(Aithris-àichidh: fhuair mi lethbhreac-lèirmheis dhen leabhar seo bhon fhoillsichear.)
Feumaidh mi aideachadh, an toiseach, gu bheil mi car beag-chreidmheach mu dheidhinn a’ chleachdaidh-mhìneachaidh aig Coleman Barks (faic an t-alt seo) — ach chan ann air Coleman Barks a bhios mi a-mach san lèirmheas seo, ach air Lodaidh MacFhionghain.
’S e measgachadh de dhàin ùra le MacFhionghain agus (a’ chuid as motha) eadar-theangachaidhean bho Bharks a tha san leabhar seo, agus tha eadar-theangachadh de dhàn san t-Seann-Ghàidhlig (“Duan Amhairghine”, bho Leabhar Gabhail na h-Èireann) a’ nochdadh cuideachd, rud a chòrd rium gu mòr, mòr.
Tòisichidh mi leis na h-eadar-theangachaidhean: mar eadar-theangaichear, tha MacFhionghain air a’ chùis a dhèanamh gu math, a’ cur air mheidh an dà chuid am modh-cainnte aig Barks agus nàdarrachd na cainnte sa Ghàidhlig. Aig amannan theirinn fiù ’s gu bheil na h-eadar-theangachaidhean a rinn MacFhionghain nas nàdarra na na dàin aig Barks fhèin. Faic deireadh “Na droch bheusan agad”, m.e.:
Your defects are the ways that glory gets manifested.
vs.
’S anns na droch bheusan agad a thig glóir am follais.
Tha an loidhne aig Barks gu math awkward, ach tha an t-eadar-theangachadh le MacFhionghain cho nàdarra agus fileanta ’s a ghabhas.
Bha cuid de mhòmaidean ann far an do thuislich na h-eadar-theangachaidhean (mar a bhios anns gach eadar-theangachadh), ach san fharsaingeachd: ’s math fhèin a rinn e. Mholainn gu sònraichte an t-eadar-theangachadh a rinn MacFhionghain air “Duan Amhairghine” — b’ fhìor-thoil leam barrachd rudan dhen t-seòrsa bhon t-Seann-Ghàidhlig fhaicinn san Nua-Ghàidhlig. Bha e math cuideachd an t-eadar-theangachadh ùr le Barks fhaicinn ri thaobh — buaidh bheag cultar nan Gàidheal air, ’s dòcha, ged nach eil cànan Ceilteach sam bith aige.
Cha robh mi a cheart cho cinnteach a thaobh nan dàn ùra le MacFhionghain, agus ’s e sin an rud as motha a tha a’ cur theagamhan orm mu dheidhinn an leabhair air fad. Tòisichidh mi le ràdh gur e MacFhionghain a sgrìobh cuid dhe na dàin as fheàrr leam sa Ghàidhlig — “Duin’ Anabarrach” ann am Famhair agus “Éibh a’ Ghrunnd” ann an Rudan Mì-bheanailteach is An Cothroman, m.e., agus chan eil iad nan aonar — agus ’s e an rud a bu mhotha a chòrd rium annta guth MhicFhionghain fhèin. Chithear seo aig amannan sna dàin ùra an seo (ann an “Luirgean m’athar”, m.e.), ach tha cuid dhiubh a’ faireachdainn mar gun robh e a’ feuchainn ri guth Rumi (no guth Barks a’ sgrìobhadh ann an guth Rumi) a chur air a chuid sgrìobhaidh — agus le sin thèid an draoidheachd/a’ chumhachd bhàirdeil a bh’ aige fhèin beagan air chall, agus tha na tha air fhàgail ceart gu leòr aig ìre theicnigeach, ach a’ faireachdainn rud beag...chan eil fhios agam. Mar gun robh rudeigin a dhìth air.
Aig an toiseach cha robh mi cinnteach mu dheidhinn òrdachadh nan dàn (a rèir diofar fhèilltean sa mhìosachan Ghàidhealach ann an Albainn Nuaidh) — chan e nach robh e ag obrachadh, dìreach nach robh mi a’ tuigsinn carson a thagh MacFhionghain an t-òrdachadh seo. A-nis ’s a tha mi air a dhol air ais tromhpa, ge-tà, tha mi a’ faicinn an reusain air a chùlaibh, agus tha e a’ dèanamh ciall: tha an structar agus na buidhneachaidhean freagarrach dhan leabhar air fad agus dha na dàin fhèin.
Uile gu lèir, mar sin: bheirinn 4 rionnagan dhan leabhar, agus mholainn e do leughadairean aig a bheil ùidh ann — tha mi air a bhith ag ràdh gum biodh barrachd eadar-theangachaidhean feumail do shaoghal na Gàidhlig, agus seo cuid air an dèanamh glè mhath le bàrd cliùiteach. Tha mi an dà chuid an dùil gum faic sinn barrachd bàrdachd na ghuth fhèin le MacFhionghain agus an dòchas gum faic sinn barrachd eadar-theangachaidhean (bàrdachd Acaidianach sa Ghàidhlig?) bhuaithe cuideachd.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Chanada)