Sankofia: Breves histórias sobre afrofuturismo, Lu Ain-Zaila

Portagailis / Braisil / 2018

tha Sankofia: Breves histórias sobre afrofuturismo (Naidheachdan goirid air Afra-theachd-amachd, mar gum b’ eadh), leis an sgrìobhadair Bhraisileach Lu Ain-Zaila, a’ nochdadh bheachd-smuaintean làidir is glacmhor, ach ann an cruth a bha a’ faireachdainn beagan neo-chrìochnaichte agus a’ tarraing air seann bheachdan Afra-mheadhanach (.i., Afrocentric) ann an dòigh a tha car a’ laomadh iomadachd Afraga.

aig ìre eastataigeach, b’ i an trioblaid gun robh na sgeulachdan rud beag ro fhollaiseach leis a’ phoileataigs aca. leis a seo chan eil mi a’ ciallachadh “gun do nochd na sgeulachdan beachdan poileataigeach” ach gun do dh’fhairich e aig amannan gun robh iad a’ searmonachadh seach ag innse sgeulachd. ’s e deireadh “Ode à Laudelina” — tè dhe na sgeulachdan as fhaide san leabhar, agus an tè as fheàrr, ar leam — am prìomh-eisimpleir dhen a seo.

tha an sgeulachd seo a’ leantainn Amma, boireannach òg, Dubh a thig a dh’obair mar shearbhanta airson teaghlach beartach (agus, tuigear, geal). le cruth inntinneach — a’ gluasad ann an tìm agus tro dhiofar sheallaidhean — tha Ain-Zaila a’ comharrachadh na dòigh sa bheil Amma a’ toirt fa-near gu bheil rudeigin fada, fada ceàrr. aig a’ cheann thall, gheibh i a-mach gu bheil an teaghlach ga cleachdadh — is a’ cleachdadh iomadh boireannach Dubh eile — mar thràillean, a’ cumail smachd air an inntinnean le drugaichean is teicneòlas ùr, is às dèidh strì thèid aice air teicheadh còmhla ri cuid dhe na boireannaich eile. nan suidhe còmhla aig deireadh na sgeulachd, their Amma:

Senhoritas, eu não sei o que vai ser das nossas vidas daqui por diante e como isso tudo vai se desenrolar, mas estou feliz por estarmos juntas, vivas, e na medida do possível cientes de nosso lugar no mundo e dos nossos direitos que não devemos permitir que retrocedam. Não somos pessoas de segunda classe, trabalhamos por uma vida melhor, para nós e para os nossos.

[A chàirdean, chan eil fhios agam dè tha a’ dol a thachairt nar beathannan às a dhèidh seo na ciamar a thionndaidheas a h-uile rud seo a-mach, ach tha mi toilichte gu bheil sinn còmhla, beò, is eòlach air ar n-àite san t-saoghal agus air ar còraichean, nach bu chòir dhuinn leigeil leotha sìoladh air ais. Chan e daoine de dhàrna clas a th’ annainn, tha sinn ag obair airson beatha nas fheàrr, dhuinn fhìn is dhar cuid.]

nuair a leugh mi seo shaoil mi: seadh, bha fhios agam còig duilleagan air ais gum b’ i sin a’ phuing a bha thu airson cur air adhart. tha e a’ faireachdainn mar gu bheil eagal air Ain-Zaila nach tuig leughadairean na tha fa-near dhi. aidichidh mi gu bheil sin gu math comasach — ’s tric a bhios daoine a’ cam-leughadh (gan deòin no gan aindeoin) sgrìobhadairean Dubha, Tùsanach, LGDT+, ciorramach, ⁊c. — ach fhathast cha chreid mi gur e seo an dòigh as fheàrr airson an cam-leughadh sin a sheachnadh. co-dhiù, ged a tha deireadh na sgeulachd na bhriseadh-dùil, tha an còrr de “Ode à Laudelina” uabhasach làidir, leis an uabhas ag èirigh fhad ’s a dh’fhuasglas an leughadair dè, gu mionaideach, tha a’ tachairt do dh’Amma is dha na boireannaich eile.

