bho chionn greis, chuir mi romham gun leughainn na ciad leabhraichean ruisg a dh’fhoillsicheadh sa Ghàidhlig — na nobhailean tràtha, cuid dhe na dealbhan-cluiche a tha rim faighinn o Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Còmhraidhean nan Cnoc, msaa. — gus am fàsainn nas eòlaiche air litreachas Gàidhlig an fhicheadaimh linn air fad, seach dìreach bho chionn 1990; aig a’ cheart àm, bha mi airson sùil a thoirt air ficsean tràth sna cànanan Ceilteach a th’ agam — bidh mi a’ leughadh Grádh Crádh le Úna Ní Fhaircheallaidh, a’ chiad nobhail(eag) le boireannach ann an Gàidhlig na h-Èireann — a dh’aithghearr. cho fad ’s a tha fhios agam, ’s e Aig Tigh na Beinne, le Catrìona Nic’Ille-Bhàin Ghrannd, a’ chiad leabhar-ruisg bun-chruthachail (ged a tha cuid de dh’eadar-theangachaidhean ann cuideachd, an dà chuid de rosg agus de bhàrdachd) a chaidh fhoillseachadh ann an Gàidhlig le boireannach, agus shaoilinn gum biodh e inntinneach tòiseachadh an sin.
bha e inntinneach, aig a’ cheann thall, aidichidh mi, ach dùbhlanach, leis gur ann glè thric a bhios i a’ tarraing air (gnàth-)ìomhaighean, abairtean, is tèamaichean a tha a’ nochdadh, air an dàrna làimh, gràine-cinnidh mì-cheasnaichte agus, air an làimh eile, taice farsainge do phròiseact na h-ìmpireachd Bhreatainnich, ged a tha mòmaidean far a bheil i a’ sealltainn teagamhan a thaobh mar a dhèilig an Ìmpireachd ris na Gàidheil (gu h-eachdraidheil mura h-ann an da-rìribh san latha an-diugh).
tha a’ chiad sgeulachd a’ toirt na gràine-cinnidh seo am follais le bhith a’ cleachdadh gnàth-ìomhaighean an luchd-shiubhail: thèid nighean bheag, Moileag, a ghoid le còmhlan luchd-siubhail a tha a’ dol seachad air a’ bhaile aice. nam measg tha e coltach gun tèid a droch-dhìoladh, agus aig a’ cheann thall thèid aice air teicheadh bhuapa le cuideachadh o bhoireannach a tha a’ fuireach ann am baile eile. nuair a gheibh an luchd-siubhail a-mach gu bheil an nighean air chall, ’s ann a thig iad a bhagairt air a’ bhoireannach seo, agus feuchaidh iad ris a’ bhùth aice a sgriosadh mus tèid an rotadh às a’ choimhearsnachd (gu fòirneartach).
ann an sgeulachd eile, thèid (a-rithist) nighean òg a thoirt fo bhruid, an turas seo air bàta-bathair a tha a’ dol a dh’Amaireaga a Tuath. thèid an nighean seo a “reic” mar shearbhanta bann-sgrìobhaidh. tha a maighstir ùr na Iùdhach (le Gàidhlig, tha e coltach?), rud a chuir eagal orm, ach gu fortanach ’s ann a tha esan ga riochdachadh mar fhear coibhneil is cothromach gu leòr. fhad ’s a tha am prìomh-charactar ann an Amaireaga, ’s ann a choinnicheas i ri Tùsanach (fear “o dhaoine borba nan coilltean”) nuair a thèid i air chall sa choille anns a’ gheamhradh. com-pàirtichidh esan agus a bhean an dachaigh leatha fad na h-oidhche — ach gun fhacal a ràdh ri chèile — agus an uair sinn seallaidh esan dhi an t-slighe air ais dhan a’ bhaile sa mhadainn mus tèid e à sealladh am measg nan craobh a-rithist. chuir an tachartas seo nam chuimhne an leabhar a sgrìobh an neach-eachdraidh Anishinaabe Jean O’Brien, Firsting and Lasting, gu sònraichte an dòigh sam bruidhinn i air “lasting”, am pròiseas riochdachaidh is saoilsinne tron tèid Tùsanaich “à bith” ann am mac-meanmna nan colonach, “gu nàdarra”, gus nach fheum na colonaich cionnt fhaireachdainn mun a’ chùis.
tha a’ mhòr-chuid dhe na sgeulachdan stèidhichte san àm a chaidh, gu sònraichte san 18mh linn agus tràth san 19mh linn, agus sa cho-theacsa sin tha e coltach nach eil Ghrannd buileach riaraichte leis an stàit Bhreatainnich, mar eisimpleir nuair a dh’innseas i sgeulachd ann an “Duilleag à Linn Mo Sheanamhar” mu bhaile beag a chuireas fir a’ bhaile uile am falach gus nach tèid an toirt dhan nèibhidh le “pressgang”.
ach nochdaidh trioblaidean a-rithist nuair a thig i gu ceistean poileataigs an latha an-diugh, mar a chithear gu sònraichte soilleir anns na dàin san leabhar.
tha a’ chiad dàn san leabhar na dheasbad — uabhasach inntinneach — eadar “Coibhi an Druidh, Calum Cille, is Oisean, sàr-fhilidh nan Laoch”, a’ bruidhinn air atharrachaidhean cultarail air a’ Ghàidhealtachd. ged a shocraicheas an triùir, gu ìre, co-dhiù, nach eil atharrachadh an-còmhnaidh na rud dona, thig iad gu co-dhùnadh a thàirngeas gu làidir air luachan traidiseanta a tha dùbhlanach:
Dia, agus Dùthaich nam Beann le teas a lìonadh ar cridhe
Gu’n dean sinn gach ni ’tha ’n ar comas a dh’oibricheas maith do na Gàidheil.
