Dùn-àluinn, Iain MacCormaig

Gàidhlig / Alba, an Rìoghachd Aonaichte / 1910

aig deireadh 1910, lìbhrig Calum Mac Phàrlain — a bha, am measg rudan eile, na bhreitheamh aig a’ Mhòd, agus mar sin aig an robh buaidh làidir air litreachas na Gàidhlig aig toiseach an 20mh linn — pàipear no òraid a chaidh fhoillseachadh an ath-bhliadhna ann an An Sgeulaiche. anns an aiste, tha e a’ càineadh litreachas traidiseanta na Gàidhlig is a’ moladh, mar gum b’ eadh, ùr-sgeulan. their e, mar eisimpleir:

An seann sgeul is bréine chunnaic mi riamh, b’ anns a’ Ghàidhlig a bha e air ìnnseadh, agus bha e air ìnnseadh gu math ealanta cuideachd. Ach is annamh a leithid ’sa Ghàidhlig, ged tha gu leòir dhiubh an cànainean eile. Ach cha’n ’eil neach ann a smaoinicheas gu ceart agus gu cothromach orra, is urrainn a ràdh gu’m bheil móran math anns na seann sgeòil. Faodaidh e bhith gu’n robh iad freagarrach do’n àm a chaidh seachad; ach cha’n ’eil iad freagarrach do’n latha ’n diugh. Is annamh iad nach deanadh Eachann Mac Phaidein no Iain Mac Phaidein no Iain Mac Cormaic na’s fèarr na iad. [...] Creid mise: Tha là na seann sgeulachd air dol seachad. (1911, 17)

bidh e follaiseach do luchd-leughaidh an làraich seo nach eil mi ag aontachadh ri mar a tha Mac Phàrlain a’ moladh “sgeul air ni nach do thachair, ach a dh’fhaodadh a chreidsinn gu’n do thachair” seach “sgeul air ni nach gabhadh tachairt” (24), agus gu sònraichte mar a tha e a’ diùltadh na beul-aithrise uile gu lèir. ’s e pròiseact eile, is nas fhaide, a bhiodh ann am breithneachadh mionaideach dhen id-eòlas eastataigeach a nochdas Mac Phàrlain san òraid aige, mar sin tha mi airson beachdachadh gu sònraichte an seo air Iain MacCormaig, leis gu bheil mi dìreach air crìoch a chur air Dùn-àluinn, no An t-Oighre ’na Dhìobarach, fear dhe na teacsaichean a dh’fhaodar aithneachadh mar “a’ chiad nobhail sa Ghàidhlig.” ma b’ e seo a bha Mac Phàrlain ag iarraidh airson (nua-)litreachas na Gàidhlig, dè, gu mionaideach, a bha am beachd aige?

a dh’aindeoin an dearbhaidh aig Mac Phàrlain, theirinnsa gur e “sgeul air ni nach gabhadh tachairt” a th’ ann an Dùn-àluinn, airson iomadh adhbhar. sgeulachd romansach a th’ ann, san t-seagh thraidiseanta, a’ leantainn òigear — Cailean, oighre Dhùin-àluinn, a tha suidhichte an àiteigin air tìr-mhòr na h-Alba — fhad ’s a dh’fheuchas e ri faighinn seachad air “trògain” athar is bean ùr athar, ban-Fhrangach coirbte a tha deònach a bhith ag òrdugh muirt is a tha airson cuidhteas fhaighinn dheth. tha an nobhail a’ leantainn Chailein o Dhùn-àluinn gu Sealainn Nuaidh — tro Afraga a Deas, far a bheilear a’ creidsinn gu bheil e marbh — agus air ais dhan Rìoghachd Aonaichte, is e a-nis beairteach às dèidh dha mòran òir fhaighinn mar phàirt de ghold rush an Sealainn Nuaidh. tha deireadh na nobhaile gu math contrived, ’s Cailean ga thaisbeanadh fhèin is a’ nochdadh a charaid, “Warnock,” a tha co-cheangailte ris a’ bhan-Fhrangaich ann an dòigh iongantach. gheibh Cailean an oighreachd air a bheil e airidh, gheibh a’ bhan-Fhrangach am peanas air a bheil ise airidh, pòsaidh Cailean a leannan, Màiri, is mar sin air adhart.

tha an nobhail suidhichte uaireigin san 19mh linn, ged nach eil e buileach soilleir cuin. uaireigin eadar na 1840an is na 1860an, tha dùil agam. tha seo gu sònraichte inntinneach air molaidh Mac Phàrlain sgeulachdan a tha a’ dèiligeadh ri “gnothuichean an latha ’n diugh” (24, clò Eadailteach bunasach). tha an sgeulachd cuideachd a’ gluasad air ais is air adhart eadar am prìomh-phlota agus seallaidhean air caractaran eile, gu sònraichte “Eachann a’ phaca” (marsanta ionadail) is “am ministear mór” (ministear radaigeach a tha a’ sìor-chàineadh cumhachd nan uachdaran). chan eil iad seo co-cheangailte, an da-rìribh, ri sgeulachd Chailein ach air èiginn. ’xs e a th’ annta ach inneal gus am faod MacCormaig a bheachdan poileataigeach fhèin a thoirt seachad.