tha a’ mhòr-chuid dhe na sgeulachdan eile gu math goirid, is tha iad a’ faireachdainn mar mhìrean de sgeulachdan, seach mar sgeulachdan coileanta. ’s e “A invenção das tranças” (“Beachdachadh nan Dual”) an aon sgeulachd eile a bha a’ faireachdainn buileach coileanta, sgeulachd bheul-aithriseach air a’ Ghrèin is a’ Ghealaich is a’ chloinn as fheàrr leotha. bha cuid dhe na sgeulachdan eile tarraingeach gu ìre — bhiodh ùidh agam gu sònraichte ann an sgeulachd eile, nas fhaide suidhichte anns an t-saoghal fhantasachd a tha Ain-Zaila air cruthachadh airson “Ternodes: O segredo de Kanzi” — ach an-còmhnaidh a’ faireachdainn seach mar gun robh iad a’ crìochnachadh aig deireadh na cùise seach mar gun robh iad a’ leum seachad air na rudan a bu chudromaiche sa phlota.

(tha aon eisgeachd eile, “Era afrofuturista” (“Linn Afra-theachd-amach”), ach bha an tè sin, gu mì-fhortanach, dìreach rud beag dòrainneach, a’ leantainn deugair tro thaigh-tasgaidh a tha a’ sealltainn eachdraidh chultarail an t-saoghail aice. chan eil teanntachd ann, is chan eil sinn a’ faighinn infodumps gu leòr airson an saoghal a shealltainn dhuinn nas motha. nuair a dhearbhaicheas an sgeulachd gum bu chòir dhuinne a bhith a’ gluasad a dh’ionnsaigh an ama ri teachd sin, dh’fheumainn faighneachd, ach dè an t-àm ri teachd? chan ann ach air èiginn a chunnaic sinn e.)

tro na sgeulachdan air fad, tha Ain-Zaila a’ tarraing air gnàth-ìomhaighean Afra-mheadhanach: adinkra, creideamh nan Dogon ann am Mali, am beachd-smuain gun tàinig an sìobhaltas Greugach air fad às an Èipheit is gun deach ’a’ “ghoid” sin fhalach a dh’aona-ghnothach tro na linntean,[1] msaa. tuigidh mi gum bi daoine, gu sònraichte daoine à sliochd Afraga ann an Amaireaga a Tuath is a Deas, a’ faighinn tlachd is brosnachaidh às na beachdan seo,[2] ach ’s e a th’ annta aig a’ cheann thall ach gnàth-ìomhaighean a tha a’ dealbhadh Afraga mar àite aon-sheallach, stòras no tobar de ghliocas àrsaidh às am faodar fìor-uisge an eòlais a tharraing (car mar a bhios mòran daoine a’ coimhead air coimhearsnachdan “Ceilteach”). co-dhiù tha Ain-Zaila a’ dearbhadh gur an gliocas àrsaidh sin a bheir a-steach dhan àm ri teachd sinn, ach tha romansachas làidir an seo, is — theirinnsa — seòrsa colonachd chultarail, a’ dearbhadh gu bheil (m.e.) adrinka a’ buntainn dhan a h-uile duine (Dubh) seach dha na sluaghan Akan a chruthaich iad.

uile gu lèir, ma-thà, ged a mheal mi an leughadh aig ìre fharsaing, gu mì-fhortanach feumaidh mi a ràdh nach do ghlac na sgeulachdan seo an da-rìribh mi.


[1] tha poileataigs riochdachadh na h-Èipheit ro thoinnte airson dèiligeadh riutha gu mionaideach an seo ach faodar a ràdh co-dhiù gu bheil a’ chùis tòrr nas toinnte, ged a tha e fìor gun do dh’àich luchd-eòlais Eòrpach buaidh na h-Èipheit ann an dòigh mhì-chothromach is a’ nochdadh gràin-chinnidh (chan ann gun adhbhar a bheir Ain-Zaila iomradh air Cheikh Anta Diop, ge b’ e ciamar a shaoileas sinn air mion-phuingean nan argamaid aige).

[2] uaireigin tha mi airson sgrìobhadh air “consolation”, san t-seagh aig Tolkien, a’ tarraing air sgeulachd ghoirid le Sofia Samatar, “Request for an Extension on the Clarity”, a tha a’ dèiligeadh gu dìreach leis an Afra-mheadhanachas.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Bhraisil)