Ach dé dhèanadh Tòmas Seathanach de’n bhuille mhealltach a chaidh a dhéiligeadh do’n fheadhainn a bha an urra ris. Is dòcha nach cuidicheadh e ceas a’ Chrùin ann an sùilean nam fir-bhreith gum b’eudar dhaibh fear-brath a cho-éigneachadh gu fianuis a thoirt an aghaidh a choimhearsnaich. Sheall MacRath ris na cóig-fhir-dheug a bha dol a dhèanamh suas an inntinnean mu chiont no neo-chiont nam fear-creich, agus shaoil leis gur e daoine onarach, tuigseach a bh’annta. Ach an tuigeadh daoine onarach, laghail gum b’fheudar do na croitearan a bhi cho ainneartach agus a bha iad ann an sùilean an t-saoghail?
’s e nobhail ghoirid eachdraidheil a th’ ann an Creach Mhór nam Fiadh, le Tormod Calum Dòmhnallach, a’ riochadachadh Creach Mhòr na Pàirce ann an 1887. tha an nobhail ga sgaradh ann an ceithir earrainnean: “Coinneamh”, “Creach”, “Cùirt”, is “Coimisean”, is iad a’ leantainn sgeulachd na Creiche bho phlanachadh gu dìleab. tha e coltach gun robh Dòmhnallach a’ tarraing air aithrisean co-aimsireil ann am pàipearan-naidheachd mar bhun-stèidh airson na nobhaile. chaidh an nobhail fhoillseachadh le Gasaet Steòrnabhaigh, is còmhla ris an teacsa tha dealbhan tarraingeach le Diana de Vere Cole. gu mì-fhortanach, tha an deasachadh — aig ìre litreachaidh is mar sin — car dona, ach a dh’aindeon sin tha i inntinneach.
chun na h-ìre ’s gu bheil prìomh-charactaran ann, ’s iad Dòmhnall MacFhionghuin is Dòmhnall MacRath an dà phrìomh-charactar. tòisichidh an nobhail le sealladh MhicRath, maighstir-sgoile am Baile Ailein (air neo “Bailailean” mar a th’ aig Dòmhnallach air), a tha os cionn coinneamh far a bheil na croitearan a’ cur romhpa ciamar a gheibh iad taic bho thaobh a-muigh na coimhearsnachd, .i., bho phàipearan-naidheachd is bhon t-sluagh fharsaing air feadh na dùthcha (agus, aig a’ cheann thall, air feadh an t-saoghail). tha Dòmhnall MacFhionghuin na neach-teagaisg, cuideachd, a’ toirt taic do MhacRath, ach ga mheasadh fhèin mar fhear treun, dàna: thèid esan còmhla ris na creachadairean, is aig a’ cheann thall thèid casaid a chur air airson bagairt air poileas le gunna.
’s i an dàrna earrann, “Creach”, an tè as fhaide, a’ leantainn nan croitear, an toiseach (tro shùilean MhicFhionghuin), ach le grad-sheallaidhean on t-Siorram (aig a bheil truas ris na croitearan, ged a dh’fheumas e òrduighean an riaghaltais a choimhlionadh) agus o luchd-aithris bho phàipear-naidheachd radaigeach a dh’iarr MacRath orra tighinn. tha an earrann seo beagan riaslach ann an dòigh èifeachdach, a’ glacadh an dà chuid lùths nan croitear is bagairt nan ùghdarras os an cionn, is an sgeulachd a’ dol an teinnead le gach duilleag a dhol seachad. aig a’ cheann thall thèid breith air MacFhionghuin, MacRath, is buidheann eile, a bheirear sìos gu Dùn Èideann.
