’s e co-chruinneachadh de sgeulachdan goirid a th’ ann an Sciorrann an tAm, le Orna Ní Choileáin. thog mi e oir bha mi an dòchas gum biodh sgeulachdan fantasachd is ficsein-shaidheans ann — sgrìobh Ní Choileáin sreath de nobhailean-bhampaire do chloinn; tha i an sàs anns an fhicsean speuclaireach/tuairmeasach, agus tha am blurb (chun na h-ìre ’s gu bheil blurb ann idir) ag ràdh: “Ní gnáthdhomhan é seo, domhan Orna Ní Choileáin”. air an dàrna làimh, bha an ceart agam; air an làimh eile, chan eil ann ach aon (1) sgeulachd fhantasachd is aon (1) sgeulachd fhicsein-shaidheans, an dà sgeulachd mu dheireadh dhe na deich san leabhar. ’s ann a tha sinn sa ghnàth-dhomhan, aig a’ cheann thall.
dh’fheuch mi ris a’ bhriseadh-dhùil seo a leigeil seachad is na sgeulachdan a mheasadh mar a tha iad seach mar bu toil leam iad a bhith. rinn mi mo dhìcheall ann a seo, ach chan urrainn dhomh a bhith cinnteach gun do shoirbhich leam, mar sin ma tha thu nas measaile air ficsean fìorach na tha mise ’s dòcha gun còrd iad riut nas fheàrr na chòrd iad riumsa. tha a’ chuid as motha dhiubh meadhanach math, ach le cuid de lochdan tha a’ nochdadh còrr is turas tron leabhar.
tha beachd-smuaintean aig Ní Choileáin a dh’fhaodadh a bhith inntinneach; ’s i an trioblaid gu bheil cuid dhe na sgeulachdan car a’ dol air chall ann a bhith a’ mìneachadh nam beachd-smuain seach a bhith ag innse sgeulachd. nochd seo an toiseach sa chiad sgeulachd, “Quick Picks”, mu fhear òg a tha a’ feuchainn ris a’ chrannchur nàiseanta a mhealladh le prògram-coimpiutair. tha dà leth-sgeulachd ann, tè mu dheidhinn coinneamh ri boireannach òg a bha san sgoil còmhla ris nuair a tha e ag obair agus an tè eile mun a’ chrannchur, is cha tig iad ri chèile aig an deireadh mar a bhithinn ag iarraidh.
tha an sgeulachd-tiotail, “Sciorrann an t-am”, mu fhear a tha ag iarraidh làmh a chur na bheatha fhèin, nas so-leanta, co-dhiù, ach tha trioblaid eile an seo, .i., gur e a tha a’ toirt air seo iarraidh gun do dh’iompaich e gu Ioslam nuair a bha e gu bhith a’ pòsadh tè Mhuslamach, ach nuair a bhathar ga thimcheall-ghearradh chaidh rudeigin fada ceàrr (a rèir coltais) is chaidh a spothadh. tha an aithris ag ainmneachadh Ioslam mar “chultas” — “Cultas a bhí sa reiligiún dár ghéill sí agus dár ghéill Cillian leis, ar feadh tréimhse. Bhí sé saor uaidh sin anois” — còrr is aon turas, rud a dh’fhàg blas dona nam bheul (mar gum b’ eadh). dh’fhaodte a ràdh gur e dìreach beachd Chilliain a th’ ann a seo, ach chan eil an sgeulachd an da-rìribh ga cheasnachadh.
co-dhiù, aig deireadh na sgeulachd tha tionndadh eile, obann ann, rud a thachras iomadh turas tron leabhar: ann am “Bí liom”, sgeulachd air tè a’ coimhead air ais air an dàimh a bh’ aice ris an fhear a dhiùlt i a phòsadh; “Mise Mungó”, mu mhèirleach a tha a’ feuchainn — gu ìre — ri bheatha ath-dhèanamh anns a’ phrìosan; “Leigheas”, air càraid òg a tha a’ dèiligeadh ri trioblaid aig obair na mnà; “Dola”, mu fhear air a bheil fiachan troma a’ feuchainn rin rèiteachadh.
’s i “Place Vendôme” an sgeulachd as fheàrr, ar leam, ged a bha mi beagan teagmhach mun deireadh. tha i a’ leantainn boireannach òg, Úna, a tha ga sàrachadh le ceannard (“An maighdean tú?” a dh’fhaighnicheas e gu h-obann am meadhan dìnneir an oidhche ro cho-labhairt phroifeiseanta ann am Paras, is e a’ cur a làimhe air a sliasaid), fhad ’s a dh’fheuchas ri teicheadh bhuaithe. tha an sgeulachd uabhasach mì-chofhurtail, mar bu chòir, is cha toir i seachad freagairtean — fàgaidh i an leughadair leis a’ mhì-chofhurt (ach le atharrachadh beagan neònach aig an deireadh).
gu mì-fhortanach, cha robh mi a’ faireachdainn gun robh an sgeulachd fhicsein-shaidheans, “Réaltnéal”, math — cus mìneachaidh dhen a’ bheachd-smuain a-rithist, ann an dòigh a sheachain faireachdainnean nan caractar, a bha còir aca a bhith cudromach. tha an sgeulachd mu dheireadh, “Tráth”, fantasach ann an dòigh, ach ro fheallsanach, ’s dòcha: crìochnaichidh i dìreach nuair a thòisicheas i a’ dèiligeadh ri susbaint miann a’ phrìomh-charactair, boireannach òg nach eil sàsaichte le mar a thionndaidh a beatha a-mach is a thig a bhruidhinn ri ban-fhiosaiche feuch am faigh i a-mach ciamar a dh’atharraicheas i an t-àm ri teachd.
anns an fharsaingeachd bha na sgeulachdan car sgaoilteach, no lìonsgarach — bun-stèidhean inntinneach ach gun a bhith gan coileanadh buileach aig a’ cheann thall.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Èirinn)