leugh mise An Tost agus Sgéalta Eile, le Barra Ó Caochlaigh (ainm bàrdail Airt Uí Riain), gus nach fheumadh sibhse. chan e sin ri ràdh, gu mionaideach, gu bheil e dona, ach gu deimhinne chan eil e math nas motha.
’s e an sgeulachd-tiotail a tharraing m’ aire dhan a’ cho-chruinneachadh, oir ’s e sgeulachd fhicsein-shaidheans a th’ innte. tha “An Tost” a’ leantainn dà ghinealachd de theaghlach tro chòig mòmaidean eadar-dhealaichte: ann an 1914, sgaraidh Seán is Máire air sgàth radaigeachd Sheáin; ann an 1916, bheir Máire cuideachadh dha gus an teich e o na h-ùghdarrasan Breatainneach às dèidh Ar-a-mach na Càisge; ann an 1921 thig an t-arm Breatainneach a bhagairt air Máire feuch an trèig i Seán. An uair sin, ge-tà, tha leum fada ann: ann an 1938, tha mac Sheáin is Máire, Fionnbarra, eadar dà bharail a thaobh na tha e ag iarraidh na bheatha. air an dàrna làimh, tha e airson a bhith na sheinneadair proifeiseanta, is tha guth math gu leòr aige airson sin; air an làimh eile, tha e airson a bhith na dhotair a’ gabhail cùram ris na bochda. aig a’ cheann thall thig galar na h-amhaich air is chan urrainn dha seinn tuilleadh.
an uair sin thig an leum as fhaide, 37 bliadhna (gu 1975) is thar iomall na gnè (gu ficsean-saidheans). tha Fionnbarra a-nis na “Aire Aer-thaisdeal”, dreuchd a bu chòir a bhith sìmplidh gu leòr ach gu bheil cogadh mòr an ìmpis briseadh a-mach — eadar Seapàn is Breatainn, air an dàrna taobh, is “an dà Amaireaga”, air an taobh eile — is ged a dh’fheuchas Èirinn ri cumail fhèin às, thig feachd à Breatainn airson a ceannsachadh, ag iarraidh rùn-dìomhair dìon na dùthcha a tha an t-Aire Aer-thaisdeal a’ glèidheadh. ìobraidh Fionnbarra e fhèin gus an seanailear Breatainneach a mharbhadh is Èirinn a shàbhaladh.
a bharrachd air na caractarn, tha na h-earrainnean air an ceangal ri chèile le bhith a’ crìochnachadh le diofar sheòrsa tost: an tost eadar càraid air a sgaradh; tost cofhurtail an ath-aonaidh; tost eagalach nan gunna às dèidh cath; tost guth nach sheinn tuilleadh; tost nam marbh às dèidh ìobairt Fhionnbarra. gu mì-fhortanach, cha robh an ceangal seo làidir gu leòr, is dh’fhairich an sgeulachd nas coltaiche ri trì sgeulachdan eadar-dhealaichte: sgeulachd Sheáin is Máire mar chàraid, sgeulachd air tinneas Fhionnbarra, agus an sgeulachd fhicsein-shaidheans aig an deireadh air cogadh mòr is fèin-ìobairt air sgàth na dùthcha. cha do dh’fhoghain an tost gus a h-uile rud a chur an cèill.
ged a tha Gàidhlig aige bho thùs, cuideachd, agus ged a tha e a’ dèanamh ceum san nua-Ghàidhlig aig an oilthigh ann an Gaillimh, chan eil an t-àite aige nas seasmhaiche sa cho-theacsa sin, nas motha:
tha na sgeulachdan eile uile fìorach — làn cho-thachartas ach gun a bith a’ dol thar crìochan a’ chreideis. tha iad uile car aotrom, is theirinnsa gu bheil a’ mhòr-chuid dhiubh èibhinn, no co-dhiù a’ feuchainn ri bhith èibhinn ged nach soirbhich leotha an-còmhnaidh.
sin an trioblaid leis a’ cho-chruinneachadh air fad: tha làn-fhollaiseach gur ann sna 1920an a dh’fhoillsicheadh e. chithear buaidh an t-Saorstáit air na sgeulachdan: Crìosdaidh, ais-cheumnach, talmhanach, a’ cur cuideim air luachan “traidiseanta”, air teaghlach, air creideamh ann an dia (Caitligeach), is air gràdh-dùthcha. chan eil gin dhe na sgeulachdan an da-rìribh a’ teicheadh às a seo, agus is miste iad air fad air a sgàth. nan robh na sgeulachdan eile speuclaireach ’s dòcha gun cuidicheadh sin, ach aig a’ cheann thall chan eil ach “An Tost”, is chan fhiach a leughadh sin mura h-eil sìor-ùidh agad ann an eachdraidh an fhicsein speuclairich ann an Gàidhlig na h-Èireann, oir chan eil i math mar fhicsean-saidheans ged nach eil na ciad trì earrainnean dhith dona mar fhicsean fìorach.
a bharrachd air susbaint nan sgeulachd, bha barrachd deasachaidh a dhìth air an leabhar, dìreach a thaobh litreachaidh — bidh Ó Caochlaigh a’ gluasad air ais is air adhart eadar “feicsint” is “feiscint”, m.e., agus is tric a tha puingean sèimheachaidh a dhìth, air neo a tha iad a’ nochdadh ann an àiteachan ceàrr.
mar sin: mar a thuirt mi, chan eil an co-chruinneachadh dona, gu mionaideach, ach chan eil e math nas motha.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Èirinn)