cheannaich mi an leabhar seo nuair a bha mi a’ tadhal air caraidean ann am Manchester leis gur ann le ùghdar ionadail (agus Dubh) a chaidh a sgrìobhadh, agus a-nis ’s a tha mi air a leughadh tha mi eadar dà bharail mu dheidhinn. tòisichidh mi, mar sin, le bhith a’ cur na ceiste: an do chòrd e rium? agus sin an trioblaid: chan eil mi buileach cinnteach an do chòrd, no an ann dìreach air sgàth ’s gu bheil mi car feòrachail san fharsaingeachd a tha pàirt dhìom ag iarraidh an ath-leabhair a leughadh.
leabhar fantasachd a’ tarraing — chanainnsa — air an Ear Mheadhanach a tha san leabhar seo, le ainmean Arabais (air neo “Arabach”) is Eabhrais air gu leòr de rudan (caractaran mar Yasmin, Hassan, “Neythan”, Caleb, is Noah; àite sònraichte air a bheil, gu litreachail, “Sumeria”). ’s ann à dùthaich air a bheil “the Sovereignty” a tha na prìomh-charactaran, còig dùthchannan fo smachd àrd-rìgh — an “Sharíf”. gu tuath, tha treubhan geala (na “Kivites”), agus gu deas tha dùthaich caran dìomhair, Súnam, a tha a’ tarraing air sìobhaltasan Afragach, a rèir coltais (ged nach fhaic sinn mòran dhith san leabhar seo fhèin).
tha cùl-chòmhdach an leabhair sgrìobhte mar nach robh ach aon phrìomh-charactar ann, Neythan, òigear a thogadh is a theagaisgeadh le òrd fhoill-mhurtair dìomhaireach, na “Shedaím”. an da-rìribh, ge-tà, tha sinn a’ faicinn an t-saoghail tro shùilean trì caractaran eadar-dhealaichte: Daneel, òigear eile a thogadh ri taobh Neythan; Yasmin, bean stiùbhart dùthcha bige a tha an eisimeil air an Uachdaranas, Dumea; agus Sidon, an Sharíf ùr òg. tha an ceathrar aca (ach ’s dòcha Daneel) an tòir air an fhìrinn, mar as urrainn dhaibh, agus thèid an glacadh san stoirm a tha ag èirigh mu thimcheall an Uachdaranais. tha Neythan, ’s dòcha, nas “cudromaiche” na an fheadhainn eile — mar sin, ’s dòcha gu bheil e fìor gur esan am prìomh-charactar — ach tha caibideil air an sgrìobhadh o thaobh-shealladh gach aonair dhiubh.
tha an dìomhair a tha Yongo air cruthachadh dhan leughadair inntinneach gu leòr ri deireadh an leabhair, ach feumaidh mi a ràdh nach do ghlac e mi ach mu leth-shlighe troimhe, nuair a fhuair sinn (mu dheireadh thall) fiosrachadh gu leòr gus am b’ urrainn dha na caractaran tòiseachadh a’ cur cuid dhe na pìosan còmhla. ron a sin tha an leabhar a’ gluasad ann an dòigh a tha a’ faireachdainn caran gun stiùir, agus ged a bha an caraid as fheàrr aig Neythan air a mharbhadh gu math tràth san leabhar cha robh na cluichean (.i., the stakes) buileach soilleir, air neo co-dhiù soilleir gu leòr. às dèidh sin, tòisichidh rudan a’ dol nas luaithe, agus ’s ann an uair sin a dh’fhàsas an leabhar nas fheàrr, nam bheachd-sa.
a bharrachd air an luathas, bha cuid de rudan eile a chuir dragh orm, agus b’ e a’ chiad fhear dhiubh, bhon toiseach-thòiseachaidh, gun robh an caraid as fheàrr aig Neythan bodhar ach gu bheil e marbh (agus, a rèir coltais, car olc) ri deireadh na treas caibideile. tha caractar sònraichte eile a tha dall, cuideachd, agus chan eil ise uabhasach snog, nas motha. agus caractar eile a thèid ainmeachadh a thòisich a’ bualadh a mhnà gu brùideil às dèidh dha a chas a leòn gus an robh ceum ann. chì sibh, ’s dòcha, na tha mi a’ ciallachadh: tha pàtran ri fhaicinn, agus ’s e am pàtran gu bheil ciorraman a’ comharrachadh charactaran “dona”. vibe uabhasach dona.
an taca ri sin, chan eil an rud eile a dh’ainmicheas mi cho cudromach idir, ach aidichidh mi gun robh na h-ainmean a’ cur orm, cuideachd, gu sònraichte na stràcan anns nach robh ciall shoilleir (“Sharíf”, “Shedaím”, “Gahíd”, “Játhon”) agus gu sònraichte, sònraichte an t-ainm-àite “Sumeria”. chan eil e cho dona idir a bhith a’ cleachdadh ainmean pearsanta on t-saoghal “fhìorach”. ach ma tha thu airson ainmean-àite a chleachdadh, dhomhsa dheth feumaidh tu bhith gu math faiceallach, agus cha chreid mi nach fheàrr gun a bhith gan cleachdadh sa chiad dol a-mach, gu h-àraid mura h-eil thu airson cumail ort agus dearbhadh gu bheil an “Sumeria” seo coltach ri sìobhaltas Sumer fhèin. air neo, carson a thaghadh tu e? buaireadh a th’ ann, a tharraing às an sgeulachd mi gach turas a thachair mi air an ainm.
anns an fharsaingeachd, ged a bha an leabhar furasta gu leòr a leughadh, agus ged a bha cuid de bheachdan inntinneach san t-saoghal-chruthachadh, chanainnsa nach robh an sgrìobhadh fhèin cho math. tha ùidh agam, gu ìre, ann a bhith a’ faicinn càit’ an tèid an còrr dhen sgeulachd san ath-leabhar — ach aig a’ cheart àm cha tug an leabhar seo buaidh mhòr orm. ’s dòcha gur e a th’ ann dìreach nach eil mòran ùidhe agam, gu h-àbhaisteach, ann am mòr-fhantasachd (mar gum b’ eadh — .i., epic fantasy), chan eil fhios agam.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)