Do ghabh uathbhás Inghean Uí Raghallaigh an fhaid do bhí sí ag éisteacht leis, ⁊ do bhí sgeón i n-a súilibh nuair d’fhreagair sí:—
“Nach bhfuil na laetheannta chomh fada céadna anois, a mh’anam, ⁊ do bhí riamh — ⁊ cad chuige go mbéadh imshníomh ar mo bheathaidh féin fa ghiorracht na haimsire?”
Do chrom Conall a cheann ⁊ d’fhéach sé go tuirseach truaighmhéileach ar a aon-mhnaoi féin ⁊ ’sé adubhairt sé:—
“Ní fhuil sé i ndán dúinn ár saoghal do chaitheamh i bhfochair a chéile, ⁊ ’sé as dóigh liom ioná gur fearr dúinn sgaramhaint anocht. Do chonnacas d’athair indiu ⁊ tá an sgéal go díreach glan mar shaoileas go mbéadh.”
Do thréig dath an róis a gruadhna annsoin ⁊ d’ionntuigh sí chomh bán le sneachta ar gclos na bhfocal soin di, ⁊ do b’amhlaidh d’airigh sí í féin ioná dá mbéadh nasg iarainn ag fásgadh a croidhe ⁊ ag luighe go trom timcheall air.
nobhaileag a tha san leabhar seo, a’ chiad nobhail no nobhaileag — a rèir coltais, co-dhiù — le boireannach ann an Gàidhlig na h-Èireann. fhuair mi iomradh oirre bho Aonghas Ó hAlmhain (@aonghusoha air twitter; taing cuideachd do Mhaitiú Ó Coimín/@maitiuocoimin airson Ní Fhaircheallaigh ainmeachadh), agus chuir esan thugam an ceangal dhan teacsa iomlan, a tha ri fhaighinn air loidhne (agus ann an cruth EPUB) o Acadamh Ríoga na hÉireann.
tha an nobhaileag gu math goirid, ag innse sgeulachd sìmplidh gu leòr, suidhichte eadar romansa eachdraidheil (tha an nobhail stèidhichte ri linn na ban-rìghinn Ealasaid I — no “Sibéal”, mar a th’ aig Ní Fhaircheallaigh oirre) agus sgeulachd lorgaire. sa chiad leth dhen teacsa, tha tè òg, Eibhlís Uí Raghallaigh, agus a bràmair, Conall, a’ coinneachadh gu dìomhaireach — leis gun do dhiùlt athair Eibhlíse leigeil leotha pòsadh — air eilean faisg air taigh Eibhlíse. cuiridh iad seachad am feasgar còmhla ri chèile, am feasgar mu dheireadh a bhios aca mus fhalbh air lorg fhortain:
Do bhí a fhios ag Eibhlíse go raibh sé curtha roimhe ag Conall dul tar lear ⁊ go bhfanfadh sé ann go mbéadh éirghe amach i nÉirinn. Níor chuir sí i n-a aghaidh, óir ba mhisneamhail an cailín í. Do bhí súil aici go dtiubhradh a hathair cead dóibh fa dhul i gcleamhnas ⁊ níor mhaith le ceachtar aca gan a bheannacht d’fhaghbháil uaidh. Rud eile dhe — do bhí an t-airgead níos fairsinge tar sáile an tráth soin ioná atá le n-ár linn-ne, & do bhí Conall ag tnúth le roinnt óir do ghnuasughadh chum aithfhillte ar an gCaiptín & a rádh leis:— “Táim chomh saidhbhir leat-sa anois!”
togaidh am plana seo a’ cheist, ge-tà, càit’ an robh e a’ dol gus fhortan a chosnadh? an ann air dol do dh’Amaireaga a Tuath a bha e a’ smaoineachadh? puing bheag a tha seo, ach ’s dòcha gum biodh an nobhaileag airidh air beagan “contrapuntal reading” (“leughadh frith-phuingeil”, dh’fhaodte?), mar a th’ aig Edward Said air.
ris an fheasgar a dhol seachad, cluinnidh Eibhlís agus Conall fuaim gunna ga losgadh air astar, agus an uair sin boireannaich ag èigheachd agus a’ gal. ged a ghabhas Eibhlís eagal ri seo, dearbhaidh Conall dhi nach eil rud a-mach às an àbhaist — ach nuair a ruigeas i a dachaigh an oidhche ud, gheibh i grunn daoine taobh a-muigh an taighe, agus corp a h-athar, air a mhurt, taobh a-staigh.
leis gu bheil fios aig a’ choimhearsnachd nach robh athair Eibhlíse toilichte leis an dàimh eadar a nighean agus Conall, agus leis nach eil fianaisean (a bharrachd air Eibhlís fhèin, ach saoileam nach urrainn dhi dad a ràdh air sgàth stuaime, leis gun robh iad nan aonar gun iad a bhith pòsta) a theireadh nach esan a rinn a’ chùis, ’s ann a dh’fheumas Eibhlís dòigh air choreigin fhaighinn gus neoichiontachd a gràidh a dhearbhadh. bu chòir aithneachadh, air an dàrna làimh, gur i Eibhlís fhèin a nì an obair as cruaidhe gus seo a choileanadh (an ise a’ chiad lorgaire, no a’ chiad bhan-lorgaire, ann an litreachas Gàidhlig na h-Èireann?), agus, air an làimh eile, nach eil deireadh na nobhail cho romansach idir ’s a bha dùil agam.
ged a tha an sgeul taitneach (agus inntinneach) gu leòr, b’ e an rud a bu mhotha a chòrd rium mun nobhaileag ach an dòigh-sgrìobhaidh a bh’ aig Ní Fhaircheallaigh. b’ e neach-ionnsachaidh a bh’ innte, nach do thog Gàidhlig na h-Èireann ach còig bliadhnaichean (!!) mus do dh’fhoillsicheadh an leabhar seo, ach dhomhsa co-dhiù tha coltas nàdarra gu leòr air a cuid Gàidhlig — nàdarra agus, ann an dòigh, clasaigeach, san t-seann stoidhle mus do stèidhicheadh an Caighdeán Oifigiúil. gheibhear structaran gràmarach nach eil cumanta tuilleadh an-diugh (an Èirinn no an Alba), nam measg, aon turas co-dhiù, rudeigin a tha coltach ri tuiseal cuspaireach (.i., accusative): “Go bhfóiridh Dia ar an duine mbocht”. b’ iad na rudan seo a ghlac m’ aire gu sònraichte.
mholainn an leabhar, mar sin, aig ìre a ghràmair fiù ’s mura robh an sgeulachd fhèin taitneach. tha mi toilichte gun do leugh mi e.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Èirinn)