tha iad seo aig a’ cheart àm gu math làidir is car nam briseadh-dùil. air an dàrna làimh, tha am ministear a’ diùltadh cumhachd nan uachdaran is a’ dearbhadh nach eil còir aig duine sam bith seach aig daoine eile air an fhearann, ag ìmpleachadh, m.e., nach bu chòir oighreachd a bhith ann sa chiad dol a-mach, ach gum bu chòir dhan a h-uile duine a bhith ag obair às a leth fhèin seach a bhith a’ faighinn “urraim” a rèir a shinnsireachd. an trioblaid — air an làimh eile — ’s i gu bheil an nobhail gu lèir cuideachd a’ gabhail ri còraichean Chailein mar oighre, leis gu bheil (no gum bi) esan na “uachdaran math.” ma tha aonar oighre airidh air oighreachd, dè tha ga sgaradh on fheadhainn eile? ’s e gur e duine math a th’ ann, ach tha sin ri ràdh nach e ach ceist nam beus a tha a’ bacadh na fiùdalachd bho bhith ag obair “mar bu chòir” — nam b’ e duine math a bh’ anns a h-uile uachdaran fiùdalach, cha bhiodh dùbhlan ann. tha sin dìreach gòrach, is cha chreid mi gun aontaicheadh MacCormaig ris (no co-dhiù tha mi an dòchas nach aontaicheadh). tha a’ chontrarrachd id-eòlach seo, theirinnsa, a’ reubadh na nobhaile às a chèile: tha structar na sgeulachd romansaich a tha MacCormaig airson innse air a thogail air ceartas na fiùdalachd, is mar sin ged a dh’fheuchas e ri còraichean uachdarain a dhiùltadh chan eil e ag obrachadh, oir tha structar na sgeulachd a’ stiùireadh an leughadair air ais dhan fhiùdalachd “mhath” a bh’ ann ri linn seann tighearnan Dùin-àluinn.

rud eile a chuir iongnadh orm aig deireadh an leabhar, b’ e dàn “Móir Bhig,” piuthar Chailein. thèid ise air chall nuair a thig a’ bhan-Fhrangach gu caisteal Dhùin-àluinn, is i air a cur gu Lunnainn airson “oideachadh math” fhaighinn ann a sin. aig deireadh an leabhair, gheibh sinn a-mach gu bheil i fhathast ann, ach gun fhacal Gàidhlig a-nis air a teanga, is i air a bhith ga togail le teaghlach Sasannach beairteach. cha till i do Dhùn-àluinn, ge-tà:

Chaidh Mór Bheag fhàgail far an robh i, a dhol a bhi ’na ban-oighre air na mìltean a bh’ aig na h-uaislean a thog i; ach b’ e Dùn-àluinn a dachaidh, is cha deach samhradh thar a cinn nach robh i tighinn ann fhad ’s bu bheò i. (MacCormaig 2003, 258)

an e seo, an da-rìribh, crìoch thoilichte? tha nas coltaiche ri mar a bheireadh — is a bheir fhathast — teaghlaichean geala clann Tùsanach air falbh bhon coimhearsnachdan gus toirt orra co-choslachadh do chultar ceannasach an luchd-tuineachaidh. co-dhiù thèid aice air tilleadh as t-samhradh, ach an ionnsaich i a-chaoidh cànan a bràthar is a màthar? no am bi i na ban-Shasannach aig a bheil dàrna taigh anns a’ Ghàidhealtachd?

a dh’aindeon nan dùbhlan id-eòlach seo, tha an nobhail siùbhlach gu leòr. tha stoidhle MhicChormaig tarraingeach anns an fharsaingeachd, ged a tha pàirtean cearbach, cuideachd (“‘Ha-ha-hà! Ho-ho-hó! Hi-hi-hì!’ ghàir Dòmhnull saor còir le lachanach […]” [164]). bu toil leam a-nis na sgeulachdan goirid aige a leughadh, agus Gu ’n d’ thug i spéis do ’n àrmunn. ged nach e sàr-nobhail a th’ innte, ’s fhiach Dùn-àluinn a leughadh, ar leam — a thaobh àite an eachdraidh litreachas na Gàidhlig is mar dhealbh dhen a’ mhòmaid shònraichte far an robh MacCormaig a’ sgrìobhadh, le aiseirigh Dhionnaisg an Fhearainn agus ùr-fhàs poileataigs radaigeach am measg nan Gàidheal. ’s dòcha gum faod an leabhar a leithid a bhrosnachadh a-rithist.


tùsan

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)