The Seer of Kintail, Elizabeth Sutherland

Beurla / Alba, an Rìoghachd Aonaichte / 1974

I have been told that there is room for every man somewhere on this earth. I am looking for that place.

nobhail eachdraidheil fantasach le eileamaidean romansach a th’ ann an The Seer of Kintail, le Elizabeth Sutherland. mar a tha an tiotal a’ comharrachadh, tha an nobhail a’ leantainn beatha Choinnich Odhair — mar a tha Sutherland ga saoilsinn — bho àm a ghinidh gu àm a bhàis.

tha Sutherland a’ tarraing gu sònraichte air The Prophecies of the Brahan Seer, le Alexander Mackenzie, a dh’fhoillsicheadh ann an 1899. tha pàirt dhìom a’ saoilsinn am biodh an leabhar eadar-dhealaichte nan robh sgrìobhaidhean Donnchaidh Bhlàraich aice, air neo an leabhran a sgrìobh Dòmhnall Iain MacÌomhair an 1990. ’s e sin ri ràdh, saoil ciamar a bhiodh an leabhar eadar-dhealaichte nan robh Gàidhlig, is tùsan Gàidhlig, aice, seach mar a tha an leabhar a’ tarraing air cunntasan o thùsan Beurla. tha an nobhail a’ tòiseachadh, mar eisimpleir, le màthair Choinnich ga tairgsinn mar ìobhairt do “Shoni” — bith os-nàdarra (ma dh’fhaodte) a fhuair Sutherland seach ann an Dwelly (nan robh Dwelly aice) seach gu dìreach ann an A Description of the Western Islands of Scotland le Martin Martin, leabhar a sgrìobhadh ri deireadh an 17mh linn:

John Morison of Bragir told me that when he was a boy, and going to the Church of St. Malvay, he observed the natives to kneel and repeat the Paternoster at four miles distance from the church. The inhabitants of this island had an ancient custom to sacrifice to a sea-god called Shony, at Hallow-tide, in the manner following: The inhabitants round the island came to the Church of St. Malvay, having each man his provision along with him; every family furnished a peck of malt, and this was brewed into ale; one of their number was picked out to wade into the sea up to the middle, and carrying a cup of ale in his hand, standing still in that posture, cried out with a loud voice saying, "Shony, I give you this cup of ale, hoping that you’ll be so kind as to send us plenty of sea-ware for enriching our ground for the ensuing year"; and so threw the cup of ale into the sea. This was performed in the night time. At his return to land they all went to church, where there was a candle burning upon the altar; and then standing silent for a little time, one of them gave a signal, at which the candle was put out, and immediately all of them went to the fields, where they fell a-drinking their ale, and spent the remainder of the night in dancing and singing, &c.

fiù ’s ma bha an cleachdadh seo ann, bhithinn gu math teagmhach air mar a tha Martin ga eadar-mhìneachadh — a’ gabhail ris gur e “sea-god” a bh’ ann an “Shony” gun dearbhadh sam bith. chithear anns an nobhail buaidh bheachd-smuaintean nua-phàganach a tha a’ coimhead air traidiseanan Gàidhealach (is gu sònraichte Caitligeach) mar lorgan na pàganachd.

tha dìth na Gàidhlig ga sealltainn ann an dòighean eile, cuideachd, oir tha Sutherland a’ sgrìobhadh, is gu sònraichte a’ sgrìobhadh chòmhraidhean, ann an stoidhle a leithid Synge, Yeats, is sgrìobhadairean eile sa Bheurla a chuir blas na Gàidhlig air Beurla an caractaran. an diofar an seo, ’s e gu bheil e coltach gu bheil Sutherland a’ tarraing air na h-eisimpleirean sin seach air a h-eòlas air a’ Ghàidhlig, oir nochdaidh abairtean a leithid “There is no fear in me” (“chan eil eagal annam”?) tron nobhail — rudan a tha dìreach rud beag ceàrr. chan ann fad na h-ùine a bhios iad ann, ach tric gu leòr. tha rudan eile a’ nochdadh, cuideachd, a tha ga dhèanamh soilleir gur ann do Ghoill a chaidh an leabhar a sgrìobhadh, seach do Ghàidheil — iomradh o aithris charactair Ghàidhealaich air “Ossianic tales”, mar eisimpleir.

