabel Taylor
Journal of the Fantastic in the Arts 32.1 (2021): 119-122
- lèirmheas goirid breithneachail.
- Forms in abundance
An Naidheachd Againne 37.1 (2021): 1-2
- eadar-theangachadh Beurla de “Cruthan am pailteas”.
- faclan-fair(g)e (Cuan-bhriathradair a thèid còmhla ri “An Cuan” Ailein Dòmhnallaich — An oceanic lexicon to accompany Ailean Dòmhnallach’s “An Cuan”)
Artis Natura 1 (2017)
- chaidh an aiste ghoirid (no pìos meòrachail) seo, a’ tarraing air a’ bhriathrachais-uisge anns an dàn “An Cuan” le Ailean Dòmhnallach, fhoillseachadh air loidhne san iris Artis Natura, ach tha e coltach gun deach an làrach-lìn aca às. tha an ceangal seo a’ stiùireadh chun an Wayback Machine.
(air ais)