Blue Rain, Ruperake Petaia

Beurla / Samoa / 1980
(rabhaidh susbainte: gràin-reamhraid)

’s e co-chruinneachadh bàrdachd ghoirid, shearbh, is gheur a th’ ann am Blue Rain, leis a’ bhàrd Shamoach Ruperake Petaia, a chaidh fhoillseachadh an toiseach an 1980 is ath-fhoillseachadh a-rithist an 1991 (agus ’s dòcha às dèidh sin, ach ’s ann à 1991 a tha an tionndadh a leugh mise). tha Petaia a’ sìor-chàineadh na stàite iar-cholonaiche is buaidhean na colonachd an dà chuid air eaconomachd is dòighean-beatha Shamoa is air inntinnean is cleachdaidhean an t-sluaigh, e fhèin nam measg.

coltach ri co-chruinneachaidhean eile on aon linn — m.e., Langakali, leis a’ bhàrd Tongach Konai Helu Thaman — tha Blue Rain a’ clàradh an atharrachaidh o eaconomachd shuidhichte air obair thalmhainn, .i., tuathanachas bith-bheò, gu eaconomachd air a togail air obair thuarastail. chithear seo ann an “Change”, mar eisimpleir:

A weekend out in the country,
where my cousins donning
bell-bottomed trousers
and coloured sunglasses
shading the sun-life
are telling me:
“We’re going down town
to buy bananas and taros
from the market place.”
I ask them why?
“Change man, schools now
teaching us living
with pens and papers,
No more with the
‘oso’ and ‘tiapula’”
they tell me.

’s e maide-phlanntaidh a th’ ann an oso agus gas taro a th’ ann an tiapula — .i., a rèir coltais, a’ phàirt dhen a’ phlannt a chuirte. bheir na dàin breithneachadh làidir air an riaghaltas iar-cholonach, air neo nua-cholonach, cuideachd, às dèidh deireadh na colonachd foirmeil. seall an dàn “Government”, m.e.:

She drinks the
national sweat in gulps
while her people
feed on a pile of promises.

She gets so fat and clumsy
everytime she waddles along
she stumbles on
potholed-roads and high
living costs.

At times she gets very sick
and makes quite a number
of unnecessary visits overseas
seeking financial treatment.
(Some people say her sickness
is incurable and that she will
die soon).

tha Wikipedia a’ toirt iomradh sònraichte air an dàn “Kidnapped”, agus tuigidh mi carson: tha Petaia a’ dèanamh coimeas eadar am foghlam colonach a fhuair e agus a bhith na ghiall am bràighdeanas:

Each three-month term
they sent threats to
my Mama and Papa

Mama and Papa loved
their son and
paid ransom fees
each time

aig ìre bhunasaich tha Petaia a’ diùltadh a’ bheachd gu bheil an neo-eisimeileachd fhoirmeil a’ comharrachadh an t-saoraidh. ann an dàn air “Freedom Day” (Latha na Neo-eisimeileachd, tha mi a’ smaoineachadh), cleachdaidh e am bratach nàiseanta mar shamhla — mar a nì nàiseantaich anns gach dùthaich — ach airson dearbhadh gu bheil an t-saorsa do-ruigsinn:

And Freedom files on,
Way up on a pole
Unreachable.

mar an ceudna comharraichidh e an sgaradh eadar geall na neo-eisimeileachd — gum bi an talamh aig a shluagh a-rithist — agus an fhìorachd, far a bheil neo-eisimeileachd a’ ciallachadh ion-shuidheachadh an t-seilbh phrìobhaidich air feadh na dùthcha: “Transpassers [sic] will be Prosecuted, you say? / For the Land I own?”

a thaobh bheachdan, ma-thà, tha na dàin làidir (ged a tha cuid de theagamhan id-eòlach agam — mar a tha e a’ cleachdadh an reamhraid ann an “Government”; riochdachadh nam ban; an seòrsa sgaiteachd a tha a’ diùltadh “poileataigs” uile gu lèir). a thaobh rannaigheachd, ge-tà, chan eil an co-chruinneachadh a cheart cho làidir. cha chàin mi mearachdan-litreachaidh no -gràmair, ach dìreach a thaobh ruitheam nan dàn tha a h-uile rud a’ faireachdainn rud beag buathanta. ’s tric a bhios na brisidhean-loidhne ann an àiteachan neònach nach eil a’ briseadh an ruitheam no na cèille ach, mar eisimpleir, a’ sgaradh alt o ainmear (“She drinks the / national sweat”). nan robh dàrna co-chruinneachadh eile aige bhithinn airson a leughadh feuch an atharraicheadh seo. cha robh e ach 29 nuair a dh’fhoillsicheadh Blue Rain an toiseach, is a rèir coltais chum e air a’ sgrìobhadh, ach chan eil iomradh air co-chruinneachadh eile, gu mì-fhortanach.

tha mi air a bhith a’ dol tro thasglann didseatach de litreachas on a’ Chuan-roinn, glè shlaodach, bho chionn cuid de bhliadhnaichean; cha chanainn gur e seo an rud as fheàrr a fhuair mi ann, ach bha math gu leòr, co-dhiù — ma gheibh thu greim air, ’s fhiach a leughadh.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Shamoa)