ach chan e (dìreach) fantasachd Ghallda na pàganachd Gàidhealaiche a th’ anns an leabhar seo, oir tha Sutherland a’ feuchainn, cuideachd, ris an sgeulachd aice a shuidheachadh ann an co-theacsa eachdraidheil: tha eileamaidean os-nàdarra (is buileach fantasach, mar “Shoni”) ann, ach air bun-stèidh ficsein eachdraidheil. gheibh sinn seallaidhean, ma-thà, air beatha làitheil nan croitear, air buaidh poileataigs nan uaislean air na croitearan, air poileataigs na gnè is a’ phòsaidh, is mar sin air adhart.

tha Sutherland ga fèin-aithneachadh mar neach-eachdraidh, is tha seòrsa scholarly apparatus san leabhar, le nòtaichean-deiridh a’ leantainn cuid mhòr dhe na ro-sheallaidhean, anns am mìnich Sutherland mar a bha an fhàisneachd ga tuigsinn — a rèir Alasdair MhicChoinnich, tha coltach, ach tha i fhèin a’ dèanamh tuairmeas air cuid dhiubh, cuideachd. bheir i iomradh, mar eisimpleir, air “the Oil Industry which is finding a footing in the Highlands” sa mhìneachadh aice air an fhàisneachd air “siantan dubha, uabhasach” a’ sgriosadh na tìre is nan ainmhidh (fàisneachd #20 sa cho-chruinneachadh aig Dòmhnall Iain MacÌomhair). (eadar dà sheanchas, ged nach eil mise buileach sàsaichte leis an leabhar, tha coltach gun robh co-dhiù MacÌomhair, oir chuir esan às-earrann on leabhar, còmhradh eadar an dotair Anndra Peutan agus Coinneach Odhar, anns a’ cho-chruinneachadh aige:

Ged nach eil an seo ach briathran a tha air an deilbh le mac-meanmhain an ùghdair, tha iad air leth inntinneach mar shealladh air an dòigh sa bheil ise a’ faicinn comasan Choinnich agus na buaidhe a tha aca air.

rud a tha buileach fiadhaich (mar gum b’ eadh), ar leam! tha MacÌomhair a’ co-cheangal nan sian dubh ri Searnòbail, “nuair a sgaoil a’ cheò niùclasach air feadh cuibhreannan cudthromach den Roinn Eòrpa, ’s nach b’ urrainn do na tuathanaich an cuid uain a reic airson feòla, air òrdugh an riaghaltais”; feumaidh mi aideachadh gu bheil mìneachadh Sutherland nas tarraingiche dhomhsa, ged a dh’ainmicheas i “nuclear fall-out”, cuideachd.)

dh’fhaodadh “nobhail eachdraidheil air Coinneach Odhar” fuaimneachadh car gòrach, leis nach eil sinn cinnteach an robh e riamh ann an da-rìribh, ach theirinnsa gur e an dòigh sa bheil Sutherland a’ làimhseachadh na trioblaid seo an rud as fheàrr mun nobhail. tha an sgeulachd ga h-innse tro iomadh sùil eadar-dhealaichte: màthair Choinnich, a chiad leannan, cailleach is fiosaiche ann am Beinn nam Faoghla, dotair ann an Inbhir Nis, is eile. tron sùilean chan fhaigh sinn ach seallaidh claon is briste air Coinneach fhèin, is tha na caractaran fhèin a’ ceasnachadh na fàisneachd aige fad na h-ùine; tha cuid dhiubh a’ cur earbsa innte is cuid eile nach eil idir. gu ìre, co-dhiù, chan eil sinn a’ faighinn “sgeulachd Choinnich Odhair” ach “sgeulachd nam beachd-smuain a th’ aig daoine eile air Coinneach Odhar” — .i., aig a’ cheann thall, dìreach an rud a thàinig thugainn tron a’ bheul-aithris. tha Sutherland a’ tarraing gu ìre air sgeulachdan beul-aithriseach, ach gan atharrachadh gus sgeulachd a chur an cèill a tha, aig a bonn, fìorach, ged a tha rudan fantasach a’ tachairt innte.

