Project V, Park Seolyeon

Coirèanais / Coirèa a Deas / 2023

tha Project V, leis an ùghdar Choirèanach Park Seolyeon is air eadar-theangachadh gu Beurla le Gene Png, an dà chuid gu samhlachail is gu litireil mu bhith nad bhoireannach ann an roinn a thathar a’ measadh mar roinn fhireann, sa chàs seo robotaireachd agus tuigse innealta — am measg rudan eile. tha an leabhar a’ leantainn boireannach òg, Kim Wooram, a chuireas roimhpe àite a bràthar leth-aoin a ghabhail (le brosnachadh bhuaithe) gus am faod i pàirt a ghabhail ann an co-fharpais nàiseanta air lorg a’ chiad neach-iùil airson a’ chiad mhecha mhòir Choirèanaich. prògram-telebhisein a bhios anns a’ cho-fharpais, is tha an nobhail cuideachd a’ meòrachadh air buaidh na coimhearsnachd-spèise (.i., fandom) is an dàimh eadar i seo is poileataigs.

leabhar beò-ghlacmhor a th’ ann — leugh mi o chòmhdach gu còmhdach (mar gum b’ eadh) e ann an cuid de dh’uairean a-mhàin. tha an stoidhle beòthail is tarraingeach, is tha an t-eadar-theangachadh aig Png seòlta — cha robh ach cuid glè bheag de dh’àiteachan a bha a’ faireachdainn beagan buathana, cha chreid mi nach robh co-dhiù aon dhiubh seo a’ nochdadh anns an teacsa bhunasach (bha coltas “ionadaileachaidh” (.i. localization) air fear eile, iomradh air “white republicans”). tha measgachadh de shreathan “gnìomhachaidh” is staigh-sheallaidh a’ cumail na sgeulachd a’ gluasad, is ged as i Wooram — na farpaiseach fo ainm a bràthar, Boram — am prìomh-charactar tha spàs gu leòr aig na caractaran eile airson faicinn gu bheil stòiridhean fa-leth aca.

leis gur e co-fharpais — is prògram-tbh — a th’ ann, tha structar na nobhaile a’ gluasad o eadar-sgeul gu eadar-sgeul fhad ’s a dh’fhasgaineas na farpaisich, bho chòig ceud gu ceud gu fichead gu trì. tro na h-eadar-sgeulan seo tha sinn a’ faighinn sealladh domhain air inntinn is pearsantachd Wooram, a’ tòiseachadh mus tèid i an sàs ann am “Project V”, le co-fharpais airson mhechannan beag anns a’ chiad chaibideil dhen nobhail. tha e soilleir bhon toiseach gun ruig Wooram deireadh na co-fharpaise; ’s e a tha inntinneach ach ciamar, agus dè dh’ionnsaicheas i tron a’ phròiseas. mu thràth aig toiseach an leabhair tha misneachd gu leòr aice — gu leòr airson plana a bràthar a leantainn, co-dhiù. chan e, mar gum b’ eadh, rud feimineach a th’ ann: tha Wooram dìreach am beachd gur ise an tè as fheàrr airson a bhith na neach-iùil dhan a’ mhecha mhòr, V.

aig a’ cheart àm, ge-tà, tha buaidh na gnè làidir. air an dàrna làimh, tha Wooram gu litireil na boireannach ann an roinn “fhireann”, is chì sinn mar a tha seo ga sgaradh o fharpaisich eile is mar a thionndaidheas beachd an t-sluaigh nuair a gheibhear a-mach gur e boireannach a th’ innte, le às-earrainnean ficseanail o na meadhanan sòisealta is na naidheachdan ga chàineadh mar “the bitch who fooled us all”. air an làimh eile, ge-tà, aig ìre shamhlachail, tha na rudan beaga a bharrachd a dh’fheumas i dèanamh fhad ’s a tha a’ cho-fharpais a’ dol a’ comharrachadh nan dòigh sa bheil boireannaich ann an roinntean “fireann” fo bhrùthaidhean nach eil a’ laighe air fireannaich: feumaidh i bhith a’ cumail sùil air na bràthan-dùmhlachaidh aice, m.e., is nuair a gheibhear dotair a’ phrògraim (boireannach eile) a-mach mu deidhinn cuiridh ise an cuimhne an neach-leughaidh ceist na fala-mìos. is tha Wooram an-còmhnaidh rud beag fo imcheist mu ciamar a bu chòir dhi a bith a’ gnìomhachadh mar fhear, is ciamar a bhios fir “eile” a’ measadh a giùlain: nuair a chuireas i an t-ainm “Alpha” air an sgioba aice aig toiseach na co-fharpaise, mar eisimpleir, cha mhothaich i gum bi co-fhoghar eile aig an fhacal (.i., alpha male) air nach do smaoinich i idir. mar sin, aig ìre litireil tha Wooram a’ strì airson a bhith ga h-aithneachadh air sgàth a comasan pearsanta, seach a gnè; aig ìre shamhlachail, tha an conceit de bhith a’ leigeil oirre gur ise a bràthair a’ sealltainn buaidh na gnè air a h-uile rud na beatha, beag is mòr.

