Star, Mishima Yukio

Seapanais (eadar-theangachadh Beurla le Sam Bett) / an Seapàn / 1960
rabhaidhean: fèin-mhurt, fuath-bhan

nobhaileag caran dìblidh a th’ ann an Star (eadar-theangaichte gu Beurle le Sam Bett). bha Mishima Yukio na sgrìobhadair is na chleasaiche — mharbh e e fhèin às dèidh coup d’état (a dh’fhàillig air) ann an 1970 far an robh e ag iarraidh làn-chumhachd a thoirt air ais dhan ìmpire. ’s e sin ri ràdh gur e nàiseantach na làimhe deise agus faisiostach a bh’ ann, agus mar sin tha mi air a bhith caran teagmhach mun a’ chliù a th’ aige mar sgrìobhadair seach gèidh seach dà-sheòrsach (tha e coltach nach eil e buileach soilleir). tha mi fhathast teagmhach às dèidh dhomh an nobhaileag seo a leughadh, chan ann air sgàth na poileataigs a tha ri faicinn ann (chan eil an nobhaileag poileataigeach idir) ach dìreach air sgàth na pearsantachd a tha a’ nochdadh ann.

tha Star a’ toirt dhuinn sealladh air beatha Mizuno Rikio, cleasaiche òg is ainmeil, fhad ’s a tha e ag obair air an ath-fhilm aige. tha Rikio — air neo “Richie”, mar a th’ aig an fheadhainn eile air an t-seata air — na phearsa uabhasach searbhasach, a’ gluasad tron t-saoghal mar gum b’ e bruadar a bh’ ann, ’s e sin ri ràdh, mar nach robh dad dhe na tha a’ tachairt mu thimcheall fìrinneach. chan eil e beò ach na cheann fhèin (agus sin dìreach gu ìre); taobh a-muigh, bidh e a’ cur aodann-brèige air fhèin, pearsantachd innealta nach eil an da-rìribh ann idir.

bidh e a’ gluasad, mar seo, eadar “fìrinn” a bheatha làitheil agus “breug” a’ chleasa gun trioblaid, gun a bhith a’ faicinn sgaradh mòr eatarra, ach anns an dòigh sa bheil “real time” (an-còmhnaidh air adhart) agus “unreal time” (air ais ’s air adhart a rèir clàr-ama an fhilmeachaidh) a’ gluasad, e fhèin is a charactar a’ tighinn còmhla ann an sgleò. chan eil ach aon mhòmaid — neònach, ris nach robh e an dùil idir — far a bheil e a’ faicinn fìrinneachd mu thimcheall, agus tachraidh e air an t-seata, am meadhan take, seach sa bheatha “fhìor” aige:

In my short career in film, I’d never felt anything like this. Not once had I been able to completely forget that a cityscape was hollow—all façades and make-believe.

dh’fhaodte creidsinn a rèir seo gur e a tha seo a’ ciallachadh gu bheil an saoghal taobh a-muigh an t-seata eadar-dhealaichte, ach chan eil idir, mar a their Kayo, boireannach a tha ag obair còmhla ris aig an stiùideo, nas fhadalaiche san nobhaileag:

the reality everyone thinks they see and feel draws from the spring of artifice that you and I are guarding. To keep the public pacified, the spring must always be shielded from the world by masks. And those masks are worn by stars.

chan eil ach Kayo a tha a’ faicinn pìos dhen fhìrinn. bidh iad a’ cadal — gu dìomhair — le chèile, agus còrdaidh e riutha gu bheil an dìomhair seo aca, ach chan eil e coltach gu bheil iad uabhasach measail air a chèile ach a thaobh dìomhaireachd an dàimhe. tha Rikio a’ faighinn Kayo grànnda (tha agus i fhèin), ach bheir i gàire air, agus tha an dòigh-sheallaidh sgaiteachail aice air an t-saoghal a’ còrdadh ris. san fharsaingeachd chan eil Rikio a’ faicinn bhoireannach ach mar “sex objects”, mar a dh’aidicheas e fhèin. nuair a tha boireannach òg — a bha ag iarraidh a bhith na cleasaiche ri thaobh — a’ feuchainn ri marbhadh fhèin air an t-seata, chan eil e ach ga coimhead, na laighe air an ùrlar, agus a’ smaoineachadh air mar a “shoirbhich” leatha sa mhòmaid sin: “All eyes were on Yuri!” nas fhadalaiche, còmhla ri Kayo air an oidhche, nì e gàire is Kayo ag atharrais faclan is gluasadan Yuri fhad ’s a bha i a’ strì leis an dotair air an ùrlar.

tha cùl-chòmhdach an leabhair a’ toirt tuairisgeul air an leabhar — is air Rikio — mar fhear le “anxieties and obsessions”, “a celebrity coming apart at the seams”, ach cha robh an coltas sin air idir, dhomhsa. chan eil e idir coltach gu bheil e a’ tuiteam às a chèile, ach san t-seagh gu bheil e ag obair ro chruaidh agus mar sin gu bheil eagal air ro bhith a’ fàs aosta. tha an nobhail a’ crìochnachadh le coinneamh air thuaiream eadar Rikio agus cleasaiche eile, nas aosta, fhad ’s a tha Rikio a’ faighinn cliop:

His handsome face had become a dingy plaque, a place to hang a mask—the mask of the handsome face that he had lost.

I was struck by an unfathomable terror and looked back in the mirror.

an do chòrd an leabhar rium, aig a’ cheann thall? theirinn nach do chòrd: a bharrachd air an fhuath-bhan, a bha gu math mì-thaitneach, bha e dìreach…chan eil fhios agam…dòrainneach, ann an dòigh. dìblidh, mar a thuirt mi aig an toiseach. chan eil fhios agam an leugh mi dad eile le Mishima.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on t-Seapàn)