(gheibh sinn aon shealladh goirid air “sgeulachd Choinnich Odhair” fhèin, na deich duilleagan mu dheireadh dhen nobhail. tha iad sin car làidir — is traidsigeach — às dèidh rudan eile san leabhar.)

thuirt mi nach e dìreach fantasachd Ghallda na pàganachd Gàidhealaiche a th’ anns an leabhar seo. tha sin fìor airson adhbhar eile, cuideachd, oir tha Sutherland a’ tarraing air eachdraidhean deuchainnean bhana-bhuidseach ann an Alba, bho shealladh gu math Crìosdaidh. gu sònraichte, tha i a’ cleachdadh nan deuchainn a thachair anns an t-Srath Ghlas ann an 1662, is i a’ cur fìor bhana-bhuidsich (o Fherintosh anns an Eilean Dubh) ris na boireannaich a bha an da-rìribh fo dheuchainn. chan e seòrsa “bean-fhiosa” a th’ anns a’ bhana-bhuidseach seo ach seirbheiseach deònach an t-Sàtain. cha toil leam seo, feumaidh mi a ràdh! ged a dh’aidicheas Sutherland gun robh na MicGhill-Eain a bha fo dheuchainn san t-Srath Ghlas neo-chiontach, luchd-fulaing an tighearna a bha a’ feuchainn rim fuadach on fhearann, ann a bhith a’ dearbhadh gun robh “fìor” bhana-bhuidsich ann aig an àm tha Sutherland a’ fìrinneachadh ceartas nan deuchainn.

tha sealladh na deuchainne dùbhlanach air adhbharan eile, cuideachd, oir tha Sutherland a’ cleachdadh eachraidh an neach-bhioraidh bhana-bhuidseach (witch-pricker) a bha aithnichte fon ainm “John Dickson” no “James Paterson”. bha an neach seo ann, is — mar a riochdaicheas Sutherland, ged nach eil an riochdachadh aice a’ leantainn na h-eachdraidh, a rèir coltais — fhuaireadh a-mach gur e boireannach(?) a bh’ ann “an da-rìribh”, a’ cur aodach fireannach uimpe(?). chan eil mi airson an neach seo (a dhearbh-aithnicheadh an uair sin mar “Christian Caldwell”) a dhìon, idir — obair an-iochdmhor, olc a bh’ ann am bioradh bhana-bhuidseach. ’s i an trioblaid an seo, ge-tà, an dòigh ’s a bheil Sutherland ga riochdachadh, mar gun robh “Paterson” (an t-ainm a chleachdar an seo) a’ faighinn tlachd — fillte a-staigh: tlachd feiseil — o bhith a’ ciùrradh nam “bana-bhuidseach”. tha seo a’ comharrachadh Paterson seach mar leasbach creachach seach mar fear tar-ghnèitheach creachach, agus ge b’ e ciamar a thuigeas sinn a g(h)nè tha sin car grànnda, seach a’ nochdadh gràin thar-ghnèitheach seach gràin cho-sheòrsach.

anns an fharsaingeachd, dh’fhàg an dòigh sa bheil Sutherland a’ làimhseachadh chreideasan os-nàdarra Gàidhealach beagan mì-chofhurtail mi. gu sònraichte, bidh i a’ cur cuideam moralta orra — tha Coinneach fhèin dhen a’ bheachd gur ann à cumhachd dona air choreigin (Sàtan no seonadh no ge b’ e dè eile) a thàinig an fhàisneachd aige, is gu ìre tha an leabhar ag aontachadh leis, ged a tha am fìor-dheireadh beagan dà-sheaghach a thaobh seo. leis gur e Gall a th’ ann an Sutherland (b’ ann à Arcaibh a bha a h-athair is bha a màthair à Fìobha; a rèir coltais chanadh ise gur e “Cruithneach” a bh’ innte. hmmm), chan eil seo a’ faireachdainn mar bhreith neodrach ach mar chlaon-bheachd Crìosdaidh, Gallda.

leabhar inntinneach a bh’ ann, ma-thà, ach dùbhlanach, cuideachd. chan e idir an seòrsa romansa dorcha a tha an cùl-chòmhdach a’ comharrachadh, ge-tà — “To the women who desired him he was both lord and lover – a dark call to the blood that they could not deny”. ach tha e fìor gu bheil an leabhar gu math dàireil, lmao.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)