Gun Fhois: Sgeulachdan mun Dà Shealladh, Eilidh Watt

Gàidhlig / Alba, an Rìoghachd Aonaichte / 1987

tha mi gu math measail air sgrìobhadh Eilidh Watt. leugh mi an co-chruinneachadh eile aice, A’ Bhratach Dheàlrach (1972), agus cuid de sgeulachdan fa-leth aice (ficsean-saidheans a dh’fhoillsicheadh ann an Gairm) is tha an stoidhle aice dìreach iongantach: Gàidhlig bhinn, bhlasta, air a cur an cèill ann an dòigh shiubhlach is nàdarra — ach gun a bhith ag ìobairt litearrachd no litreachasachd. tha an dòigh-sgrìobhaidh aice ann an Gun Fhois mar an ceudna, is chòrd an leabhar rium gu mòr.

tha an leabhar beagan doirbh a thaobh a chrutha. tha Moray Watson, ann an An Introduction to Gaelic Fiction, a’ gabhail ris gur e co-chruinneachadh de sgeulachdan goirid a th’ ann, is ga chàineadh bhon t-sealladh sin:

Watt’s other collection, Gun Fhois (‘Without Rest’), points up her fascination with the idea of second sight. Indeed, the book carries a subtitle, Sgeulachdan mun Dà Shealladh (‘Stories about the Second Sight’). Supernatural abilities, and the difficulties they cause, are ubiquitous throughout the volume. Indeed, there is such a sense of homogeneity throughout Gun Fhois that stories are not even titled: they are numbered instead. Ruaraidh MacThòmais noted that this was problematic when he reviewed the book in Gairm [...]. In fact, it results in rendering the stories forgettable in their own right, and it would have been a successful device only if there was either a stronger sense of cohesion, as in a short story cycle, or else much greater diversity of style and subject matter. As it is, it is very difficult to keep the stories distinct in the memory even after a number of readings. This perhaps does Watt a disservice as her writing is at times engaging and entertaining.

tha mise ag easaontachadh gu tur (ach gu bheil an ceart aige gu bheil an sgrìobhadh “entertaining and engaging”). ’s i an trioblaid, ar leamsa, nach bu chòir dhuinn a bhith a’ beachdachadh air Gun Fhois mar cho-chruinneachadh de sgeulachdan goirid — fiù ’s cuairt sgeulachdan — ach mar seòrsa dossier de dh’eisimpleirean, no sgeulachdan eisimpleireach. tha an leabhar a’ tòiseachadh le aiste meadhanach fada a’ beachdachadh air an dà shealladh, is an uair sin gheibh sinn na sgeulachdan mar dhealbhadh, no ’s dòcha mar dhearbhadh, air mar a tha Watt a’ tuigsinn an dà sheallaidh. a dh’aindeoin an coltas ri chèile a thaobh susbaint (.i., an dà shealladh san fharsaingeachd), tha Watt gan sgaradh bho chèile gu soilleir le bhith gan innse o sheallaidhean eadar-dhealaichte (a’ gluasad eadar ciad phearsa is treas pearsa) is a’ toirt iomradh air diofar seòrsaichean de thuigse “os-nàdarra” anns gach sgeulachd: cumhachdan dè is cumhachdan an diabhail, taibhsichean, ro-sheallaidhean an ama ri teachd, mic-thalla an ama a chaidh, is measgachaidhean dhen a h-uile rud seo, a rèir na sgeulachd.

tro bhith a’ tabhainn an dossier seo dhan leughadair, tha Watt airson tuigse fharsaing a thoirt dhuinn air an dà shealladh na iomadachd, seach mar chuspair singilte. chan e aon sgeulachd a th’ ann (mar a bhiodh ann an nobhail) is chan e dà sgeulachd dheug fa-leth a th’ ann (mar a bhiodh ann an co-chruinneachadh de sgeulachdan eadar-dhealaichte): tha aonachd an seo, is ged nach eil a h-uile pìos dhen leabhar a cheart cho èifeachdach ’s a tha pìosan eile, tha an rud iomlan gu math làidir.

chuir earrainnean dhen leabhar nam chuimhne obair sgrìobhadairean eile, gu sònraichte H.P. Lovecraft ach cuideachd sgrìobhadairean is sgrìobhainnean fìorach — bha mi a’ smaoineachadh gu sònraichte air Norma NicLeòid, a thaobh mar a tha Watt a’ làimhseachadh cuspairean sensitive — feis, droch-dhìol, adhaltranas, is mar sin — gun a bhith gan comharrachadh mar rudan iongantach no a-mach às an àbhaist ach dìreach mar rudan a thachras anns an t-saoghal a th’ againn. tha fìorachas sòisealta làidir an seo ri taobh na susbainte “os-nàdarra” — ged a thagaich mi an leabhar seo mar “speculative” air Storygraph, theirinnsa gur e a th’ ann, no co-dhiù a th’ ann an earrainnean dheth, ach fìorachas Gàidhealach, a’ gabhail ris — mar a ghabhas Watt san aiste aice — gu bheil an dà shealladh ann is mar sin a’ riochdachadh a bhuaidh air beathannan a’ chinne-dhaonna.

mar “sgeulachdan” fa-leth, b’ iad na h-earrainnean #1, 2, 8, 11, is 12 a bu mhotha a chòrd rium, is tha iad a’ sealltainn iomadachd an leabhair a thaobh dòighean-sgrìobhaidh is tuigse air an dà shealladh fhèin. tha fìorachas sòisealta làidir ann an earrann #1, an earrann as fhaide, mu neach-turais a thachras air eachdraidh ionadail de dh’fhòirneart-gnè is -clas a tha beò, no neo-mharbh, fhathast. is i earrann #2 as coltaiche ri obair Lovecraft (ach Lovecraft Crìosdaidh — chuir seo nam chuimhne co-chruinneachadh de sgeulachdan goirid anns an Fhraingis, Le Maître des Ténèbres le Claude Leclerc), a’ gabhail a-steach beagan Orientalism — ach Orientalism nach eil bunasach dhan os-nàdarrachd na, ar leamsa, do phlota na h-earrainne. tha toinneamh math ann an earrann #8, is togaidh i ceistean a thaobh an dàimh eadar geasan, an dà shealladh, is cumhachdan os-nàdarra — cò tha a’ dearbhadh gheasan? (oir chan e dia, a rèir coltais.). ’s i earrann #11 an dàrna earrann as fhaide, agus ’s dòcha gur i an tè as fheàrr, dhomhsa dheth, ann a bhith a’ làimhseachadh smuaintean nam prìomh-charactar is na droch bhuaidh a th’ aig an dà shealladh air am beathannan. agus tha earrann #12 na crìoch iongantach, a’ toirt sùil air eachdraidh nam Fuadaichean is mar a tha i seo air a h-ion-sgrìobhadh chan ann a-mhàin ann an cuimhne an t-sluaigh is ann an eachdraidhean teaghlaich ach cuideachd gu litireil anns an tìr.

ma ruitheas na “sgeulachdan” seo ri chèile rud beag, sin, ann an dòigh, mar a tha an dà shealladh ag obrachadh, is e a’ tarraing air tuigse is inntinn an neach a tha fo smachd aige bho iomadh taobh.

is uabhasach bochd nach d’ fhuair sinn co-chruinneachadh eile — no nobhail! — de Watt, is bhiodh litreachas na Gàidhlig fada an comain duine sam bith a dh’fhoillsicheadh na sgeulachdan uile aice a-rithist.


tùsan

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)