É verdade isso? Que todo mundo sabe que o preso entra, mas nunca sai?
[A bheil sin fìor? Gu bheil fhios aig a h-uile duine gu bheil am prìosanach a’ dol a-steach is nach tig e a-mach a-chaoidh?]
nobhail ghoirid de dh’uabhas a th’ ann an Assim na terra como embaixo da terra (Air Thalamh Mar a Tha Foidhpe, cuideachd ri fhaighinn sa Bheurla fon tiotal On Earth as It Is Beneath), suidhichte ann am prìosan iomallach — “a Colônia” — an àiteigin am Braisil.
tha buidheann bheag de charactaran ann: Bronco Gil, prìosanach Tùsanach a tha comasach air iomadh arm; Pablo, prìosanach a tha air a bhith a’ beachdachadh air teicheadh; Taborda, freiceadan glacte leis an eagal; Valdênio, bodach a tha air a bhith sa phrìosan fad a bheatha, cha mhòr; is Melquíades, fear-stiùiridh an-iochdmhor na Colônia. bho chionn greis, fhuair iad naidheachd gu bheil oifigear air choreigin gu bhith a’ tighinn gus a’ Cholônia a dhùnadh, mu dheireadh thall. bhon àm sin, tha Melquíades air a dhol an an-iochdmhoiread: gach oidhche de ghealach shlàn, leigidh e dithis no triùir dhe na prìosanaich mu sgaoil gus am faod esan an sealg is am murt. chan eil ach cuid bheag air fhàgail, a-nis, an eu-dòchas gun tig an t-oifigear mu dheireadh thall.
sgeulachd an-iochd a tha seo: chan ann a-mhàin an-iochd Mhelquíades ach an-iochd an t-sòisealtais air fad — an-iochd sòisealtais a bhios a’ togail phrìosan is a’ glasadh dhaoine annta. agus an-iochd na h-eachdraidh, oir tha a’ Cholônia air a togail air làrach seann phlanntachais, is tha an ùir foidhpe air a lìonadh le cnàimhean nan tràill a mharbhadh an sin — agus, tha coltach, tha an làrach air a thathaich len taibhsichean, ged a tha an taobh seo dhen nobhail beagan neo-shoilleir. tha mi a’ faireachdainn gu bheil rudeigin fantasach a’ tachairt an seo, ach ’s e — mar a chanadh Farah Mendlesohn — liminal fantasy a th’ anns an nobhail, mas e fantasachd idir.
san dàrna leth dhen nobhail tha an sgeulachd a’ tionndadh gu taobh ris nach robh dùil agam, is feumaidh mi a ràdh nach eil mi cinnteach an do dh’obraich an t-atharrachadh seo. air an dàrna làimh, bha e a’ faireachdainn mar fhiaradh-sgeula; air an làimh eile, chrìochnaich an nobhail mar a bha mi an dùil, mar sin bha an t-atharrachadh fhèin car gun chuideam. roghainn neònach.
anns an fharsaingeachd, chòrd an nobhail rium, ach dh’fhag i beagan mì-chinnteach mi, is chan eil mi buileach cinnteach carson. a dh’aindeoin an fhiaradh-sgeula, tha rudeigin ro chruinn, sgiobalta mu deidhinn, is aig a’ cheart àm rudeigin a tha rud beag ro neo-shoilleir. tha an eileamaid fhantasach na pàirt dheth seo, saoilidh mi: tha gu leòr ann airson toirt a’ smaoineachadh gun tug rudeigin os-nàdarra buaidh air Melquíades, ach aig a’ cheart àm tha an nobhail a’ dèiligeadh ri fòirneart fìor, daonna, .i., an dòigh san tèid “eucoirich” a dhì-dhaonnachadh gu h-iomlan. gabhaidh seo — an dàimh eadar os-nàdarrachd is fìorachd — làimhseachadh ann an dòigh fhreagarrach, ach chan eil mi cinnteach an do làimhsicheadh an seo. a bharrachd air a seo, tha rudeigin mun dòigh sa bheil Maia a’ làimhseachadh cinneadh is colonachd: ’s e Tùsanach a th’ ann am Bronco Gil, is tha an nobhail a’ tarraing air fòirneart na tràilleachd, ach tha an dà chuid gam filleadh a-steach ann am Braisil gun a bhith, an da-rìribh, a’ dèiligeadh ri meanbh-phuingean eachdraidh na colonachd-tuineachaidh is na tràilleachd anns an dùthaich.
bha e math, ma-thà — le rosg glacmhor is geur — ach bha mi ag iarraidh barrachd.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Bhraisil)