Blood for the Undying Throne (The Bleeding Empire, #2), Kim Sung-il

Coirèanais / Coirèa a Deas / 2025

The Empire scorned all invisible gods and killed all visible ones. But if there really were a Heliwite and a Hefenfels, would they disappear just because the Empire conquered Arland? Was calling something a superstition enough to destroy it?

’s e Blood for the Undying Throne, le Kim Sung-il is air eadar-theangachadh le Anton Hur, an dàrna leabhar san t-sreath The Bleeding Empire, lean-sgeul do Blood of the Old Kings.

feumaidh mi aideachadh an toiseach nach eil an t-eadar-theangachadh fhèin a cheart cho lìomha ’s a bha a’ chiad fhear. mhothaich mi gu sònraichte do mhearachdan a thaobh sreath nan tràth (m.e., tràth caithte sìmplidh far am bu chòir tràth caithte coileanta a bhith), àiteachan far an do chailleadh greim air tùs-ionad (.i., anteriority). bha e a’ faireachdainn mar gun deach an t-eadar-theangachadh a dhèanamh gu luath agus gun deasachadh gu leòr. chan e seo ri ràdh gu bheil an t-eadar-theangachadh dona no nach eil an leabhar glacmhor fhathast — chan eil, agus tha — ach dìreach nach eil e cho rèidh ’s a bha a’ chiad fhear. a dh’aindeoin seo, tha an leabhar fhathast anabarrach math.

coltach ris a’ chiad leabhar, tha trì prìomh-charactar an seo. tha Arienne ann fhathast, bana-bhuidseach òg a tha a-nis an tòir air fìrinnean dìomhair eachdraidh na h-Ìmpireachd: dè thachair, an da-rìribh, air an latha ud ceud bliadhna air ais nuair a sgrios “the Star of Mersia” tìr fharsaing, fhallain air fad? tha an dithis phrìomh-charactar eile on a’ chiad leabhar a’ nochdadh a-rithist, cuideachd, ach tro shùilean eile: sùilean Emere, seann phrionnsa Khamori, a tha a-nis na Chomhairliche ann am prìomh-bhaile na h-Ìmpireachd. tha Emere ga ghlacadh eadar neartan poileataigeach nach tuig e an toiseach, agus an uair sin le neart an dàin, a tha ga tharraing — ga aindeoin — a dh’ionnsaigh roghainn a dh’atharraicheas an saoghal gu bràth. agus, mu dheireadh thall, gheibh sinn sealladh air ais — tro shùilean Yuma, Prìomh-bhuachaille a’ bhaile Danras — air an eachdraidh a tha a’ co-cheangal sgeulachdan Arienne is Emere: ceannsachadh na dùthcha air an robh “Merseh”, faisg air dà cheud bliadhna air ais, mus tug an Ìmpireachd ainm ùr na chànan fhèin dha: Mersia.

b’ urrainnear iomadh rud a ràdh mun leabhar seo, ach ’s e an rud a bu mhotha a ghlac m’ aire an toiseach ach mar a tha e a’ dèiligeadh ri ceist na fìorachd. dh’fhaodte a ràdh gur e prìomh-thèama an leabhair — agus, gu ìre co-dhiù, an t-sreatha air fad gu ruige seo — bunachadh an fhìorachais (.i., realism), a tha an sgeulachd a’ faicinn mar phròiseact gu bunaiteach colonach. tha an Ìmpireachd ag àicheadh chumhachdan os-nàdarra — diathan, bithean draoidheil, buidseachd — ach chan i ceist creideis a-mhàin a tha seo: aithnichidh an Ìmpireachd gu bheil an iomadachd de chultaran is de thraidiseanan na bagairt dha ceannsachaidhean, leis gu bheil dràgan Arland ag obrachadh mar shluagh-ghairm, samhla a chruinnicheas na h-Arlandaich airson ar-a-mach. feumaidh an Ìmpireachd na samhlaidhean seo a sgriosadh, ma-thà, gus an dìochuimhnich sluaghan nan dùthaich seo cò bh’ annta roimhe — gun robh saoghalan eile ann is gu bheil saoghalan eile fhathast nan coimeas.

b’ urrainnear a ràdh, cuideachd, gur e leabhar air atharrachadh-rèime (.i., regime change) a tha an leabhar seo, ach chan eil ann a seo ach pàirt de thèama ùr. mar a dhearbhaicheas Kim sna h-aithneachaidhean:

This book is different from Blood of the Old Kings. Instead of triumphs, it has regrets, like we all do when we look back upon the past. But every so often you need to look over your shoulder to see where you are standing and to move forward.

seo an rud a tha caractaran an leabhair a’ strì leis: aithreachas, seadh, ach cuideachd ciamar a chumas iad orra leis an tuigse nas fheàrr a th’ aca a-nis — ma dh’fhaodas iad cumail orra idir. tha Blood for the Undying Throne a’ beachdachadh air dàn, a tha e a’ tuigsinn chan ann mar shlighe shuidhichte ach mar mhòmaidean sònraichte far am faodar roghainn a dhèanamh a bheir buaidh air beathannan daoine eile. ruigidh Emere is Yuma mòmaidean a leithid seo; feumaidh Arienne dèiligeadh ri toraidhean nan roghainn a rinneadh mu thràth, aig mòmaidean eile — leatha fhèin is le daoine a thàinig roimhpe.

tha gu leòr eile ri ràdh mun nobhail, ach b’ fheairrde thu a leughadh dhut fhèin. mur do chaith an leabhar seo mi buileach, mar a chaith Blood of the Old Kings, chaidh mo bheò-ghlacadh leis fhathast, is bidh fiughar agam ris an treas leabhar.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Choirèa a Deas)