Chipped, Lux Thorn

Beurla / Stàitean Aonaichte / 2025
rabhaidhean-susbainte: cràdh-phianadh, tràilleachd

tha e beagan doirbh Chipped, leis an sgrìobhaiche neo-bhìnearaidh Lux Thorn, a mheasadh, leis nach mi an neach-leughaidh ceart air a shon (leugh mi e mar phàirt dhe na Small Spec Book Awards). feuchaidh mi, ge-tà, ri mheasadh gu neodrach mar as urrainn dhomh.

chaidh an leabhar fhoillseachadh anns an t-sreath de leabhraichean “12 Months of Whump” le meanbh-fhoillsichear a dh’fhoillsicheas sgeulachdan whump gu sònraichte. fiù ’s nuair a leughas mi ficsean-spèise cha bhi mi a’ leughadh sgeulachdan “hurt/comfort”, mar sin cha bhithinn air an leabhar seo a thogail mura robh airson nan SSBA; a bharrachd air a sin, bha dùil agam, feumaidh mi aideachadh, ri co-dhiù rud beag de chofhurt aig an deireadh, rud nach eil ann idir (ach tha neart eile ann a sin).

tha an nobhail a’ leantainn Ryland Eskell, a tha ag obair mar “ceasnaiche” (.i., neach-pianaidh) airson riaghaltas diostopach. chan eil Thorn a’ mìneachadh poileataigs an leabhair idir — tha an reatoraig oifigeil a’ càineadh nan “reubaltach” mar “anaircich”, ach sin mar a nì riaghaltas sam bith, diostopaidh ann no às. faodar gabhail ris gur e riaghaltas faisiostach a th’ ann, ach chan eil e soilleir, mar eisimpleir, a bheil e na thrioblaid gu bheil Ryland gèidh. co-dhiù, tha Ryland ag obair mar neach-pianaidh, ach tha e air a bhith a’ call a mhisneachd, ged a tha e doirbh dha sin aideachadh, bho chionn cuid de bhliadhnaichean (tha an teacsa a’ dol air ais is air adhart eadar dà is trì) — ’s e sin ri ràdh, on a chaidh an reubaltach leis an robh e a’ cadal à sealladh ann an siostam-ceasnachaidh an riaghaltais.

aon latha, ge-tà, cuiridh am fear-stiùiridh aige stad air anns an trannsa: tha prògram ùr a’ tòiseachadh, is an riaghaltas airson luchd-obrach le “sgealban” (ma leanas sinn am Faclair Beag, no “tiopan”, ma leanas sinn Fionnlagh MacLeòid) nan cinn a chleachdadh mar luchd-taice. tha na sgealban/tiopan a’ toirt na saor-thoile às na daoine seo, seann reubaltaich. tha Ryland an dùil gur e droch bheachd a th’ ann a seo, agus tha an ceart aige, gu sònraichte anns a’ chàs seo, oir cò th’ anns a’ chiad neach-obrach le sgealb a tha a’ feitheamh ris anns an oifis aige ach an reubaltach air an robh gaol aige, Cooper “Coop” Boyd.

tha seo a’ cur a h-uile rud bun-os-cionn, is Ryland a’ feuchainn ri Cooper a shàbhaladh is an t-saor-thoil is a’ phearsantachd aige a thoirt air ais gus an urrainn dhan dithis aca teicheadh. thèid rudan fada ceàrr, ach tha am fìor-dheireadh a’ tionndadh gu taobh eile: ged a chaidh an t-àm ri teachd sìtheil ris an robh Ryland an dùil a sgriosadh, tha àm ri teach eile ann — sabaid an aghaidh an riaghaltais seo is an aintighearnais. bhiodh an nobhail na b’ fheàrr nan robh poileataigs nas soilleire ann (gu sònraichte leis gur ann airson adhbharan pearsanta a dh’atharraicheas Ryland a bheachd, seach airson ’s gun do mhothaich e gu bheil an siostam anns an robh e an sàs dona/olc), ach tha an deireadh seo a’ feuchainn ri dol seachad air an sgeulachd eadar-phearsanta a-mhàin, co-dhiù.

sin — an dìth fhìor-phoileataigs — tè dhen dà phrìomh-thrioblaid leis an nobhail. ’s i an tè eile an dòigh sa bheil i a’ làimhseachadh a’ chràdh-phianaidh, oir tha an nobhail a’ gabhail ris gu bheil e seo ag “obrachadh” aig a’ cheann thall. ged a tha an nobhail a’ diùltadh a’ chràdh-phianaidh aig a’ cheann thall, tha i ga dhiùltadh air sgàth a bhrùidealachd a-mhàin, rud a dh’fhàg beagan mì-chofhurtail mi. ma ghabhar ris gu bheil an cràdh-phianadh ag obrachadh, tha na ceistean a thig na lùib ag atharrachadh gu “cuin a tha e ceart daoine a phianadh?” (m.e., airson eisimpleir a thoirt on t-sreath sgriosail ud 24, am biodh cràdh-phianadh ceart ma tha boma niùclasach gu bhith a’ spreadhadh ann am baile mòr?). math dh’fhaodte gum freagramaid fhathast nach eil cràdh-phianadh ceart ann an suidheachadh sam bith, ach mas i argamaid bheusail a tha sinn a’ cur an cèill tha an cunnart ann gum bi eisgeachd ann an àiteigin. am biodh na reubaltaich ceart a bhith a’ pianadh Ryland, nan glacadh iad e?

chan e a-mhàin gu bheil an cràdh-phianadh brùideil ach nach eil e fiù ’s ag obrachadh: ’s e a th’ ann ach brùidealachd air sgàth na brùidealachd. sin as adhbhar gum bu chòir dhuinn a bhith ga dhiùltadh, mar a dhiùltas sinn inneal sam bith nach eil ach a’ dèanamh cron air daoine. tha an cràdh-phianadh riatanach airson sgeulachd an leabhair seo — airson an suidheachadh “whump” seo a chur an cèill — ach chan eil a’ phuing shònraichte seo riatanach. dh’fhaodte seo atharrachadh gun a bhith a’ call susbaint na nobhaile; bha fiù ’s mòmaid ann far an do shaoil mi gun robh sin gu bhith a’ tachairt, far an toireadh Ryland fa-near gun robh cuideigin ag innse bhreug dìreach airson stad a chur air a’ phèin. ach cha do thachair sin; theich e bhon a’ phrìosan is dh’fhàg an nobhail an cràdh-phianadh mar a bha.

co-dhiù. tha na caractaran an seo is an dàimh eatarra air an tarraing gu sgileil. tha teanntachd san sgeulachd, mar bu chòir. tha na seallaidhean de chràdh-phianadh buaireanta, mar bu chòir, a dh’aindeoin a’ bheàirn a dh’ainmich mi. ma tha thu nas measaile na mise air a leithid seo de sgeulachd, math dh’fhaodte gun còrd an leabhar seo riut.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o na Stàitean Aonaichte)