sgrìobhadh cruthachail

(English)

seo clàr nan sgrìobhaidhean agam a tha rim faighinn an àiteachan eile, le ceanglaichean ris an fheadhainn a tha rim faighinn air loidhne.

bàrdachd

tha na dàin agam air nochdadh ann an Dàna, ann am Poblachd nam Bàrd, ann an An Naidheachd Againne, agus ann an STEALL. cuideachd, bha cruthan, co-chruinneachadh dhe na dàin agam, air a’ gheàrr-liosta airson làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte sna Duaisean Litreachais 2020, agus chaidh fear dhe na dàin agam (“ciad chobhair”) ainmeachadh le “àrd-urram” ann am Farpais Bhàrdachd Bhaile na h-Ùige ann an 2017.

ficsean

sa Ghàidhlig

aotrom-laigheachan (Clò an Fhaoileagain, 2020)
nochd a’ chiad cho-chruinneachadh de sgeulachdan goirid agam, aotrom-laigheachan, fo sgiathan Chlò an Fhaoileagain aig toiseach 2020. ’s e a th’ ann ach ceithir sgeulachdan goirid drùis-mhiannach gèidh, agus gheibhear ann an cruth didseatach e saor an-asgaidh no airson pàigheadh-mar-as-urrainn-dhut, air gumroad.
Boicfhear sa Phàirc (2020)
faodar Boicfhear sa Phàirc, sgeulachd fantasachd drùis-mhiannach fa-leth a sgaoil mi mar iriseag airson Quaranzine Fest 2020, fhaighinn (saor an-asgaidh no pàigheadh-mar-as-urrainn-dhut) air gumroad.
Iomadh Rud Nach Saoil Sibh (2023)
’s e sgeulachd fantasachd / oillt chosmach a th’ ann an “Iomadh Rud Nach Saoil Sibh”, stèidhichte air sgeulachd bheul-aithriseach mun a’ phort ainmeil “Am Muileann Dubh” / “Nead na Circe-fraoich”. chaidh fhoillseachadh san àireimh Samhain 2023 de dh’Aimsir.

sa Bheurla

Ghost Time (2016)
’s e sgeulachd ghoirid (mar 5 mionaidean) eadar-ghnìomhach a th’ ann an Ghost Time, mu bhith a’ cur thaibhsichean (litireil) aig fois.
illumination (Voyage YA, 2021)
’s e sguelachd ghoirid do dh’inbhich òga a th’ ann an “illumination,” mu fhear-faoil òg gèidh, magaineach. chaidh ainmeachadh air geàrr-liosta airson an Voyage YA Short Story Award ann an 2020, is chaidh fhoillseachadh ann an Voyage YA ann an 2021.
meditations on a (b)romance (2020)
’s e a th’ ann am meditations on a (b)romance ach trì sgeulachdan goirid co-cheangailte mu dheidhinn tionndadh eile dhen aon fhear-fhaoil iomagaineach ghèidh, on àrd-sgoil gu fhicheadan. gheibhear airson $2 (no barrachd mas miann leat) air gumroad.

eadar-theangachadh

gu Gàidhlig

bidh mi ag eadar-theangachadh dhàn gu Gàidhlig bho àm gu àm, agus ann an 2017 is 2018 dh’eadar-theangaich mi dàn gach latha anns an Lùnasdal airson Mìos an Eadar-theangachaidh. gheibhear na dàin seo uile an seo.

a bharrachd air na h-eadar-theangachaidhean sin, gheibhear (no gheibhte) eadar-theangachaidhean anns na h-àiteachan seo:

“am falbhan-gaoithe”
eadar-theangachadh dhen dàn “The Windhover” le Gerard Manley Hopkins, a chaidh fhoillseachadh ann an Dàna, 24mh am Màrt, 2017.
Ròs Fiadhaich
eadar-theangachadh dhen nobhail ghraifigich eachdraidheil-romansaich Wild Rose le Nicola R. White, air fhoillseachadh le Clò a’ Bhradain.

gu Beurla

“Death-verse for the last MacCodrum”
eadar-theangachadh dhen dàn “Marbhrann MhicChodruim dheireannaich” le Sgàire Uallas, a chaidh fhoillseachadh ann an High Tide: The 2019 anthology of poetry and prose by members of the Federation of Writers (Scotland).

(air ais)