Gu ’n d’ thug i spéis do ’n àrmunn, Iain MacCormaig

Gàidhlig / Alba, an Rìoghachd Aonaichte / 1908

ged a thathar ag ainmeachadh Dùn-àluinn mar “a’ chiad nobhail Ghàidhlig”, dh’fhoillsich Iain MacCormaig leabhar eile roimhe: Gu ’n d’ thug i spéis do ’n àrmunn, a nochd an 1908. Bithear a’ cur “nobhaileag” air, ach leis nach eil mise a’ creidsinn ann an nobhaileagan, agus leis gu bheil Gu ’n d’ thug i spéis do ’n àrmunn tòrr nas fheàrr na Dùn-àluinn, bidh mi a’ cumail a-mach a-nis gur e Gu ’n d’ thug i spéis do ’n àrmunn a’ chiad nobhail Ghàidhlig.

tha sgeulachd na nobhaile fada nas sìmplidhe: feumaidh càraid òg san Ros Mhuileach, Iain agus Màiri, dealachadh ri linn chogaidhean Napoleon, is Iain a’ dol dhan arm. ged a gheall iad gum maireadh iad dìleas dha chèile, gheibhear naidheachd, an toiseach, gun do phòs Iain boireannach ann an Sasainn is gu bheil leanabh aige a-nis agus, às dèidh sin, gu bheil Iain caillte — is marbh, thathar an dùil — aig blàr Bhatarlù. tha cridhe Màiri briste, is pòsaidh i fear eile (air a bheil Iain, cuideachd). aig a’ cheann thall, nuair a tha iad air fàs aosta, is an duine aig Màiri air bàsachadh, gheibhear a-mach gur e Iain eile a bha pòsta aig ban-Shasannaich, agus mu dheireadh thall tillidh an t-Iain ceart.

agus nuair a their mi “mu dheireadh thall”, tha mi a’ ciallachadh “air an latha ro dheireadh na nobhaile”, agus seo fear dhe na h-adhbharan a tha an nobhail seo nas fheàrr na Dùn-àluinn: ’s i Màiri prìomh-charactar na sgeulachd, is an sgeulaiche ga leantainn tro na bliadhnaichean aonaranach, seach a bhith a’ dol air ais is air adhart eadar caractaran is mion-sgeulachdan mar a rinn MacCormaig an Dùn-àluinn. tha an sgeulachd fhathast ga h-innse ann an dòigh car fad-às, ge-tà: tha an sgeulaiche a’ bruidhinn mar gum b’ e ball dhen a’ choimhearsnachd aig an àm a bh’ ann, a’ toirt sùil air cèilidhean — far an sgaoilear na naidheachdan as cudromaiche — agus, ann an sealladh eadar-amail làidir, a’ bruidhinn air fàsachadh Mhuile tron 19mh linn:

Chaidh an sluagh fhògradh air falbh bho na bruthaichean bòidheach air an d’ fhuair iad fhéin ’s an athraichean an àrach òg. Fhuair cuid bheag dhiubh crioman de fhearann creagach ri taobh a’ chladaich mu ’n cuairt an Rois; ach chaidh a’ mhòr chuid diubh air bòrd air luingeas mòr nan trì chrann àrd, a bha turamanaich gu bòidheach, inich air an cuid acraichean, am bàgh Bhun-easain an Loch Lathaich. Chaidh iad air tìr ’nan eilthirich air cladaichean aineol an tìribh céin: cuid an Astralia mhachaireach; cuid an Zealand-ùr nam bàgh ’s nam beann; agus a’ chuid mhòr an Canada fhuar, choillteach. Ach, mo thruaighe! bha feadhainn nach d’ ràinig riamh tìr, ’s a fhuair dachaidhean buan an grunnd a’ chuain mhòir. Bha fuaim fhalamh anns gach baile ’san Ros ’nan déigh. Far an robh mire nan òigear, is ceòl-gàire nam maighdeann, cha chluinnteadh ach mèilich nan caorach agus glaodh a’ chiobair [sic. Far an robh na ficheadan de ghillean òga, mileanta ’s de òighean ciùin, macanta, cha robh ach cìobair a mhàin; ’s a’ ghaoth ag osnaich am measg nam bruach no siubhal gu luath feadh tighean gun chinn.

ged a tha e coltach gun robh poileataigs MhicChormaig car neònach aig amannan, tha e follaiseach gun robh e a’ faireachdainn crìonadh nan coimhearsnachd mu thimcheall gu mòr, agus tha seo ga shealltainn tron a’ chòrr dhen nobhail, a chailleas na seirme dòchasaiche — a dh’aindeoin buaidh a’ chogaidh — a bh’ aice ron a seo. ged a thilleas Iain (dithis Iain, an da-rìribh), tha deireadh na nobhaile trom, muladach: Màiri air a bhith na h-aonar fad bhliadhnaichean, sluagh an eilein air fhògradh, is cuimhne nan daoine a bh’ ann air crìonadh gus nach eil ann ach cuid de sgeulachdan beul-aithriseach.

cha mhòr nach canainn nach robh fhios aig MacCormaig ciamar a bheireadh e an nobhail gu crìoch, oir tha an deireadh cho goirid an taca ris an deireadh fhada a bh’ aig Dùn-àluinn. ach cha chreid mi nach eil sin nas fheàrr: ciamar a dh’fhaodadh deireadh na nobhaile seo a bhith cho caithreamach ’s a tha deireadh Dhùin-àluinn, às dèidh a h-uile calla is a h-uile bàis — pàrantan Iain, màthair Màiri a thèid a bhàthadh, ... — is às dèidh a h-uile atharrachadh a thàinig air Muile san àm sin? tha sinn (no tha mise, co-dhiù) toilichte gu bheil Iain air tilleadh, ach aig a’ cheann thall chan eil ann ach ath-aonachadh searbh-mhilis. tha e gu math làidir.

theirinnsa cuideachd gu bheil rosg MhicChormaig nas fheàrr an seo na tha ann an Dùn-àluinn, ged nach eil e an-còmhnaidh làn-on. nan robh mi a’ dol a chàineadh rudeigin, b’ e an dòigh ’s a tha MacCormaig a’ dèiligeadh ris an arm, is e a’ saoilsinn air linn far an robh na Gàidheil aithnichte leis an stàit Bhreatannach mar dheagh shaighdearan is far nach robhar fhathast a’ cur sìos air cultar nan Gàidheal is gam fuadach on dachaighean. cha robh a leithid de linn ann, ge-tà, is ann an co-theacsa toiseach an 20mh linn, nuair a bha MacCormaig a’ sgrìobhadh, tha e a’ faireachdainn gu ìre mar sheòrsa fèin-fhiosrachaidh fhallsa, mar a their na Marcsaich — ag aithneachadh buaidh na h-ìmpireachd air a’ Ghàidhealtachd is a’ gearan gum bu chòir dha na Gàidheil a bhith a’ faighinn an fhaoibh dhlighich airson na seirbhis a nì iad, seach a bhith a’ diùltadh na h-ìmpireachd fhèin.

a dh’aindeoin seo, chòrd an leabhar seo rium gu mòr, agus mholainn mar leabhar e, seach dìreach air sgàth a’ chudruim eachdraidheil.

(air ais: prìomh-dhuilleag · lèirmheasan a rèir ùghdair · lèirmheasan a rèir dùthcha · lèirmheasan eile on Rìoghachd Aonaichte)