an toil leat marbh-dhraoidhean? an toil leat leasbaich? an toil leat am fànas? am bu toil leat marbh-dhraoidhean leasbach san fhànas — air neo, marbh-dhraoidhean leasbach bhon fhànas, a’ dol mun cuairt seann lùchairte Gotaiche feuch am fuasgail iad rùn-dìomhair na neo-bhàsmhoireachd? nam bu toil, cha chreid mi nach còrd an leabhar seo riut.
ged nach toil leam sgeulachdan uabhais idir, tha mi fhìn uabhasach (mar gum b’ eadh) measail air na neo-mhairbh (ach bhampairean, a tha làn-dòrainneach — na @ich mi), agus bho chionn greis tha mi air a bhith a’ dlùthachadh ris a’ cho-dhùnadh gur e saidheans-fhantasachd, gu sònraichte a’ ghnè litreachasail as fheàrr leam, seach fantasachd no ficsean-saidheans fa leth. mar sin, bha mi cinnteach ro làimh gun còrdadh an leabhar seo rium, agus gu mòr; ’s e as adhbhar gun tug mi cho fada airson a leughadh nach toil leam a bhith a’ ceannach leabhraichean le còmhdaich chruaidh (scam a th’ annta, san fharsaingeachd, ar leamsa). ach mu dheireadh thall chaidh mi sìos dhan a’ bhùth-leabhair fantasachd/ficsein-shaidheansa faisg air a’ champas agus fhuair mi e, agus, a dhia nan gràs, tha e nas fheàrr na bha dùil agam, fiù ’s.
tha an rian-grèine far a bheil Gideon the Ninth stèidhichte aig cridhe ìmpireachd mharbh-dhraoidheil ga riaghladh le ìmpire neo-bhàsmhor (air neo, nas mionaidiche, ìmpire a bhàsaich bho chionn deich mìle bliadhnaichean agus a chaidh ath-bheòthachadh le marbh-dhraoidheachd). tha Gideon Nav na ball dhen Naoidheamh Thaigh, suidhichte air a’ phlanaid as fhaide bhon a’ ghrèin, far a bheil iad a’ cumail faire air tuama àrsaidh anns a bheil seann nàmhaid (marbh) an ìmpire glaiste. b’ fheàrr le Gideon a bhith ann an àite sam bith eile, ach thèid an oidhirp-theichidh aice a sgriosadh nuair a thig naidheachd on ìmpire ag iarraidh air riochdairean gach Taighe tighinn dhan a’ phrìomh-phlanaid aige agus dol tro dheuchainn àrsaidh gus am fàs iad nan searbhantan naomha neo-bhàsmhor dha. thèid i, mar sin, ga h-aindeoin fhèin, còmhla ri marbh-dhraoidh an Naoidheimh Thaighe, Harrowhark Nonagesimus, feuch dè tha an dàn dhaibh, an da-rìribh, aig a’ cheann thall.
’s e eastataig na nobhaile a ghlac m’ aire an toiseach: marbh-dhraoidhean san fhànas, cnàmhlaich bheathadach, tuaman àrsaidh — bhiodh e gu math doirbh leabhar nas tarraingiche dhomhsa, gu pearsanta, a sgrìobhadh, dìreach a thaobh nam bun-bheachd. (’s dòcha nach bu chòir dhomh “tarraingeach” a ràdh, leis gu bheil saoghal an leabhair cho brùideil — ’s e marbh-dhraoidhean a th’ annta aig a’ cheann thall, leis an fhuil, leis na cnàmhan, leis na cuirp, is leis an fhòirneart uile a tha siud a’ comharrachadh.) agus ’s ann a tha na bun-bheachdan seo air an cur an cèill ann an dòigh fhìor-sgileil: chòrd gach duilleag dhen t-saoghal seo rium nas fheàrr na an duilleag roimpe.
agus tha na caractaran a cheart cho tarraingeach ’s a tha an saoghal — tha guth uabhasach èibhinn aig Gideon, gu sònraichte, a bheir cuid aotruime dhan sgeulachd fiù ’s anns na mòmaidean as duirche (nuair a bheir i tuairisgeul air cuideigin, mar eisimpleir, mar “mega-dead”). tha a’ mheidh fhaiceallach seo eadar aotruime is trom-chùisean a’ ruith tron leabhar agus ga chumail o bhith ro bhrùideil buileach. ged as e Warhammer 40,000 an rud as motha a tha Gideon the Ninth a’ cur nam inntinn (ach le tòrr a bharrachd marbh-dhraoidheachd agus le leasbaich), tha diofar glè chudromach eadar an dà rud, agus ’s e gu bheil Gideon a’ tuigsinn brùidealachd an t-saoghail aice agus ga diùltadh mar as urrainn dhi, fhad ’s nach ann a-mhàin a tha 40k a’ gabhail ri bhrùidealachd ach ga mealadh. agus tha spàs an seo airson pearsantachd, cuideachd: ’s iad na dàimhean a thogas — no nach tog — Gideon leis an fheadhainn o na Taighean eile cuid dhe na rudan as èifeachdaiche mun leabhar. agus bha e math a bhith a’ faicinn charactaran a tha leasbach no dà-sheòrsach gun iomradh sam bith air bhon t-saoghal mun timcheall. tha saoghal nan Naoi Taighean brùideil, gun teagamh, ach chan eil gràin cho-sheòrsach na pàirt dhith sin.
cha do bheò-ghlac leabhar mi mar seo bho chionn mhìosan — leugh mi an rud air fad (agus chan ann tric a bhios lùthas gu leòr agam gus leabhar cho fada seo — barrachd air 400 duilleagan — a leughadh) ann an dà latha, agus bhithinn air a dhol nas luaithe mura robh coinneamhan is obair agam.
mar sin: sàr-leabhar a tha seo. ma tha ùidh agad ann an gin de na rudan a dh’ainmich mi an toiseach, faigh lethbhreac dheth cho luath ’s as urrainn dhut; cha chreid mi gum bi e na bhriseadh-dhùil dhut.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Aotearoa)