Melog, Mihangel Morgan

Cuimris / a’ Chuimrigh, an Rìoghachd Aonaichte / 1997
rabhaidhean: bàs bheathaichean, iomraidhean air brùidealachd poilis

Ble mae Lacsaria a Sacria?

Pwy a ŵyr? Pwy a ŵyr ble mae unrhyw le? meddai Melog, yn eistedd ar y soffa nawr, ei ddwy fraich hir ar led, wedi eu hestyn fel adenydd ar hyd cefn y celficyn.

[Càit’ a bheil Lacsaria is Sacria?

Cò aige tha fios? Cò aige tha fios càit’ a bheil àite sam bith? arsa Melog, na shuidhe a-nis air an t-sòfa, a dhà ghàirdean fada sgaoilte, air an sìneadh mar sgiathan ri cùl na h-àirneise.]

leabhar air leth inntinneach — beò-ghlacmhor, chanainnsa — agus anabarrach neònach a tha san nobhail seo leis an sgrìobhadair Chuimreach Mihangel Morgan. tha an sgeulachd fhèin sìmplidh gu leòr: thig coigreach, Melog, le craiceann cho geal ri pàipear, a thadhal air baile beag ann an ceann a deas na Cuimrigh, air lorg (their e) seann làmh-sgrìbhinn às an dùthaich aige, Lacsaria, a th’ air a bhith fo smachd riaghaltas ìmpireach is mì-cheart dùthcha eile, Sacria, bho chionn bhliadhnaichean a-nis. sa bhaile bheag seo, coinnichidh an Dotair Jones — sgoilear manqué a tha ag obair air seann leabhar-eòlas Cuimreach, ach gun mhòran dòchais gum bi toraidhean an rannsachaidh aige feumail do neach sam bith — ris, agus fàsaidh càirdeas eadar an dithis aca. bidh Melog a’ falbh ’s a’ tilleadh gu math tric, agus san fharsaingeachd ’s e a th’ anns gach caibideil dhen leabhar ach aon turas aige sa bhaile, còmhradh (no, uaireannan, tachartas) sònraichte eadar esan is an Dotair Jones.

tha an sgeulachd fhèin sìmplidh gu leòr — ma dh’fhaodar a ràdh gu bheil nobhail sam bith “sìmplidh” — ach tha na còmhraidhean ann (agus ’s ann air còmhraidhean, seach tachartasan, a tha a’ chuid as motha dhe na caibideilean stèidhichte) tòrr nas toinnte: feallsanachail is teòiridheil, a’ beachdachadh air iomadh cuspair trom-chùiseach, o phoileataigs gu ceist an leughaidh fhèin. aig ceann gach caibideile tha às-earrann à teacsa air choreigin (mar as trice às a’ Ghwyddoniadur, an leabhar-eòlas air am bi an Dotair Jones ag obair), a’ toirt ro-shealladh de chuspair na caibideile dhan leughadair; tha a’ chaibideil fon tiotal “Mapiau” (Mapaichean) a’ tòiseachadh leis an alt mu “ffuglith” — ’s e sin, “faoinsgeulachd”.

Gwreiddiau? meddai Melog gan bwyso’i ên ar ei ddwrn, ei benelin ar glustog. Dwi ddim yn hoffi’r ddelwedd ’na. Yn lle sôn am wreiddiau mae’n well gen i siarad am gamau neu am risiau. Dyma’r gris mewn bywyd dwi wedi’i gyrraedd nawr, meddai gan swmpo braich y soffa nes i lwch godi’n gymylau o’r ’polstri lliwiau-ych-a-fi.

[Freumhan? arsa Melog a’ tomhas a pheircill air a dhòrn, uileann air cluasaig. Cha toil leam an ìomhaigh sin. An àite còmhradh air freumhan ’s fheàrr leam a bhith a’ bruidhinn air ceuman no air uidhean. Seo an uidh sa bheatha a tha mi air ruigsinn a-nis, ars’ esan a’ suathadh air gàirdean an t-sòfa às dèidh do dhuslach èirigh ann an neòil on a’ chòmhdach le dhathan sgriosail.]

tha an sgeulachd — chun na h-ìre ’s gu bheil i ann — a’ gluasad gu math slaodach, agus ’s e seo an rud a bu mhotha a chòrd rium mun leabhar seo, saoileam: nach eil cabhag air, agus nach bi, gu math tric, na caractaran a’ tighinn gu co-dhùnaidhean sònraichte mu na cuspairean a thogas iad, ach gum bi iad a’ togail nan ceistean seo agus a’ beachdachadh orra: mu na rudan eas-chruthach is eagalach cumhachdach ris an can sin “nàiseanan”, mu fhreumhan, mu luach an sgrìobhaidh is an leughaidh, mun t-sealladh phoileataigeach chumhang a th’ againn ro thric, ged a dh’fheuchas sinn ri co-fhaireachdainn a shìneadh a dh’ionnsaigh a h-uile àite far am bi mì-cheartas is fòirneart.

’s dòcha gu bheil mi caran taobhach, ge-tà, oir tha pàirtean dhen leabhar a bheir iomraidhean mionaideach air prìomh-chuspairean an tràchdais dhotaireil agam fhìn — a’ chaibideil “Yr Ynys” (An t-Eilean), gu sònraichte, anns am mìnich Morgan cuid mhath de dh’argamaid prìomh-chaibideil an tràchdais agam.

Ond dyw’r byd hwnnw ddim yr un peth â byd y llyfr. Mae byd y llyfr yn wahanol ac yn annibynnol ar y byd arall hwnnw rwyt ti’n cyfeirio ato. Mae’n dafell ddelfrydol wedi’i mewnosod i deyrnas realiti — beth bynnag yw realiti. Beth bynnag, mae’r byd hwnnw yn bod bob ochr i ‘ias fer’ yr unigolyn hefyd. Mae llyfr, felly, yn ddelwedd o fywyd unigolyn. Nid y llyfr, efallai, ond y darlleniad.

[Ach chan e an saoghal seo an aon rud ri saoghal an leabhair. Tha saoghal an leabhair eadar-dhealaichte agus neo-eisimeil air an t-saoghal eile seo air a bheil thu a’ toirt iomradh. Tha e na shlis bheachdail [tafell ddelfrydol] air a cur a-steach do rìoghachd na fìorachd — ge b’ e dè a tha san fhìorachd. Co-dhiù, tha an saoghal seo ri bhith air gach taobh ‘crith ghoirid’ [ias fer — chan eil mi buileach cinnteach dè tha seo a’ ciallachadh sa cho-theacsa seo, ach rinn mi mo dhìcheall] an neach fa-leth cuideachd. Tha an leabhar, mar sin, na ìomhaigh de bheatha neach. Chan e an leabhar, ’s dòcha, ach an leughadh.]

leabhar smaoineachail is làidir, ge neònach agus doirbh a mhìneachadh (air neo, air a bheil e doirbh lèirmheas a sgrìobhadh!). mholainn gu mòr e ma tha Cuimris agad.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)