Spill: Scenes of Black Feminist Fugitivity, Alexis Pauline Gumbs

Beurla / na Stàitean Aonaichte / 2016
rabhaidhean: droch-dhìol, gràin-chinnidh

dè th’ ann an Spill: Scenes of Black Feminist Fugitivity, le Alexis Pauline Gumbs? bàrdachd? nobhaileag? breithneachadh sòisealta? teòiridh litreachasail? sheòrsaich mi mar bhàrdachd e, ach a dh’innse na fìrinne, b’ urrainnear a chur anns gach tè dhe na roinnean-seòrsa sin.

tha gach teacsa san leabhar — agus tha iad gu math goirid, san fharsaingeachd, mar a chithear a dh’aithghearr — stèidhichte air iomradh à obair an neach-teòiridh Dhuibh Hortense Spillers. tha iad a’ cleachdadh innealan-cànain a leithid co-fhuaimneachadh agus ruitheam/meadrachd, mar sin cuiridh mi “dàin”, no “dàin-ruisg”, orra. tha na dàin ag innse, beag air bheag, sgeulachd boireannaich Dhuibh, a’ tòiseachadh nuair a tha i na pàiste agus a’ leantainn air adhart tro dhàimh(ean) d(h)roch-dhìolach gus a bheil nighean aice fhèin. tha iad, aig a’ cheart àm, a’ comharrachadh na teòiridhe feiminiche Duibhe airson an leughadair, a’ tarraing air Spillers ach cuideachd air sgrìobhdairean Dubha eile. mar a their Gumbs san ro-ràdh aice, ’s ann a bha cainnt na teòiridhe feiminiche Duibhe ga tarraing, an dòigh sam bi Spillers, gu sònraichte, ag ràdh na th’ aice ri ràdh:

What kept me coming back to [Spillers’s] essays over and over again was not only what she said (though what she says about race, gender, capitalism, and literature is enough to come back for forever); it was also how she said it. Again and again, there were phrases in her work that did faar more than make her point. They made worlds. They invited affect. They brought to mind nameless women in unknown places who were laughing and looking sideways at each other and a world that couldn’t understand them.

’s e an saoghal seo, saoghal cham-sheallaidhean is bhoireannach gun ainm a tha an-còmhnaidh, ann an dòigh air choreigin, a’ teicheadh, a tha Gumbs a’ faicinn ri cur ann am faclan sna dàin a leanas. tha an leabhar air a sgaradh ann an sia earrainnean, a’ chiad chòig dhiubh stèidhichte air mìneachaidhean eadar-dhealaichte dhen fhacal “spill” agus an t-siathamh thè a’ tarraing air cleachdadh “spill” mar ghnìomhair. an àite a bhith a’ feuchainn ris an leabhar a mhìneachadh leam fhìn, seo eisimpleir, dàn stèidhichte air an abairt “hieroglyphics of the flesh”, on aiste ainmeil aig Spillers “Mama’s Baby, Papa’s Maybe: An American Grammar Book”:

because she was a cave. papyrus. she was inventing a language. herself. she was lighting up the darkness. her skin. however dull, the person who holds the tool can say i am not an animal. can she? can say there is control. there is reason in what she feels. cannot. say that and be heard. she is not. an animal. so she brights it in the darkness. her skin. so she spells it in the tomb. her covered arms. her battered womb. she makes a place to right her walls again. she tilts and wields it expertly. her pain. the spell she scratches in her skin. her name.

tha an teacsa goirid seo a’ sealltainn iom-fhillteachd an leabhair air fad. gheibh sinn an seo iomraidhean air cultar na h-Èipheite àrsaidhe (no co-dhiù air gnàth-ìomhaighean na h-Èipheite àrsaidhe): paipireas, air am biodh na h-Èipheitich a’ sgrìobhadh; na geasagan a bhiodh a’ nochdadh air ballachan-tuama (tuama dorcha). gheibh sinn cuideachd tarraing air a’ ghnàth-smuain gu bheil dealbh-sgrìobhadh ann an dòigh air choreigin do-thuigsinn, agus leis an fhìrinn innse, ’s ann a tha e a’ fìor nach urrainn dhuinn, an da-rìribh, rud sam bith ann an dealbh-sgrìobhadh a chluinntinn gu ceart, leis nach eil againn ach tomhasan air ciamar a dh’fhuaimnichte an t-seann Èipheitis.

ach tha rudeigin a bharrachd a’ tachairt cuideachd: tha Gumbs a’ tarraing air staid nan daoine Dubha, mar — ann am facal Spillers — fheòil (.i., flesh), seach daoine: rudeigin neo-dhaonna, coltach ri beathach, rudeigin a dh’fhaodar ceannach — agus marbhadh (rudeigin nach rachadh fiù ’s a-steach do thuama). tha an fheòil gun “chiall” ann an seagh laghail, agus — mar a chì sinn ro thric san t-saoghal m’ ar timcheall — ged a dh’èigheas i os àirde le faclan-pèin, cha chluinnear i: “there is reason in what she feels. cannot. say that and be heard.” ach cha bheathach i, agus tha fhios aicese, fiù ’s ma dhiùltas an saoghal an fhìrinn seo: soilleirichidh i an saoghal diùltach ud, ga aindeoin, le corp, gàirdeanan, broilleach air an dochann. cleachdaidh i a pian, a geasag, a h-ainm.

tha gach dàn san leabhar a’ tabhann pailmseiste dhen leithid seo dhan leughadair, a’ gluasad (gar gluasad) mean air mhean tro bheatha chruaidh a dh’ionnsaigh rudeigin ùr (sean? àrsaidh? ùr-nuadh?), a’ fosgladh chothroman is spàsan-strì ùra: “remember everything you learn will soon out-green you. remember. everything you forget will grow.”

leabhar doirbh a tha seo, a thaobh a thèamaichean, a thaobh na beatha a sheallar dhuinn, agus a thaobh nan dùbhlan a thogas Gumbs air ar son mar leughadairean a bhios a’ gluasad tron aon shaoghal neo-chothromach, mhì-cheart ’s a tha prìomh-charactar nan dàn. dè ar dàimh ris na seallaidhean a bheir i dhuinn o ar-a-mach san earrainn mu dheireadh?

take note take heed engage the game. release your breath. unlearn your shame. resume your size. stand down. stand down and recognize. the future writing its name.

dè tha sinn a’ dèanamh — nar coimhearsnachdan fhèin, ge b’ e càit’ a bheil sinn, air sgàth choimhearsnachdan air feadh an t-saoghail, air sgàth choimhearsnachdan Dubha air feadh an t-saoghal — gus taic a chur ris an àm ri teachd seo? an aithnich sinn ainm nuair a tha e air a (dhealbh-)sgrìobhadh?

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o na Stàitean Aonaichte)