If nobody sees you, are you still there?
//
And if you didn’t tell other people, was it real or was it just something the two of you were telling yourselves?
tha a’ cheist seo, an sgaradh eadar lèirsinneachd is do-lèirsinneachd is buaidh na do-lèirsinneachd, aig cridhe The Death of Vivek Oji, leis an sgrìobhadair neo-bhìnearaidh Nìgeiriach Akwaeke Emezi. thog mi a-raoir e, an dùil gun toireadh e cuid de làithean, ach chuir mi crìoch air ann an trì uairean no mar sin — leabhar beò-ghlacmhor a th’ ann.
ann an dòigh, tha The Death of Vivek Oji a’ leantainn slighe na ciad nobhaile aca, Freshwater, air an do sgrìobh mi lèirmheas ann an 2020: mar a rinn iad ann am Freshwater, tha Emezi a’ meòrachadh an seo air a’ bhrùthadh shòisealta air daoine a tha diofraichte, sa chàs seo òigridh cuèir ann an Nìgeiria a tha a’ strì ri àite a lorg dhaibh fhèin ann an sòisealtas a tha gam bagairt le fòirneart. mar a tha an tiotal a’ comharrachadh, tha an sgeulachd a’ cuairteachadh bàs a’ charactair-thiotail, neach òg a rugadh do dh’athair Nìgeiriach is do mhàthair Innseanach a thàinig gu Nìgeiria nuair às dèidh bàs a pàrantan is a phòs fear an sin.
rugadh Vivek air an dearbh latha a chaochail a sheanmhair, màthair athar, rud a bhiodh, gu traidiseanta, ga chomharrachadh mar ath-cholainneadh dhith-se. ged a dhiùltas a phàrantan am beachd seo, tha e follaiseach o òige gu bheil Vivek eadar-dhealaichte — is e sin, boireannta, co-sheòrsach mura h-eil tar-ghnèitheach. tha mi a’ cleachdadh “e(san)” an seo nuair a tha mi a’ bruidhinn air mar Vivek, oir sin a nì an nobhail fhèin, ach gun a bhith ag ràdh cus tha cùisean ag atharrachadh ri deireadh na nobhaile nuair a thogas Vivek an t-ainm Igbo, Nnemdi, a bha gu bhith a’ comharrachadh a sheanmhair.
tha gràin cho-sheòrsachd is oillt thar-ghnèitheach (saoil carson a mholas am Faclair Beag faclan eadar-dhealaichte an seo?) mar phrìomh-chuspairean na nobhaile, ma-thà. leanaidh an sgeulachd trì prìomh-charactar — Kavita, màthair Vivek-Nnemdi; Osita, co-ogha (is barrachd) Vivek-Nnemdi; is Vivek-Nnemdi fhèin, a’ bruidhinn ann am bàs — ach gheibh sinn seallaidhean o iomadh caractar eile, cuideachd: caraidean eile Vivek-Nnemdi, an duine aig Kavita, daoine eile anns a’ bhaile. tro na sùilean seo gheibh sinn cuairt-shealladh air beatha Vivek-Nnemdi is air buaidh a’ bhàis.
mar a thuirt mi, ’s ann air lèirsinneachd as motha a tha an nobhail seo a’ meòrachadh, agus an lùib seo air ion-ghabhaltas. mar a thèid an sgeulachd air adhart, togar ceistean làidir air pàrantan Vivek-Nnemdi, gu sònraichte, ach cuideachd air na caraidean òga: an robh neach sam bith aca, an da-rìribh, a’ gabhail ri Vivek-Nnemdi mar a bha? no an robh iad ag iarraidh air Vivek a bhith eadar-dhealaichte, a bhith “àbhaisteach”, a’ brùthadh air gach turas a thuirt iad gun robh gaol aca air? tha seo gu h-àraid fìor airson Kavita, a dh’fheumas aig a’ cheann thall aghaidh a thoirt ris an fhìrinn gu bheil coire oirre fhèin airson bàs a pàiste — agus aghaidh a thoirt ris an fhìrinn sgriosail (is an ciont a thig na lùib) nach biodh i air gabhail ris mura robh Vivek-Nnemdi marbh.
We don’t know anything about him. You just had this your idea of who your son was supposed to be, and you were so busy having your affair that you missed out on his last months on earth. We can’t keep insisting he was who we thought he was, when he wanted to be someone else and he died being that person, Chika. We failed, don’t you see? We didn’t see him and we failed.
ged a fhuair — no, nas fheàrr, ged a rinn — Vivek-Nnemdi spàs airson beatha fhìor/fhìrinneach am measg na h-òigridh eile (gu sònraichte Osita, is dàimh fhiosaigeach is romansach ag èirigh eatarra), tha ceistean ann fhathast, cuideachd, mun deidhinn sin. an robh iad an da-rìribh a’ tuigsinn Vivek-Nnemdi? an robh iad ga f(h)aicinn mar phearsa iomlan, no an robh iad fhathast a’ feuchainn ri c(h)ur ann am bocsaichean, mar a tha iad gan cur fhèin ann am bocsaichean?
tha aon teagamh a’ laighe orm, ge-tà, agus is e sin an dòigh san tèid Vivek-Nnemdi a naomhachadh ann am bàs. le sin, tha mi a’ ciallachadh gu bheil an nobhail a’ bruidhinn ann an guth Vivek-Nnemdi, a’ gabhail leisgeulan nan caractar eile is a’ toirt maitheanas dhaibh. bha seo — aig fior-dheireadh na nobhaile — rud beag ro sgiobalta, saoileam, ged a chòrd an leabhar rium gu mòr, mòr fhathast.
tha e doirbh an còrr a ràdh gun a bhith a’ taisbeanadh meanbh-phuingean na sgeulachd, rud nach eil mi airson dèanamh oir mholainn gu làidir an leabhar seo. (’s dòcha gun do thaisbean mi cus mu thràth; tha mi fhìn car coma mu dheidhinn spoilers, mar sin tha e rud beag doirbh a mheasadh uaireannan.) ged nach robh agam ris an leabhar a leigeil is dol a-mach airson cuairt, mar a rinn nuair a bha mi a’ leughadh Freshwater, theirinnsa gu bheil The Death of Vivek Oji a cheart cho cumhachdach is drùidhteach. bidh fiughair agam ris a’ chòrr dhe na leabhraichean aig Emezi.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile o Nìgeiria)