ach ’s iad mechathan prìomh-chuspair na nobhaile. mar a their Park san nòta aice aig deireadh an leabhair, ’s ann a sgrìobh i an nobhail airson ceist shònraichte a fhreagairt: carson a bhios a’ chinne-dhaonna a’ cruthachadh mhechathan? carson a tha am beachd-smuain dhiubh cho tarraingeach dhuinn? agus, còmhla ris a seo, ciamar a dh’obraicheadh mechathan sa cho-theacsa againne, an-diugh (no mu chòig bliadhna deug air adhart), gu sònraichte le fàs na tuigse innealta? bhon t-sealladh seo, tha an nobhail a’ co-fhreagairt ri saoghal litreachas na Beurla, a bhios a’ sgrùdadh is a’ càineadh na tuigse innealta (ann an dòigh, feumar a ràdh, nach eil buileach co-cheangailte ri fìorachd an teicneòlais, dìreach mar nach eil daoine a their gum bi Skynet ann latha sam bith a-nis; is tha mi a’ leigeil mu làr an seo ceist na còrach-lethbhreac).

tha sealladh eadar-dhealaichte aig Park seach aig sgrìobhadairean Beurla, ge-tà. tha mi a’ saoilsinn gun canadh Wooram, co-dhiù, gu bheil an inntinn innealta anns a’ mhecha “fèin-fhiosrachail”, cha chreid mi nach canadh i cuideachd nach eil e gu diofar a bheil mi (.i., ego) fìor aig an II (a dh’ainmicheas i fhèin mar “V” no “HUN”). ’s e a tha cudromach gu bheil i a’ gnìomhachadh mar gun robh fèin-fhiosrachadh aice. chan e Skynet a tha an seo ach rudeigin a leithid ChatGPT ach ann an corp-mecha a tha mòr gu leòr airson togalach a leagail — agus sin as adhbhar gu bheil e cudromach: tha comas-gnìomhachaidh (fèin-fhiosrachadh ann no às) aice, is chan eil na riaghailtean na prògramachadh làidir gu leòr airson stad a chur oirre ma “chuireas i roimhpe” (fèin-fhiosrachadh ann no às) teine a chur ri meadhan Sheoul. chan eil e cudromach a bheil fèin-fhiosrachadh aig V nuair a chanas i gu bheil i a’ faicinn na cinne-daonna mar ìochdarain; ’s e a tha cudromach ach gu bheil an t-inneal a tha a’ stiùireadh an robotair ana-mhòir seo a’ dol a sgriosadh a’ bhaile. chan eil an nobhail a’ diùltadh na tuigse innealta, ach ga faicinn mar inneal, inneal a dh’fheumar a làimhseachadh gu faiceallach, a’ tuigsinn gum faod e bhith cunnartach ach cuideachd gum faod e bhith feumail.

tha seo co-cheangailte, ar leam, ri mar a tha an leabhar a’ smaoineachadh air coimhearsnachdan-spèise (.i., fandom). ged nach eil seo a cheart cho cudromach ris na mechathan, tha e a’ ruith tron nobhail: ciamar a bhios daoine a’ faicinn / a’ tuigsinn Wooram ma tha iad ga faicinn mar “celebrity” no pearsantachd seach mar phearsa “fìor”. ged a bhios Wooram a’ feuchainn gun a bhith a’ meòrachadh air a seo mura feum i, tha buaidh aig na chluinneas i oirre fhathast — o bràthair, gu sònraichte, ach cuideachd o na farpaisich eile, nam measg am fear eile a tha a’ fuireach san aon sheòmar leatha, a dh’ionnsaicheas gu bheil daoine air an eadar-lìon gan coimhead mar chàraid (chan eil romansa an seo, ge-tà!). tha mi ag ràdh gu bheil seo co-cheangailte ri V oir tha Wooram a’ dearbhadh gur e an sgaradh eadar an dòigh sa bheil V ga tuigsinn fhèin (mas e fèin-fhiosrachadh neo dìreach riaghailtean-prògramachaidh a th’ ann) agus na rudan a tha na daoine mu timcheall ag iarraidh oirre dèanamh. carson a dh’fheumas neach-iùil a bhith aice, mar eisimpleir, ma tha i comasach air gluasad leatha fhèin? tha Wooram a’ faicinn gu bheil an sgaradh seo a’ stiùireadh gu contrarrachd-phrògramachaidh a dh’fhaodas a bhith sgriosail.

tha rudan eile a ghabhadh ràdh mun leabhar, ach ’s e an rud as cudromaiche, aig a’ cheann thall, gu bheil e uabhasach spòrsail. chòrd e rium gu mòr (is tha mi am beachd an leabhar eile le Park a th’ agam a leughadh a dh’aithghearr a-nis), is mholainn dhuibh e, cuideachd.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Choirèa a Deas)