Buaidh le aonachd is sìth! Buaidh le duinealas fiachail!
A suas leis a’ ghràdh gun cheilg, nach lotadh ar bràthair gu bràth!
Buaidh gu robh leis an fhìor-ghloine! Buaidh le stuaim agus diadhachd!
Buaidh le clàrsach nam Filidh! Buaidh le bilibh nam Bàrd!
a’ leigeil seachad ceist na diadhachd, air mo shon-sa dheth tha am facal “fìor-ghloine” a’ toirt leis beachdan mu “ghlaine” cinnidh — cinneadh a tha an seo gu làidir co-cheangailte ri beachd-smuain shònraichte de chultar na Gàidhlig. bidh cuimhne aig luchd-leughaidh an leabhair gun robh Gàidhlig aig an luchd-shiubail sa chiad sgeulachd, ge-tà — dè ’n t-àite a th’ acasan an seo ann an “Dùthaich nam Beann”? a bheil iad a’ cunntadh mar Ghàidheil?
tha an dàn bun-chruthachail mu dheireadh nas dùbhlanaiche (agus chan eil e idir cho inntinneach): ’s e a th’ ann ach moladh an Iarla Roberts, a bha ainmeil airson na pàirte a ghabh e ann an cogaidhean colonach Breatainneach ann an Àisia is Afraga. tòisichidh i le ro-ràdh goirid a tha a’ toirt ìomhaigh de cholonachd “mhath”: “Bha daoine dubha, bha luchd-tìre nan Innsean, agus na Malays comhla ris na daoine geala, mar aon sluagh, ’nan trusgana féille a’ feitheamh gu còmhdhail a thoirt da”. abair ìmpireachd toilichte! (cuiridh seo nam chuimhne an dòigh sam bi Niall Ros a’ bruidhinn air ìmpireachd Bhreatainn san dàn fhada aige Armageddon.) co-dhiù, tha e coltach nach eil teagamhan aig Ghrannd a-nis mu cheartas Bhreatainn, no mu cheartas na colonachd:
“Mìle fàilte do ’n t-Sàr,
O luchd-sìochaint ’s luchd-àir!” —
Tha gach cridhe is teanga ag ràdh:
Mìle fàilte do ’n Iarl’,
O ’n Ear, Deas, is Iar;
Aon an gràdh do Fhear-buadh Candahar!
san rann mu dheireadh bheir i iomradh (a-rithist) air “aonachd”:
Tha ’n òg-mhaduinn chiùin
A’ dealradh ás ùr
Air gorm chrios nan slíbht’ fad’ an céin;
Gealladh fàire na sìth”,
Madainn aonachd na tìr’,
An déigh oidhche a’ bhuaireis, ’s na péin.
bu chòir dhuinn a bhith a’ faighneachd: dè a tha san aonachd seo? tuigidh sinn gur e a tha an ceist aonachd Bhreatainn (agus Alba na pàirt dhen ìmpireachd) os cionn an t-saoghail, agus iad uile — “Ar Ban-rìgh, ’s ar Crùn, / Ar Pobull ’s ar Dùth’ch” — fo sgèith aon dè. saoil e an e seo an aon aonachd a bha i a’ ciallachadh san dàn mu atharrachadh na Gàidhealtachd?
tha, mar sin, iomadh dùbhlan poilitigeach a’ ruith tron leabhar seo — b’ fhiach dol troimhe gus ideòlas an leabhair (agus beachdan Ghrannd mu fhèin-aithne nan Gàidheal) a dhì-thogail ceum air cheum, rud nach eil ùine agam a dhèanamh an seo.
aig ìre chànanach tha an leabhar seo uabhasach inntinneach, leis gur ann à Earra-Ghàidheal a bha Catrìona Nic’Ille-Bhàin Ghrannd, is mar sin tha measgachadh de chleachdaidhean-cainnte, gràmar, is briathrachas aice nach eil cumanta sna làithean seo. tha, cuideachd, susbaint “bheul-aithriseach” gu leòr ann — tha a’ chuid as motha dhe na sgeulachdan stèidhichte air cunntasan a fhuair Ghrannd o coimhearsnachd, agus tha i a’ nochdadh a beachd-smuaintean fhèin air eachdraidh is cultar na Gàidhlig ann an seagh farsaing — teòiridh mu fhreumh-fhacal nan eddas, mar eisimpleir:
“The Edda.” Tha daoine ’s a’ bheachd gu ’m bheil Edda a’ ciallachadh “Sinn-seana-mhàthair,” ach ’s e m’ amharus gur e Oide, no Oid-fhoghluim a’s ciall da; agus gu ’m bheil dàimh aige ri Oideas, agus gur e “Edda” Instructor mar a theirear ’s a’ Bheurla.
tha na rudan seo inntinneach, gun teagamh. aig a’ cheann thall, ge-tà, cha b’ urrainn dhomh (“cha b’ urrainn domh” a bhiodh aig Ghrannd, a rèir na riaghailte fiaclaiche) faighinn seachad air a’ ghràin-chinnidh a nochdas — chan ann an-còmhnaidh ach tric gu leòr — air feadh an leabhair, no air a’ phoileataigs.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)