Poesía, Lucía Sánchez Saornil

Spàinntis / an Spàinn / foillsichte ann an 1996
rabhaidhean: iomraidhean air fòirneart faisiostach

bana-bhàrd leasbach Spàinnteach a a bh’ ann an Lucía Sánchez Saornil (1895-1970). bho na 1920an a-mach bha i an sàs sna gluasadan ain-riaghailteach is feimineach san Spàinn, agus às dèidh a’ Chogaidh Shìobhalta bha aice ri teicheadh dhan Fhraing; thill i dhan Spàinn às dèidh cuid de bhliadhnaichean, ach bha aice ri fuireach am falach an còrr dhe beatha, is cha do dh’fhoillsich i dad tuilleadh às dèidh a’ chogaidh.

tha an leabhar seo a’ cruinneachadh an dà chuid nan dàn a dh’fhoillsich i ro dheireadh a’ Chogaidh Shìobhalta — dàin tràtha a sgrìobh i fo sgèith an ultraísmo, gluasad ealaineach ann an saoghal na Spàinntis aig toiseach an 20mh linn, agus dàin phoileataigeach a sgrìobh i sna ’20an is sna ’30an — agus nan dàn neo-fhoillsichte a sgrìobh i às dèidh a’ chogaidh. san fharsaingeachd, chanainnsa gu bheil dà sgaradh mòr na cuid bàrdachd: an toiseach, eadar na dàin tràtha vanguardista is na dàin phoileataigeach, agus an uair sin eadar na dàin phoileataigeach agus na dàin Chrìosdaidh a sgrìobh i nas fhadalaiche na beatha.

dh’fhoillsich i cuid dhe na dàin tràtha aice fo ainm-brèige fireann, rud a tha ciallach gu leòr airson an linn ud leis gur iad dàin-ghràidh do bhoireannaich a th’ annta. seo, mar eisimpleir, às-earrann o “Madrigal de ausencia” (“Madragail neo-làthaireachd”):

Novia lejana de la faz de cera,
dulce adorada de melena rubia,
añorando tu boca-primavera
sueña el poeta mientras cae la lluvia.

[A rìbhinn fhadalach na h-aghaidh-cèire,
eudail ghaolach an leadain bhàin,
a’ gabhail fadachd ri do bheul-earraich
tha am bàrd ag aisling fhad ’s a thuiteas an fhras.]

ged a chleachdas Sánchez foirmean fireann (“el poeta”) tha sàimh is earotaigeachd an dàin làidir fhathast — co-shamhlaichidh an neach-labhairt boinneagan-uisge na froise ri pòg na rìbhinne seo: “me dé un beso de lluvia… beso hermano / del beso deseado de tu boca” (“thoireadh [an fhras] dhomh pòg-uisge… pòg-bhràthar / dhan a’ phòig mhiannaichte o do bheul”).

aged a bha cuid dhe na dàin tràtha math, feumaidh mi a ràdh gur iad na dàin phoileataigeach as motha a chòrd rium, a’ toirt sùil air gnìomhan poileataigeach an latha agus air a’ Chogadh Shìobhalta fhèin. ann am “¡Madrid, Madrid, mi Madrid!…” (“Madrid, Madrid, Madrid agam!…”), cuiridh i cuideam air Madrid — ris an robh na faisiostaich air a bhith a’ cur sèiste faide — mar shamhla piantan na Spàinne tron a’ Chogadh Shìobhalta ach cuideachd piantan an t-saoghail air fad:

¡Madrid, de los arrabales,
río de sangre y de lágrimas,
abre la tumba a tus muertos!
[…]
¡Madrid, corazón del mundo,
corazón que se desangra!…

[Madrid, o na frith-bhailtean,
abhainn na fala is nan deur,
fosgail an tuama dha do mhairbh!
[…]
Madrid, cridhe an t-saoghail,
cridhe a’ fuileachadh!…]

tha na dàin phoileataigeach seo làidir is èifeachdach fhathast san latha an-diugh (’s dòcha nas èifeachdaiche a-nis san Iar na bhiodh bho chionn greis).

tha na dàin deireannach aice gu tur eadar-dhealaichte, nas smaoineachaile — tha e coltach gun robh i a’ meòrachadh air a’ bhàs fad ùine mus d’ fhuair i fhèin bàs — is stèidhichte gu domhain ann an Crìosdaidheachd. chuir a’ chiad fhear dhiubh, “Poema de la caridad” (“Dàn a’ charthannais”), iongnadh orm, oir ’s e a th’ ann ach dàn-truais do dh’Iùdas:

       No disculparé tu hazaña,
no justificaré tu apostasía;
pero, qué terrible angustia
¡qué angustia más honda
tu posible inocencia!
[…]
Hermanjo Judas, tu nombre me llena de congoja.
Por ti mi corazón desborda de caridad
Por ti, lo que no hago por mí…
Padre nuestro que estás en los cielos…

[       Cha mhaith mi do ghnìomh,
chan fhìrinnich mi do naomh-thrèigsinn;
ach abair cràdh
abair cràdh nas doimhne,
comas do neo-chiontachd!
[…]
A bhràthair Iùdais, lìonaidh d’ ainm le àmhghar mi.
Air do shon-sa taoisgidh mo chridhe le carthannas
Air do shon-sa, an rud nach dèan mi air mo shon fhìn…
Ar n-athair a tha air nèamh…]

tha Sánchez a’ tarraing an seo air deasbad mu chiontachd Iùdais, ach tha e coltach sa chòrr dhen dàn gu bheil leth-bheachd aice nach ann air sgàth for-chinnteachd a rinn Iùdas mar a rinn ach air sgàth ’s gun do dh’iarr Ìosa air a dhèanamh — agus seo mu dheich bliadhna air fhichead mus d’ fhuair iad Soisgeul Iùdais. I’m a sucker for weird heterodox theology.

chan e seo an leabhar-bàrdachd Spàinntis as fheàrr leam, ach bha e gu math inntinneach agus ged nach do chòrd a h-uile dàn rium cho mòr, bha cuid dhiubh dìreach mìorbhaileach. ma tha Spàinntis agad agus ma gheibh thu cothrom, chanainnsa gur fhiach sùil a thoirt air an leabhar.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Spàinn)