But I will say this: men may enslave bodies. But not what lives in them.
sin a theirear ri Shaina, prìomh-charactar Volkhavaar, le Tanith Lee, leis a’ bhana-bhuidsich dhan tèid i airson cuideachadh às dèidh dhi tuiteam ann an gaol (mar a shaoileas i, co-dhiù) airson a’ chiad turais.
’s i an trioblaid gu bheil an dà chuid Shaina is am fear coigreach a th’ air a h-aire a ghlacadh nan tràillean: Shaina gu laghail, is i air a toirt fo bhruid na pàiste; an coigreach — nach eil Shaina eòlach fiù ’s air ainm — gu draoidheil, is e an greim a’ bhuidseir mhì-rùnaich Volkhavaar.
gu follaiseach, tha craiceann geal, soilleir aig Shaina — ged a thugadh o thìrean cèine i — is tha craiceann Volkhavaar “buidhe” is euslainteach. tha cuid de chaibideilean a mhìnicheas a bheatha tràth, anns an ionnsaich sinn gum b’ e pàiste borb, mì-chneasta a bh’ ann. craiceann geal = gaisgeach, pearsantachd mhath; craiceann “buidhe” = slaightear, pearsantachd dona. air an dàrna làimh, chan eil seo na iongnadh ann an nobhail-fhantasachd o 1977; air an làimh eile, chan eil sin na leisgeul.
aidichidh mi, ge-tà, gu bheil an dòigh san riochdaichidh Lee caractar Volkhavaar beagan nas iom-fhillte. tha an nobhail a’ cur seachad trì caibideilean iomlan (a-mach à dà air fhichead) a’ mìneachadh beatha thràth Volkhavaar is mar a thàinig e gu bhith na bhuidsear cumhachdach is mì-rùnach. bha seo inntinneach gu ìre, ach an àite a bhith ga dhaonnachadh (mar gum b’ eadh), ge-tà, dearbhaidh an aithris gun robh Volkhavaar — no Kernik, ainm eile a chleachdas e — measail air brath is foilltean an-iochdmhor mu thràth nuair nach robh e ach sia no seachd bliadhna a dh’aois, mar gun robh an t-olcas na nàdar bho thùs. agus, gu follaiseach, ’s ann o “the black god” Takerna a gheibh Volkhavaar a’ chumhachd aice.
a dh’aindeoin a’ phoileataigs-chinnidh, tha rudan math an seo. tha stoidhle Lee tarraingeach — ged a tha cromagan a dhìth an siud ’s an seo, air neo ann far nach bu chòir a bhith — dìreach ach ealanta, le ìomhaighean iongantach: “Kernik’s memory was like a knife; it pierced facts and held them.” ’s e seo a’ chiad leabhar le Lee a leugh mi bho chionn ~20 bliadhna, is a’ chiad leabhar do dh’inbhich, agus tha mi cinnteach gun cum mi orm mar as urrainn dhomh/nuair as urrainn dhomh.
coltach ri nobhailean eile a dh’fhoillsicheadh mun aon àm — Trouble on Triton is Tales of Nevèrÿon le Samuel R. Delany, an sreath-leabhar The Book of the New Sun le Gene Wolfe, is eile — tha dràma aig cridhe na nobhaile, ann an dà sheagh. an toiseach, gu litireil: tha Volkhavaar a’ stiùireadh buidheann chleasaichean, a’ siubhal na tìre is a’ fàgail mì-rian às a dhèidh. ach cuideachd gu samhlachail: tha cumhachd Volkhavaar freumhaichte ann am mealladh-radhairc no mearachadh-sùla (.i., illusion). ged a dh’atharraicheas e a chruth is cruthan nithean mu thimcheall, tha an nobhail ag ìmpleachadh nach eil ann a sin ach seòrsa meallaidh-radhairc fhathast, mealladh cho domhain ’s gu bheil an corp fhèin ga chreidsinn is chan ann a-mhàin an radharc.
bha mòmaid shònraichte a tharraing m’ aire, nuair a choinnicheas Volkhavaar ris a’ bhuidhinn airson a’ chiad turais, is iad fhathast fo stiùir fear eile: às dèidh dha sealltainn air an dealbh-chluiche aca, marbhaidh Volkhavaar am fear-stiùiridh le bhata fhèin, le mealladh-radhairc a’ toirt a’ creidsinn gur e claidheamh a th’ ann. chan eil e buileach soilleir, ach tha coltach gur e an da-rìribh bata a th’ ann fhathast, is gu bheil am fear-stiùiridh a’ dol bàs dìreach leis gu bheil a h-uile duine — ach cleasaiche òg, Dasyel, am fear air am bi gaol aig Shaina — ga fhaicinn mar chlaidheamh, is corp Jy a’ creidsinn gum bu chòir dha bhith marbh. thug seo orm smaoineachadh air cuid dhen draoidheachd anns an trì-leabhar Riddle-Master le Patricia A. McKillip, far an tèid caractar a ghlacadh ann am mealladh-radhairc dorchadais, cho domhain ’s nach urrainn dha gluasad no teicheadh no fiù ’s smaoineachadh gu soilleir.
(rud beag eile a ghlac m’ aire, ’s e gu bheil Lee, airson adhbhar air choreigin, a’ tarraing air eachdraidh na rùn-dìomhaireachd Siaraich — esotericism, tha mi a’ ciallachadh — ann a bhith a’ riochdachadh mar a tha spiorad Shaina a’ siubhal na dùthcha. fèin-thilgeil reultach, mar gum b’ eadh (.i., astral projection), a th’ ann, le sreang airgid a’ co-cheangal an spioraid ris a’ chorp — thàinig seo gu dìreach o Theosophy is a leithid, is chuir sin iongnadh orm leis gun robh saoghal-chruthachadh car fa-leth aig Lee, ged a tha e car coitcheann/gnèitheach, ach airson a’ mheallaidh-radhairc.)
an rud as iongantaiche mun leabhar seo, ge-tà: tha e a’ tòiseachadh le coltas àbhaisteach, aithnichte, an òigh a’ bàsachadh air sgath gaol nach tèid a’ co-fhreagairt, a’ toirt geall do bhana-bhuidseach feuch am faigh i am fear air a bheil a rùn.
ach am meadhan an leabhair tha a h-uile rud a’ dol bun-os-cionn, is tha mi ga chiallachadh sin san t-seagh de rèabhlaid iomlan. atharraichidh gach rud, is nuair a thig fuasgladh air a’ chruaidh-chàs anns a bheil Shaina, Dasyel, is am baile mòr air fad a-nis, ’s ann air mhodh ris nach robh dùil idir. tha mac-talla Le Guin an seo, theirinn, is mar an ceudna bha crìoch na nobhaile a’ faireachdainn mar chrìochan eucatastrophic (faic Tolkien, “On Fairy-Stories”) nan nobhail aig McKillip — thug e orm smaoineachadh air The Book of Atrix Wolfe is Ombria in Shadow, gu sònraichte. chan ann gun chùram a nì mi coimeas eadar obair McKillip is leabhraichean eile.
nuair a bha mi mu letheach-shlighe tron leabhar bha mi a’ smaoineachadh gum measainn e mar leabhar meadhanach math — deagh spòrs. leis mar a ghlac an dàrna leth dhen leabhar m’ fhaireachdainnean, an toiseach, is an uair sin mo smuaintean, feumaidh mi a ràdh a-nis gum measainn e mar leabhar anabarrach math, a dh’aindeoin a’ phoileataigs-chinnidh. chuir e iongnadh orm is chum e air a’ cur iongnadh orm fad leth an teacsa. uabhasach fhèin math.
(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)