nuair a bha mi os cionn cànanballs air twitter dh’iarr mi air luchd-leantainn a’ chunntais bhòtadh air dè an ath-leabhar Gàidhlig a bu chòir dhomh leughadh, agus ’s ann a thagh iad An Aisling. ’s e seo an treas leabhar le Alison Lang a tha mi air leughadh gu ruige seo: leugh mi Cainnt na Caileige Caillte nuair a bha mi aig an t-Sabhal Mhòr ann an 2014-2015, agus Am Balach Beag a dh’Èisteadh aig Dorsan airson na deuchainne-raoin (.i., field exam) agam ann an 2018, feuch am biodh e freagarrach dhan tràchdas agam (cha robh, ach chòrd e rium co-dhiù). ann an dòigh tha An Aisling car coltach ri Am Balach Beag a dh’Èisteadh aig Dorsan, ann a bhith a’ dèiligeadh ri teachd-an-inbhe agus ri eachdraidh-theaghlaich beagan toinnte is an dàimh eadar pàrantan is clann — ach aig a’ cheart àm tha seirm an leabhair gu tur eadar-dhealaichte. ma tha Am Balach Beag a dh’Èisteadh aig Dorsan caran dòchasach mu fhàs a phrìomh-charactair, tha An Aisling gu math teagmhach mun inbhe. mar a dh’aidicheas am prìomh-charactar, Mórag, aig a’ cheann thall: “Reic sinn an aisling.” (side note, tha an t-iomradh sin dìreach air òran Chapercaillie air am b’ àbhaist dhomh a bhith gu math measail a chur nam chuimhne.)
tha an leabhar a’ leantainn buidhean charaidean bho na bliadhnaichean aca ann an roinn na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann, aig toiseach na 1990an, gu meadhan-aois, tro shùilean Móraig, boireannach air a bheil aillse-bhroillich agus a tha, mar sin, a’ toirt sùil air ais air a beatha agus air mar a ràinig i an t-àite sa bheil i a-nis, a’ fuireach le triùir cloinne agus fear nach do phòs i. suidheachadh neo-àbhaisteach — “irregular arrangement”, mar a th’ aice air — a th’ ann, ged a dh’fhaodadh a’ chùis a bhith a’ coimhead àbhaisteach gu leòr bhon taigh a-muigh. tha dòigh-innse an leabhair èifeachdach, a’ glacadh guth Móraig mar chuideigin nach eil air stòiridh dhe leithid a sgrìobhadh roimhe le bhith a’ dol air ais ’s air adhart eadar an latha an-diugh agus na thachair ron a sin.
tha doirbh a bhith ag ràdh barrachd mun sgeulachd fhèin gun a bhith a’ toirt seachad spoilers, agus leis gun do chòrd an leabhar seo rium tha mi airson ’s gun leugh sibh e (ma bhios e air ais ann an clò uaireigin, air neo co-dhiù ri fhaighinn mar leabhar-d). faodaidh mi a ràdh, aig ìre tèama, nach e a-mhàin teachd-an-inbhe nan caractar a tha an ceist san leabhar ach teachd-an-inbhe na h-Alba fhèin, ron a’ chumhachd-tiomnadh agus às a dhèidh, agus an uair sin ri linn an reifreinn. mar a dh’fhàsas Mórag agus a bràmair, Donnchadh, chithear na h-atharrachaidhean a thàinig air eaconomachd na dùthcha (agus, aig a’ cheann thall, an t-saoghail), le sgaoileadh a’ chruinneachais agus buaidh a’ chalpachais a’ fàs nas doimhne is nas làidire.
Thuirt cuideigin air an rèidio gu bheil sinn air an iomall. Bha iad ag ràdh sin ron reifreann, agus ron taghadh, agus tha iad fhathast ag ràdh an aon rud. Tha sinn an-còmhnaidh air an iomall, tha e coltach, a’ toirt aon cheum eile air adhart a dh’ionnsaigh…chan eil cuimhne agam air an abairt a chleachd an neach-naidheachd a bha seo, ach rudeigin mu dheidhinn an ama ri teachd, a’ coimhead ri fàire.
aig a’ cheart àm — mar a dh’aidicheas Mórag fhèin, ann an dòigh, aig amannan — aig ìre ideòlach thathar a’ faicinn gluasad bho òige nas radaigiche, a thaobh na Gàidhlig mura h-ann san fharsaingeachd, gu inbhe a tha, chanainnsa, caran caomhnach, a dh’aindeoin an “irregular arrangement” a th’ aig Mórag is Donnachadh a thaobh an teaghlaich. mar as aosta a dh’fhàsas iad, ’s ann as suidhichte a dh’fhàsas iad, leis na h-aislingean (agus gu sònraiche an Aisling) a b’ àbhaist a bhith aca a’ crìonadh, agus aislingean nas bige is nas cumhainge air an cur nan àite. ’s dòcha gur i seo buaidh an reifreinn, chan ann a-mhàin air Mórag mar charactar ach cuideachd air mar a chaidh an leabhar fhèin a sgrìobhadh. ged a chòrd an leabhar rium, feumaidh mi aideachadh gu bheil mi beagan iomagaineach mun taobh seo dheth.
ach, aig ìre nan dàimh pearsanta a tha aig cridhe an leabhair, ’s i ceist eadar-dhealaichte a th’ ann: tha an dòigh san tèid an dàimh eadar Mórag is Donnachadh a riochdachadh gu math. thug e orm smaoineachadh, aidichidh mi, air dàimh a th’ air a bhith agam fhìn, is air a’ cheangal a tha, uaireannan, nas dlùithe na bu toil leinn a bhith a’ smaoineachadh, eadar “dèidheileachd” agus “ro-dhèidheileachd” (mar gum b’ eadh).
An turas a bha sinn sa chladh, ann an còmhradh rithe nuair a bha mi fhathast ag ionnsachadh aig ìre thràth, no ann an còmhradh eile mun àm sin, rinn i eadar-dhealachadh eadar toil is toigh is caomh agus a bhith measail agus dèidheil agus rudan eile a bha, dhòmhsa, uile a’ ciallachadh an aon rud, no faisg air an aon rud. Tha sin gu tric air tilleadh dom inntinn, sin agus an diofar eadar gaol agus gràdh, agus faclan bàrdail — rùn is mùirn is miann is miadh is bàidh.
Chan eil mo chainnt-sa ach tana, aotrom, cainnt neach-ionnsachaidh. Chanadh tu gun robh mi leisg, ach cha do dh’ionnsaich mi ach na dh’fheumainn.
tha barrachd a dh’fhaodte a ràdh mun dàimh eadar Mórag — neach-ionnsachaidh nach eil an sàs, gu ìre mhòr, ann an saoghal na Gàidhlig às dèidh an oilthighe, ach ann an saoghal beag far a bheil cuid de luchd-labhairt na Gàidhlig timcheall oirre — agus a’ Ghàidhlig fhèin. their mi, ge-tà, gun do dh’aithnich mi na teagamhan a bh’ aice mu cuid Gàidhlig agus mun a’ bhuntanas aice ris a’ chànan is ris a’ choimhearsnachd (ged a tha a’ cheist nas soilleire dhise leis gun robh Gàidhlig aig a h-athair bhon a’ ghlùin).
co-dhùnadh: is bochd gu bheil an leabhar seo a-mach à clò; bitheamaid an dòchas nach mair an staid sin ro fhada.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)