Voices from the Other World: Ancient Egyptian Tales, Naguib Mahfouz

Arabais / an Èipheit / 1936-1945

tha mi air a bhith ag iarraidh barrachd le Naguib Mahfouz a leughadh on a theagaisg mi Arabian Nights and Days ann an cùrsa air a’ Mhìle is Aon Oidhche an 2021. nuair a fhuair mi a-mach gun robh an co-chruinneachadh seo ann, air eadar-theangachadh le Raymond Stock, shaoil mi gum biodh e freagarrach, oir bheireadh e brosnachadh dhomh gus an co-chruinneachadh de theacsaichean às an Èipheit àrsaidh a th’ agam a leughadh. rinn mi sin, is an uair sin thòisich mi air Voices from the Other World. ’s e a th’ ann ach còig sgeulachdan goirid a dh’fhoillsich Mahfouz glè thràth, eadar 1936 is 1945 (cha do rugadh e ach an 1911), is iad uile (ach aon) suidhichte san Èipheit àrsaidh, a’ tòiseachadh san linn ron a’ chiad rìgh-shliochd is a’ crìochnachadh sa Mheadhan-Rìoghachd, beagan às dèidh an Linn Amarna

tha “Evil Adored” a’ coimhead air buaidh feallsanaiche san linn ron a’ chiad rìgh-shliochd, is e a’ meòrachadh air buaidh structaran-cumhachd air a’ bheatha: thig seann fhear gu Khnum is e a’ feuchainn ri cur às dhan olc agus dhan tinneas — agus thèid aige air, gus an cuir am poileas, am breitheamh, an dotair, is mar sin romhpa an t-olc a thoirt air ais, gus an cum iad greim air a’ chumhachd a b’ àbhaist a bhith aca.

’s e sgeulachd smaoineachail a th’ ann an “King Userkaf’s Forgiveness”, mu rìgh a tha airson faighinn a-mach ciamar, an da-rìribh, a tha na daoine mu thimcheall air a’ faireachdainn mu dheidhinn. sgeulachd dhà-sheaghach a th’ ann, a’ ceasnachadh luach na dìlseachd agus aon-deòin (.i., arbitrariness) na cumhachd.

tha “The Mummy Awakens” suidhichte aig deireadh an naoidheamh linn deug, nuair a bha riaghladair Otomanach san Èipheit fhathast. air a sgrìobhadh ann an stoidhle a bha coltach ri sgeulachd Lovecraft (ged nach eil mi a’ creidsinn gun robh Mahfouz eòlach air obair), tha an sgeulachd a’ leantainn àrsaidhear Eòrpach is an riaghladair Otomanach, a thachras air seann tuama air oighreachd an riaghladair, far an lorg iad spaoileadan/mumaidh seann sheanailear, aig a bheil faclan làidir airson nan ùghdarras colonach san Èipheit ùir seo.

tha “The Return of Sinuhe” a’ tarraing air sgeulachd Sinuhe, aithris-ruisg fhèillmhor, ag ath-innse mar a thill am prionnsa Sinuhe dhachaigh às dèidh dha dà fhichead bliadhna a chur seachad am measg nan Amorach. b’ e seo, saoileam, an sgeulachd a bu mhotha a chòrd rium, leis mar a tha Mahfouz a’ toirt cruth ùr air an sgeul bhunasach is a’ meòrachadh air a’ chèill de bhith a’ “tilleadh dhachaigh”.

tha an sgeulachd mu dheireadh, “A Voice from the Other World”, a’ leantainn spiorad fir òig a tha dìreach air bàsachadh fhad ’s a sheallas e air a’ bheatha is air na daoine a tha e a’ fàgail às a dhèidh, ach le astar a-nis eadar e fhèin is na faireachdainnean a bh’ aige nuair a bha e beò. bha an sgeulachd seo beagan unsettling, ach ’s dòcha rud beag ro smaoineachail (rud nach can mi gu tric), ged a chòrd am fìor-dheireadh rium a thaobh a’ chrutha.

tha an t-eadar-theangachadh a’ faireachdainn “nàdarra”, mar a bha is an stoidhle ann an Arabian Nights and Days; leis nach eil Arabais agam, feumaidh mi gabhail ris gur ann mar siud a bha Mahfouz a’ sgrìobhadh sa chànan sin. bha cuid de dh’àiteachan far an tug roghainn-fhacail orm saoilsinn am b’ e mearachd a bh’ ann (m.e., “sentience” seach “intelligence” aig toiseach “The Mummy Awakens”), ach gu sònraichte leis nach b’ e ach tagraiche dotaireil a bh’ ann an Stock aig an àm bha mi air mo ghlacadh leis cho math ’s a rinn e. tha mi gu mòr airson nan nobhail eile aig Mahfouz a tha suidhichte san Èipheit àrsaidh a leughadh a-nis. coltach ri Arabian Nights and Days, tha na sgeulachdan seo smaoineachail — agus cianail. chòrd iad rium gu mòr.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Èipheit)