Chlàr mi na mìltean rudan bho Dhòmhnall nan Òran, ach thuig mi aon rud bhuaithe: nach e faclan a bha mi a’ clàradh ach an duine fhèin. Oir mar a b’ eòlaiche a dh’fhàs mi air, ’s ann bu mhotha a thuig mi nach robh a’ bheul-aithris seo dìreach na toradh air dòigh-beatha, ach gum b’ e i an dòigh-beatha. Cha tàinig a chuid fiosrachaidh ’s a chuid òran ’s a chuid sgeulachdan ’s eachdraidhean dìreach às a dhualchas, mar dhìleab a chaidh fhàgail aige — bha iad beò air a bhilean mar a tha a’ ghrian beò anns na speuran.
tha e car doirbh rangachadh a chur air an leabhar seo. gu ìre mhòr, chòrd e rium. ach cha b’ urrainn dhomh sgur a’ faireachdainn gun robh an leabhar ag iarraidh mo tharraing chun a’ Chrìosdaidheachd, .i., gur ann a’ proselytizing a bha e ann an dòigh a chuir beagan mì-chofhuirt orm. agus, aig ìre structarail, theirinnsa gun robh deireadh an leabhair, gu h-àraid, car sgapte — cha robh e buileach soilleir dè bha a’ tachairt, agus chan ann ann an dòigh dhraoidh-fhìorach, ach ann an dòigh ’s gun robh an saoghal-cruthachadh a’ coimhead beagan lag aig a’ cheann thall.
mar sin, san fharsaingeachd bha an leabhar ceart gu leòr — ach. co-dhiù, ge-tà, tha mi toilichte gun do leugh mi, mu dheireadh thall, a’ chiad leabhar Gàidhlig a thug mi riamh a-mach às an leabharlann nuair a bha mi fhathast ann an earrann a dhà a’ Chùrsa Inntrigidh agus gun chomas idir air an leithid de rud a leughadh, lol.
oh, agus bha cus feise eile-sheòrsaich ann, gu h-àraid sa chiad phàirt dhen nobhail. not interested. gu math offputting agus unrelatable. chan fheum sinn a bhith a’ cluinntinn mu dè cho tric ’s a bhios am fear seo a’ dol dhan leabaidh còmhla ri mhnaoi, no mu dè cho ~math~ ’s a tha ise.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)