A’ Bhàrdachd Ghàidhlig, Iain Mac a’ Ghobhainn

Gàidhlig / Alba, an Rìoghachd Aonaichte / 2013

ciamar a sgrìobhas mi lèirmheas air bàrdachd Iain Mhic a’ Ghobhainn?

tha e follaiseach gur e sàr-bhàrd a bh’ ann — tha làn-fhios againn air a sin. tha an co-chruinneachadh seo, air a dheasachadh le Moray Watson, ga dhearbhadh sin, gu cinnteach. ainmichidh mi cuid dhe na rudan a thug iongnadh no buaidh sònraichte orm.

tha cuid mhòr dhen a’ bhàrdachd aige a’ laighe fo sgàil a’ Chiad Chogaidh is gu sònraichte fo sgàil na h-Iolaire. feumaidh mi a ràdh gur iad seo na dàin a b’ fheàrr leam — bidh mi an-còmhnaidh a’ smaoineachadh air an t-siathamh dhàn san t-sreath An Cànan:

Tha am Frangach seo ag ionnsachadh na Gàidhlig.
Thàinig e le van mhòr gheal gu mo thaigh.

Bracaist, arsa mise, ’s e sin “breakfast”.
Droch latha, ’s e sin “bad day”.

Lean e mi le a shùilean mar a leanas
faileas an corp.

Ach bha mi smaoineachadh,
Tha gu leòr a’ taghadh Fraingis an àite Gàidhlig.

’S bha a’ van mar thaibhse mòr geal
a thàinig à rìoghachd nam fìon.

Tha e ag eadar-theangachadh sgeulachdan Gàidhlig!
Seo mo sgeulachd-sa:

gu bheil fios aig na Frangaich air Gàidhlig
mar tha fios againne air Fraingis

’s gun do dh’èirich na cuirp à Mons
is Gàidhlig air am bilean,

an fheadhainn a bhàsaich aig an Somme
a’ tighinn dhachaigh le duilleagan nan làimh.

>tha an dàn seo a’ sealltainn rud eile a chuir iongnadh orm mun a’ bhàrdachd seo, .i., an cuideam a chuireas Mac a’ Ghobhainn air a’ bheatha is air tachartasan làitheil. tha na dàin as ainmeile (dhomhsa, co-dhiù) le “bàird an Ath-bheòthachaidh” eile eadar-dhealaichte: trom-chùiseach, làn samhlachais làidir (smaoinichibh air “Hallaig” no “An Roghainn” no “An Tobar”). ged a thug Mac a’ Ghobhainn orm gal iomadh turas, ge-tà, tha aotruime sa bhàrdachd seo an-còmhnaidh, is ’s e sin a tha ga dhèanamh gu sònraichte làidir nuair a ghluaiseas dàn gu h-obann — mar a ghluaiseas an dàn “Esan a’ Bruidhinn” — o shealladh chuideigin a’ siubhal dhachaigh airson a’ chiad turais bho chionn bhliadhnaichean, a’ coimhead air adhart rin luchd-gaoil a choinneachadh (is “ionnsachadh”) a-rithist chun an fhacail dheireannaich, mhairbhtich:

[...] Tha mo chridhe air do thòir,
cha tig an cuan eadarainn tuilleadh,
tha mi cho cinnteach ris a’ ghealaich
a tha a’ sealltainn dhomh ròpaichean reòthte
air eathar uaine fo chanabhas
air an t-soitheach aotrom seo
a tha ag itealaich thugad on Chaol
le mo phreusantan beaga, le mo ghaol,
le mo chòta-cogaidh air an Iolaire.”

seo mar a tha a’ bhàrdachd as trom-chùisiche aig Mac a’ Ghobhainn: mar ìomhaigh ghlainne, gu tric àlainn, ga mhìreanachadh le cloich na h-eachdraidh.

ach chan ann mar seo a tha a h-uile dàn: sgrìobh Mac a’ Ghobhainn cuid mhòr de bhàrdachd ris an canainn sa Bheurla “occasional poetry” — eipeagraman, mòmaidean air an t-sràid, coinneamhan goirid ri seann charaidean, is mar sin. ’s tric a tha an fheadhainn seo èibhinn — is cuid dhiubh caran dàireil — ged a tha iad smaoineachail/meòrachail, cuideachd. sna dàin mu dheireadh aige ann an An t-Eilean agus an Cànan (1987), gu sònraichte, ’s tric a tha e a’ meòrachadh air bàsan charaidean, is fiù ’s a thaobh nan dàn air daoine a tha beò fhathast tha cuid mhòr dhiubh nam memento mori.

leis an eòlas a bh’ agam air Mac a’ Ghobhainn ro làimh, cha robh dùil agam ris an aotruime seo — gum biodh e cho èibhinn, na gum biodh e cho (uaireannan) dàireil (bha e gu sònraichte measail air cìochan, a rèir coltais). ged a b’ iad na dàin trom bris clach na h-eachdraidh a bu mhotha a chòrd rium, tha na dàin nas aotruime riatanach, ar leam, airson na dàin troma a neartachadh. tha na meanbh-sheallaidhean de charaid air an t-sràid, no deugairean a’ cabadaich anns a’ bhaile mhòr, no ge b’ e dè eile mar ghrunnd airson na h-eachdraidh.

tha am measgachadh seo de dh’aotruime is truime uabhasach làidir.

an aon rud eile a bha mi airson comharrachadh, ’s e gun do dh’fhàg a’ bhàrdachd aige mi leis an leth-bheachd nach robh Mac a’ Ghobhainn buileach eile-sheòrsach no cios-ghnèitheach. tha rudeigin mun dòigh sam bi e a’ riochdachadh nam fear, is rudeigin mun dòigh sam bi e a’ riochdachadh nam ban, ged nach seasainn am beachd seo gu deimhinn — fhathast, co-dhiù.

tha mi a’ coimhead air adhart ri barrachd dhen t-saothair aige a leughadh am-bliadhna, gu sònraichte Am Miseanaraidh agus Consider the Lilies.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)