anns an treas earrainn, “Cùirt”, gheibhear sealladh car goirid air a’ chùis-lagha fhèin. ged a tha an leughadair (.i., mise) a’ feitheamh airson faighinn a-mach an tèid na croitearan a shaoradh, theirinn gur i seo an earrann as laige, oir tha an teanntachd air sìoladh às: gheibh sinn a-mach aig deireadh na dàrna earrainne gun do shoirbhich leis na croitearan a thaobh a bhith a’ tarraing aire an t-sluaigh dhan t-suidheachadh èiginneach ann an Leòdhas:
Cha robhy ceàrnaidh de’n t-saoghal nach cuala sgeulachd na criche, oir cha robh ceànraidh anns nach robh Gàidheil a theich bho’n dearbh airc a thug air an luchd-dùthcha éirigh an aghaidh an crannchur cruaidh. Thàinig an t-airgiod agus litrichean co-fhaireachdainn bho gach oisean de’n chruinne chun an taigh-sgoile ann am Bailailean. Nuair a fhuair Ruairidh MacCoinnich airgid Bhreatainn air son na bha sud de dholairean, bha e comasach dha iomadach lod cairt de mhin agus de rudan feumail eile a thoirt gu teaghlaichean feumach ceann-a-deas nan Loch.
leis gun do chuireadh an cèill an sgeulachd mar sgeulachd coimhearsnachd air fad, aig a’ cheann thall cha robh a liuthad ùidh agam ann a bhith a’ faighinn a-mach an deach na croitearan dhan a’ phrìosan no an do shaoradh iad: cha robh sin, suidheachadh an t-sianair seo, a’ faireachdainn cho cudromach ’s a bha suidheachadh sluagh nan Loch.
a dh’aindeoin sin, bha poileataigs na h-earrainne seo gu math làidir. an toiseach, tha Dòmhnallach a’ dèiligeadh ri mar a tha MacFhionghuin a’ “brath” air a chompanaich, às dèidh dha ùine a chur seachad na aonar sa phrìosan (.i., ga chràdh leis an Stàit) agus fo bhagairt leis a’ Phrocadair Ros: tha e soilleir gun do thuig an stàit Bhreatainneach a’ chùis seo mar bhagairt chan ann a-mhàin air cumhachd nan uachdaran ach air structar is cumhachd na Stàite fhèin, a tha dlùth-cheangailte ri cumhachd nan uachdaran. thug an t-iomradh a chuir mi aig ceann an lèirmheis seo buaidh shònraichte orm, cuideachd, is e a’ cur nam chuimhne sgrìobhaidhean radaigeach o na Stàitean Aonaichte (m.e., Martin Luther King, jr. a’ bruidhinn air libearalaich gheala), is cuiridh Dòmhnallach ceistean eile mun sgaradh eadar lagh is ceartas. tha an nobhail air fad na comharra air an sgaradh seo, is sgeulachd nan croitear a’ dearbhadh gu bheil còir aig a h-uile duine air biadh is bith-bheò, ge b’ e dè their laghan sealbhadaireachd:
Thubhairt an Seathanach [.i., neach-lagha air taobh nan croitear] ris [a’ Mhorair] gu robh an lagh ’na shealladh-san a cheart cho inbheach agus mórail agus a bha e ann an sealladh a’ Chrùin, ach thubhairt e ris a’ Chùirt gu feumadh daoine a bhith glé fhaiceallach nach saoileadh iad gu robh ceartas do’n Chrùn ’na nì bu chudthromaiche na ceartas do dhuine.
tha an earrann mu dheireadh, nach eil ach dà dhuilleig a dh’fhaid, a’ toirt sùil ghoirid air dìleab na Creiche air croitearan anns an Rubha, a’ dearbhadh nach robh anns a’ Chreich ach aon chaibideil ann an sgeul leantainneach. thig an nobhail gu crìoch le bhith a’ cur an cuimhne an leughadair nach fhaodar earbsa a chur ann an uachdarain, a’ co-cheangal Ruairidh MacGumaraid, croitear às an Rubha a bha an sàs ann an creach ann an Aignis, ri Dòmhnall MacFhionghain:
Cha d’ fhuair Ruairidh MacGumaraid obiar bho ’n Bhain-tighearna Mhathanach — agus na bu mhotha cha d’ fhuair Dòmhnall MacFhionghain.
a dh’aindeoin cuid de laigsean, ma-thà, chòrd an nobhail rium, agus cha chreid mi nach fhiach a leughadh.
is treasa tuath na tighearna.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)